Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 20 February 2014

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na ComhairlePrìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, airDiardaoin 20 Gearran 2014 aig 10.30m

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.


Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.


Leis gach deagh dhùrachd,


Michelle Morris

Iar-Àrd-Oifigear

Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.


Gnothachas


1. Leisgeulan

2.  Foillseachaidhean Com-pàirt


Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo.  Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt.  Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

4. Plana Gàidhlig 2012-16 – Dreachd Ciad Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2012-12 airson Bòrd na Gàidhlig       

Tha Aithisg Àir. GIG-01-14 (132kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt dreachd den Chiad Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail co-cheangailte ri Plana Gàidhlig na Comhairle 2012-16, airson aontachadh.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.   beachdachadh air an Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2012-13; agus 
ii.  aontachadh air an Dreachd Deireannach den Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 
    airson a cur gu Bòrd na Gàidhlig.

5. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas” – Aithisg Bhuileachaidh     

Tha Aithisg Àir. GIG-02-14 (74kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios às ùr do Bhuill mu bhuileachadh Phlana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas”.

Thahtadr ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i. beachdachadh air adhartas air buileachadh Cuspair na h-Ealain, na Meadhanan 
    agus Dualchas anns a’ Phlana Gàidhlig 12-16; 
ii. aontachadh gun tèid leantainn le taic airson gnìomhan is iomairtean àrd inbhe 
    airson a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2014 ann an Inbhir Nis; 
iii. aontachadh gun leanar le ar co-obrachadh le Fèis Rois; 
iv. aontachadh gun leanar le ar-com-pàirteachas le Ro-innleachd Nàiseanta nan 
    Ealain Ghàidhlig; 
v. aontachadh gun lean a’ Chomhairle ag obrachadh le com-pàirtichean gus 
    tachartasan ealain, mheadhanan is chultarail àrd inbhe a chumail air 
    Ghàidhealtachd airson buannachdan eaconamach a thabhann taobh a-staigh 
    sgìre na Comhairle; 
vi. aontachadh am fheum as fheàrr a dhèanamh den phrògram Mhuinntireas aig 
     Sabhal Mòr Ostaig co-cheangailte ri ar Meòrachan Tuigse; 
vii. aontachadh taic a thoirt seachad airson an turas sa Mhàrt de sgoilearan à 
     Acadamaidh Dalbrae, ann am Mabou, Ceap Breatainn fon Mheòrachan Tuigse 
     againn le Raighaltas Roinneil Alba Nuadh; agus 
viii. aontachadh obrachadh a dh’ionnsaigh ùrachadh den Mheòrachan Tuigse le Alba 
      Nuadh timhcheall air àm a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail san Dàmhair 2014. 

6. Taisbeanadh bho Fhèisean nan Gàidheal

Tha Aithisg Àir.GIG-03-14 (38kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agis an Spòrs a’ toirt cunntas goirid air gnìomhan Fhèisean nan Gàidheal agus an obair com-pàirteachais leantainneach eadar iomairt nam Fèisean agus Comhairle na Gàidhealtachd.  Tha an aithisg cuideachd a’ cur fàilte air Art MacCarmaig, Àrd-Oifigear Fèisean nan Gàidheal, a bheir seachad taisbeanadh do Bhuill.  

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.   beachdachadh air an taisbeanadh;
ii.  aontachadh gun dèan Oifigearan measadh air a’ phrògram pìolait Fèisgoil sa 
    Bhun-sgoil ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd; 
iii. aontachadh gun lean co-obrachadh air pròiseactan, a’ gabhail a-steach 
    Fèis Blas, ann a bhith a’ feuchainn ris a’ Phlana Gàidhlig agus a’ Chùmhnant 
    Lìbhrigeadh Seirbheis a bhuileachadh; agus 
iv. aontachadh coimhead air obair com-pàirteachais a dh’fhaodadh taic a thoirt do, 
    agus am buaidh as fheàrr fhaighinn à, Iomal a’ Mhòid 2014 ann an Inbhir Nis.

7. Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd 2014    

Tha Aithisg Àir. GIG-04-14 (32kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 air a cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs a’ toirt fiosrachadh às ùr air Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd – grunn thachartasan air an cur air dòigh air Ghàidhealtachd, co-cheangailte ri tachartasan nàiseanta Tilleadh Dhachaigh 2014 aig Eventscotland.  Tha co-obrachadh air an iomairt seo ga dhèanamh eadar Sgioba na Gàidhlig, Oifigear Tachartais na Comhairle, Oifigear Leasachaidh Turasachd agus luchd-obrach Dàimh Poblach.  

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn aontachadh gun dèan Oifigearan cinnteach gum faigh Gàidhlig inbhe cho àrd sa ghabhas ann an tachartasan Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd, a bhios na phàirt de Tilleadh Dhachaigh Alba 2014.

8. Iomairt Sgriobhadh Cruthachail Gàidhlig do Sgoilearan na Gàidhealtachd

Tha Aithisg Àir. GIG-05-14 (31kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 air a cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mun chiad ìre den Iomairt Sgrìobhadh Cruthachail Gàidhlig ann an Sgoiltean a chaidh a chumail eadar an t-Sultain is toiseach an Dàmhair 2013. Chaidh am pròiseact seo a dhèanamh gus feuchainn ri targaidean sa Phlana Gàidhlig a bhuileachadh.  Tha an aithisg cuideachd a’ togail aire chun a mholaidh airson an dàrna ìre den Phrògram Sgrìobhaidh Cruthachail a tha a’ gabhail a-steach earann stèidhte air a’ chuspair Tilleadh Dhachaigh, mar aithne air a’ bliadhna seo ga comharrachadh mar bhliadhna Tilleadh Dhachaigh Alba 2014.  

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an Aithisg agus aontachadh gun tèid Aithisg eile fhaighinn air an dàrna ìre den phròiseact Sgrìobhadh Cruthachail Gàidhlig.

9. Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba MG ALBA 2014

Tha Aithisg Àir. GIG-06-14 (33kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 air a cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu na th’ air tachart gu ruige seo a thaobh Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba MG Alba na bliadhna seo a tha gu bhith air an cumail ann an Inbhir Nis, agus a thèid a chraoladh beò air BBC Alba, san Dùbhlachd 2014.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i. beachdachadh air an Aithisg agus air an obair airson na Duaisean Trad a thoirt 
   chun na Gàidhealtachd; agus 
ii. aontachadh gun leanar air adhart ag obrachadh còmhla ri MG Alba agus Hands 
   Up for Trad gus dèanamh cinnteach gum bi an tachartas air leth soirbheachail 
   agus a’ togail inbhe na Gàidhlig gu h-ionadail agus gu nàiseanta. 

10. FilmG Presentation

Tha Aithisg Àir. GIG-07-14 (40kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 air a cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs a’ toirt fiosrachadh air a’ phròiseact FilmG a tha stèidhte aig Sabhal Mòr Ostaig agus a tha air pròiseactan ealain is meadhanan air leth soirbheachail a chruthachadh ann an Sgoiltean na Gàidhealtachd.  Tha an aithisg cuideachd a’ cur fàilte air Stiùiriche Pròiseict FilmG, Flòraidh Forest, agus dithis sgoilear a tha a’ gabhail com-pàirt sa phròiseact.  

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i. beachdachadh air an taisbeanadh; agus 
ii. aontachadh gun lean a’ Chomhairle le bhith a’ toirt taic do FilmG le bhith a’ 
   brosnachadh sgoiltean gus gabhail com-pàirt; agus le bhith a’ tabhan co-
   obrachadh is taic tron Sgioba Gàidhlig far a bheil sin iomchaidh.