Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 20 February 2014
Minutes: Read the Minutes
Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin, 20 Gearran 2014 aig 10.30m.
An làthair:
Mgr S Friseal (Cathraiche), Mgr C Friseal, Mgr C MacAmhlaidh, Mgr S MacGilleBhrath, Mgr C MacLeòid, Mgr A M Mac a’ Mhuilleir, Mgr F Parr, A’ Bh-uas M E NicPheadrais
A’ frithealadh na coinneimh:
Mgr Ù Friseal, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs
Mgr C A Moireach, Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs
A’ Bh-uas Mòrag Anna NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas F NicBheathain, Rianaire Comataidh, Oifis an Àrd-Oifigeir
Cuideachd an làthair:
Mgr A Carmaig, Àrd-Oifigeir, Fèisean nan Gàidheal
Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.
Gnothach
An Toiseach
1. Leisgeulan
Ghabhadh leisgeulan às leth Mhgr S Farlow, an Dr A Nic na Ceàrdaich agus Mhgr I Ghòrdain.
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
Cha robh Foillseachaidhean Com-pàirt ann.
3. Naidheachdan Matha
Chuireadh liosta de Naidheachdan Matha fa chomhair nam Ball agus, às dèidh cuid de na cuspairean a shoilleireachadh, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na Naidheachdan Matha.
4. Plana Gàidhlig 2012-16 – Ciad Dhreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail airson 2012-13 airson Bòrd na Gàidhlig
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-01-14 (132kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt dreachd den Chiad Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail a thaobh Plana Gàidhlig na Comhairle airson 2012-16, airson aonta.
B’ e seo a’ chiad aithisg bhuileachaidh bhliadhnail a bha a’ toirt cunntas air an adhartas a rinneadh fo na còig cuspairean ann am Plana Gàidhlig 2012-16 agus mar a bha seo a’ ceangal ri amasan a’ Phlana Nàiseanta. Bha an aithisg na riatanas reachdail fo Achd na Gàidhlig 2005 agus, mus deidheadh a cur air adhart gu Bòrd na Gàidhlig airson aonta, dheidheadh am fiosrachadh as ùire mu staitistig foghlaim Gàidhlig, pròiseactan eadar-theangachaidh agus goireasan sgoile a chur rithe.
Rè a’ chòmhraidh, thogadh na puingean a leanas:-
bu chòir dhan aithisg, seach gur e Plana Reachdail le aonta na Comhairle a bha seo, a bhith air a taisbeanadh do choinneamh den làn-Chomhairle, gus cunntas a thoirt seachad mun obair a bhathar a’ gabhail os làimh;
às dèidh moladh gum bu chòir a dhol gu Bòrd na Gàidhlig gus còmhradh mu dhòighean sam b’ urrainnear ìomhaigh na Gàidhlig a thogail aig Fèill Rìoghail na Gàidhealtachd ann an Dùn Èideann, chaidh moladh gum bu chòir an toiseach oidhirp a dhèanamh gus ìomhaigh na Gàidhlig a thogail aig Fèill an Eilein Duibh agus Fèill Sithinn na Mòigh;
bu chòir buaidh buileachadh nan 600 uair a thìde de Ionnsachadh Tràth agus Cùram-chloinne, mar a tha seo a’ buntainn ri FtG, a bhith air aithris aig an ath choinneamh den Bhuidhinn; agus
seach gun robh àireamh luchd-amhairc BBC Alba a’ fàs, bhiodh e cuideachail nan robh dòigh ann air an aithisg a chonaltradh riutha. A thaobh seo, chaidh moladh gum bu chòir fios naidheachd a chur a-mach aon uair ’s gun robh Aithisg Bhuileachaidh a’ Phlana Ghàidhlig 2012-13 air a h-aontachadh le Bòrd na Gàidhlig.
