Gaelic

Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week)

Is i Seachdain na Gàidhlig a’ chiad seachdain oifigeil gus cànan is cultar a chomharrachadh air feadh na h-Alba. Tha i ag amas air ìomhaigh na Gàidhlig a thogail tro iomairtean coimhearsnachd, pròiseactan is tachartasan, agus a’ toirt cothrom do luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (agus daoine aig nach eil facal!) pàirt a ghabhail ann an dòigh a fhreagras orra fhèin, ann an Alba agus air feadh an t-saoghail.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt taic do chànan is chultar na Gàidhlig agus air a bhith moiteil pàirt a ghabhail san tachartas gach bliadhna o chaidh a stèidheachadh o chionn trì bliadhna. Cumaibh sùil air na meadhanan sòisealta airson barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn Seachdain na Gàidhlig 2025:

Gheibhear tuilleadh a-mach mu iomairt Seachdain na Gàidhlig agus mun sgioba air a cùlaibh, a bharrachd air tuilleadh fiosrachaidh mu naidheachdan is mu thachartasan an seo agus thall-thairis aig seachdainnagaidhlig.scot.


Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) is the first official nationwide language and culture week to be held in Scotland. It aims to raise the profile of Gaelic through community initiatives, projects and events, and provides the opportunity for both Gaelic speakers and those without the language to take part in a way that suits them, here in Scotland and across the globe.

The Highland Council supports Gaelic language and culture and is proud to have participated in the event each year since it was established three years ago. Keep an eye on our social media for more information about Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week) 2025:

Find out more about the Seachdain na Gàidhlig initiative and the team behind it, as well as further information about news and events here and abroad at seachdainnagaidhlig.scot.