Às dèidh beachdachadh air an Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail, mar a thathar a’ mìneachadh gu h-àrd, DH’AONTAICH a’ Bhuidheann:-
i. an Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail Dheireannach airson a cur a-steach gu
Bòrd na Gàidhlig le bhith a’ gabhail a-steach dàta taic ùraichte mu fhoghlam
Gàidhlig, obair eadar-theangachaidh agus goireasan;
ii. gun deidheadh aithisg mu bhuileachadh nan 600 uair a thìde de
Ionnsachadh Tràth agus Cùram-chloinne maoinichte, mar a bha e a’
buntainn ri FtG, a thoirt chun na h-ath choinneimh den Bhuidhinn;
iii. fios naidheachd a sgaoileadh mu Aithisg Bhuileachaidh a’ Phlana Ghàidhlig às
dèidh aontachadh le Bòrd na Gàidhlig;
iv. moladh dhan a’ Chomhairle gun deidheadh Aithisg Bhuileachaidh
chrìochnaichte a ghabhail a-steach air a’ chlàr-gnothaich airson coinneamh
den làn-Chomhairle; agus
v. sgrùdadh a dhèanamh air dòighean gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh aig Fèill
an Eilein Duibh agus Fèill Sithinn na Mòigh.
5. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas” – Aithisg Bhuileachaidh
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-02-14 (74kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios às ùr do Bhuill mu bhuileachadh Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas” de Phlana Gàidhlig 2012-16.
Thug an aithisg geàrr-chunntas air caochladh phròiseactan a bhathar a’ gabhail os làimh gus coinneachadh ri riatanasan Cuspair 3, mar a leanas: BBC Alba; LearnGaelic.net; Fèis Rois; Prògram Còmhnaidheach an t-Sabhail Mhòir; Fèis nam Meadhanan Ceilteach; Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014; agus am Meòrachan Tuigse le Riaghaltas Roinneil na h-Albann Nuaidhe.
Rè a’ chòmhraidh, chuir Buill fàilte air an raon phròiseactan a bha a’ dol air adhart, agus shoilleirich iad feadhainn anns an robh ùidh shònraichte aca. Chaidh moladh gun deidheadh cuireadh a thoirt do Bhuill de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig, agus Buill Inbhir Nis, chun an tachartais ann an Talla Baile Inbhir Nis air 7 Màrt 2014 gus fàilte a chur air na daoine òga bho Acadamaidh Dhail a’ Bhràigh, Mabou, Ceap Breatainn, a bha an lùib sgoilearachd Ghàidhlig.
Às dèidh iarraidh gun deidheadh meal-a-naidheachd a chur, às leth na Buidhne, air am Mischa Macpherson Trio airson an cuid soirbheachais ann an Duaisean Ceòl Dùthcha Òigridh BBC Radio 2 a chumadh san Royal Albert Hall, Lunnainn, air 19 Gearran 2014, DH’AONTAICH a’ Bhuidheann:-
i. leantainn air adhart le taic airson gnìomhachd agus com-pàirteachas ìomhaigh
àird airson Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis ann an 2014;
ii. leantainn air adhart a’ co-obrachadh le Fèis Rois;
iii. leantainn air adhart le com-pàirteachas le Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealan
Gàidhlig;
iv. gun lean a’ Chomhairle air adhart ag obair le com-pàirtichean gus
aoigheachd a thoirt do thachartasan ìomhaigh àird a’ buntainn ris na h-
ealain, na meadhanan agus cultar sa Ghàidhealtachd, gus buannachdan
eaconamach a thoirt seachad taobh a-staigh sgìre na Comhairle;
v. am feum as fheàrr a dhèanamh de phrògram Còmhnaidheach an t-Sabhail
Mhòir ann an co-bhoinn ris a’ Mheòrachan Thuigse a th’ againn còmhla;
vi. taic a thoirt airson tadhal sa Mhàrt bho sgoilearan bho Acadamaidh Dhail a’
Bhràigh ann am Mabou, Ceap Breatainn, fon Mheòrachan Thuigse le
Riaghaltas Roinneil na h-Albann Nuaidhe;
vii. obrachadh gu ruige ùrachadh den Mheòrachan Thuigse le Alba Nuadh mu
àm a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail san Dàmhair 2014;
viii. iarraidh gun deidheadh cuireadh a thoirt do Bhuill eile den Bhuidhinn gu
tachartas ann an Talla Baile Inbhir Nis air 7 Màrt 2014 gus fàilte a chur air
daoine òga bho Acadamaidh Dhail a’ Bhràigh, Mabou, Ceap Breatainn, a bha
an lùib sgoilearachd Ghàidhlig; agus
ix. meal-a-naidheachd a chur, às leth na Buidhne, air am Mischa Macpherson
Trio airson an cuid soirbheachais ann an Duaisean Ceòl Dùthcha Òigridh BBC
Radio 2.
6. Taisbeanadh Fèisean nan Gàidheal
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-03-14 (38kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt sealladh coitcheann den ghnìomhachd aig Fèisean nan Gàidheal agus an obair chom-pàirteach a bha a’ dol air adhart eadar gluasad nam Fèisean agus Comhairle na Gàidhealtachd. Chuir an Aithisg cuideachd fàilte air Art Carmaig, Àrd-Oifigear Fèisean nan Gàidheal.
Thug Mgr Carmaig seachad taisbeanadh a’ mìneachadh prìomhachasan Fèisean nan Gàidheal, gu sònraichte taic airson Fèisean ionadail, leasachadh cànan na Gàidhlig, leasachadh sgilean agus solarachadh chothroman leithid cùrsaichean, cuairtean cèilidh, sgoiltean dràma agus Blas. Chaidh innse gur e buidheann a bh’ ann am Fèisean nan Gàidheal a bha a’ solarachadh seirbheisean, le buidhnean eile fo sgèith. Bha 21 de na 44 Fèisean a’ gabhail àite ann an coimhearsnachdan taobh a-staigh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd. Bha staitistig a’ sealltainn gun deach ceangal a dhèanamh le 3,800 neach tro na Fèisean ann an 2012-13, le mu £1.7m ga chosg ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd mar thoradh air a seo.
Bha a’ Ghàidhlig bunaiteach do gach pàirt den obair aig Fèisean nan Gàidheal, bha 6 Fèisean air an cumail gu tur sa Ghàidhlig agus bha farsaingeachd phròiseactan eile dà-chànanach, am measg sin dràma agus ceòl ann an sgoiltean. Às dèidh mìneachadh a thoirt air na caochladh thobraichean maoineachaidh, chuir Mgr Carmaig fàilte air Fèisgoil, Seirbheis ùr Ealain agus Cànain Gàidhlig airson Foghlam agus a’ Choimhearsnachd. Bha Fèisgoil ag amas air raon farsaing chothroman a thoirt seachad a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach cuideachadh le poileasaidh Riaghaltas na h-Alba airson a bhith ag ionnsachadh cànain, an Iomairt 1+2. Ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd, bha Fèisgoil a’ dèanamh pìolat de 10 seachdainean de leasanan Gàidhlig ann an 7 bun-sgoiltean ann an Loch Abar agus Gallaibh. Bha fios air ais gu ruige seo air sealltainn gun robh buaidh mhath aig an Fhèisgoil air a’ chloinn agus air na tidsearan, agus bha seo mar thoradh air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig tro cheòl agus òrain.
Ann a bhith a’ toirt geàrr-chunntas, chaidh taing a nochdadh do thaic leantainneach Chomhairle na Gàidhealtachd airson nam pròiseactan, agus mòran dhiubh a’ cur ri Prògram na Comhairle, agus bha Mgr Carmaig an dòchas gun tigeadh maoineachadh leantainneach fhathast bhon Chomhairle agus àiteachan eile.
Rè a’ chòmhraidh, nochd Buill cho luachmhor ’s a bha Fèisean nan Gàidheal agus mhol iad gun robh e cudromach gun robh an obair aca air a thoirt gu aire nam Ball uile. Chaidh dearbhadh, aon uair is gun robh Fèisgoil air na 10 seachdainean de dh’oideachadh Gàidhlig a ghabhail os làimh ann an sgoiltean ann an Loch Abar agus Gallaibh, gun deidheadh measadh a dhèanamh air a’ phròiseact agus gun deidheadh cunntas a thoirt dhan Bhuidhinn. Bhathar den bheachd gun robh e cudromach gun robh gach pròiseact eile leithid seo, mar Fèisgoil, Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig sa Bhun-sgoil agus an Iomairt 1+2, air an ceangal agus air an co-òrdanachadh ri chèile.
A’ tionndadh gu Fèis Bhlas, mhìnich Mgr Carmaig gun deach an àireamh a bu mhotha thachartasan a chaidh riamh a chumail, a chumail ann an 2013. Bha làthaireachd aig a’ chiad thachartas de dh’Fhèis Bhlas ann an Inbhir Pheofharain air a bhith na b’ ìsle na bha dùil, ach bhathar an dòchas, san àm ri teachd, gun tigeadh piseach air a seo fhad ’s a bhiodh an tachartas a’ fàs. Ged a bha Blas a’ leudachadh nan àiteachan san robh na tachartasan air an cumail gach bliadhna, bha an dearbh àireamh thachartasan is fhèisean a dh’fhaodadh a bhith air an cur air dòigh gach bliadhna anns gach àite an crochadh air maoineachadh leantainneach.
Às dèidh beachdachadh air an taisbeanadh, DH’AONTAICH a’ Bhuidheann:-
i. gun dèanadh Oifigearan measadh air prògram pìolait Fèisgoil na Bun-sgoile
ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd;
ii. leantainn air adhart a’ co-obrachadh air pròiseactan leithid Fèis Bhlas nuair a
bhathar a’ sireadh buileachadh Plana na Gàidhlig agus a’ chùmhnant
Lìbhrigeadh Seirbheis; agus
iii. beachd fhaighinn air obair chom-pàirteach a bhiodh freagarrach gus taic a
chur ri, agus am feum as fheàrr a dhèanamh den bhuaidh aig, Iomall a’
Mhòid 2014 ann an Inbhir Nis.
7. Tilleadh dhan Ghàidhealtachd 2014
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-04-14 (32kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios às ùr mu Thilleadh dhan Gàidhealtachd – sreath thachartasan a bhathar a’ cur air dòigh sa Ghàidhealtachd, ann an co-bhoinn ri cuirmean Tilleadh Dhachaigh Nàiseanta 2014 aig EventScotland. Bha Sgioba na Gàidhlig, Oifigear Thachartasan, Oifigear Leasachaidh Turasachd, agus luchd-obrach Dàimh Phoblaich na Comhairle a’ cumail chòmhraidhean mun iomairt seo.
Mar phàirt de gheàrr-chunntas den aithisg, chaidh mìneachadh gun robh còmhraidhean a’ dol air adhart le luchd-eagrachaidh nan tachartasan gus dèanamh cinnteach gun robh a’ Ghàidhlig follaiseach mar phrìomh phàirt de thachartasan Tilleadh dhan Ghàidhealtachd, a bharrachd air tachartasan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail.
Chaidh iarrtas a dhèanamh gun cuidicheadh Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig le bhith a’ sgrùdadh thobraichean maoineachaidh airson Urras Càraidh a’ Chaibeil Ghàidhlig a bhathar a’ cur air bhonn ann an Cromba.
DH’AONTAICH a’ Bhuidheann:-
i. gun dèanadh oifigearan cinnteach gum biodh ìomhaigh cho àrd ’s a
ghabhadh aig a’ Ghàidhlig taobh a-staigh thachartasan Tilleadh dhan
Ghàidhealtachd, a bhiodh nam pàirt de Thilleadh Dhachaigh Alba 2014; agus
ii. gum bruidhneadh Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig agus Mgr C Friseal mu
dhòighean gus taic a thoirt do dh’Urras Càraidh a’ Chaibeil Ghàidhlig.
8. Iomairt Sgrìobhadh Cruthachail Gàidhlig do Sgoilearan na Gàidhealtachd
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-05-14 (31kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios do Bhuill mun chiad cheum den Iomairt airson Sgrìobhadh Cruthachail Gàidhlig ann an Sgoiltean, a bha air gabhail àite eadar Sultain agus tràth san Dàmhair 2013. Chaidh am pròiseact seo a ghabhail os làimh gus targaidean a bhuileachadh ann am Plana na Gàidhlig. Shoilleirich an Aithisg cuideachd an dàrna ceum a bhathar a’ moladh a thaobh Prògram an Sgrìobhaidh Chruthachail agus a bha a’ gabhail a-steach farpais stèidhichte air cuspair Tilleadh Dhachaigh, mar aithne do Thilleadh Dhachaigh Alba 2014 na bliadhna seo.
Bha tòrr sgoiltean Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air com-pàirt a ghabhail ann am Bùithtean-obrach Sgrìobhadh Cruthachail a bha air an stiùireadh le Dòmhnall S Moireach, ùghdar, bàrd, neach-naidheachd agus tidsear àrd-sgoile. Bha foirmean measaidh air reata soirbheachais 98.8% a shealltainn. Bhiodh an dàrna ceum den phròiseact a’ tighinn gu buil le farpais airson Sgoilearan Bun-sgoile agus Àrd-sgoile FtG uile a bha an lùib sgoilearachd Ghàidhlig, agus dheidheadh na buadhaichean ainmeachadh aig Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis san Dàmhair 2014.
DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gum faigheadh iad Aithisg a bharrachd mun dàrna ceum den phròiseact Sgrìobhadh Cruthachail Gàidhlig.
9. Duaisean Ceòl Traidiseanta Albannach MG ALBA 2014
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-06-14 (33kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios do Bhuill mu leasachaidhean gu ruige seo a thaobh Duaisean Ceòl Traidiseanta MG ALBA a bha gu bhith air an cumail ann an Inbhir Nis, agus a bhiodh air an craoladh beò air BBC Alba, san Dùbhlachd 2014.
Bha na Duaisean a’ gabhail àite air stèidh bhliadhnail, aig diofar àiteachan air feadh na dùthcha, le amas aire a tharraing gu gach cruth de cheòl Gàidhlig agus de cheòl traidiseanta na h-Alba. Chaidh an craoladh beò air MG ALBA airson na sia bliadhna mu dheireadh mar thaisbeanadh dà-chànanach sa Ghàidhlig agus sa Bheurla agus b’ e seo aon de na craolaidhean leis an àireamh a b’ àirde de luchd-amhairc a chaidh riamh a-mach air MG ALBA, le àireamhan luchd-amhairc os cionn 500,000. Ann an 2014, dheidheadh na Duaisean a chumail ann an Inbhir Nis agus bhathar an dùil gun toireadh seo buannachd mhòr dhan Ghàidhealtachd.
Às dèidh fàilte a chur air na Duaisean Traidiseanta chun na Gàidhealtachd, DH’AONTAICH a’ Bhuidheann leantainn air adhart ag obair le MG ALBA agus Hands Up for Trad gus dèanamh cinnteach gun robh an tachartas soirbheachail dha-rìribh agus a’ toirt ìomhaigh àrd dhan Ghàidhlig gu h-ionadail agus gu nàiseanta.
10. Taisbeanadh FilmG
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-07-14 (40kb pdf) le ceann-latha 8 Gearran 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh mu phròiseact FilmG a bha stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig agus a bha air pròiseactan co-obrachail ealain agus meadhanan a thoirt seachad airson Sgoiltean na Gàidhealtachd.
Bhathar an dùil gun toireadh Flòraidh Forest, Stiùiriche Pròiseact FilmG, agus dà sgoilear a bha a’ gabhail com-pàirt sa phròiseact, taisbeanadh seachad. Ach ri linn suidheachadh ris nach robh dùil, cha b’ urrainn dhaibh a bhith an làthair aig a’ choinneimh agus mhol Buill gum faodadh iad tighinn gu coinneamh san àm ri teachd agus am pròiseact aca a thaisbeanadh.
DH’AONTAICH a’ Bhuidheann:-
i. gun leanadh a’ Chomhairle air adhart a’ toirt taic do FilmG le bhith a’
brosnachadh sgoiltean gus com-pàirt a ghabhail agus le bhith a’ toirt
ceangal is taic seachad tro Sgioba na Gàidhlig, far an robh sin iomchaidh;
agus
ii. gun deidheadh an taisbeanadh mu FilmG a thoirt seachad dhan Bhuidhinn
aig coinneamh san àm ri teachd.
Chrìochnaich a’ choinneamh aig 11.40m.
- Item 4 Plana Gàidhlig 2012-16 Report, 131.28 KB
- Item 5 Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig.. Report, 73.02 KB
- Item 6 Taisbeanadh bho Fhèisean nan Gàidheal Report, 37.59 KB
- Item 7 Tilleadh Dhachaigh na Gàidhealtachd 2014 Report, 31.29 KB
- Item 8 Iomairt Sgriobhadh Cruthachail Gàidhlig do Sgoilearan na Gàidhealtachd Report, 30.81 KB
- Item 9 Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba MG ALBA 2014 Report, 32.6 KB
- Item 10 FilmG Presentation Report, 39.58 KB