Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 23 May 2013
Agenda: Read the Agenda
Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar 3, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, An t-Eilean Sgitheanach, air Diardaoin 23 Cèitean 2013 aig 2.00 f.
Bidh còmhdhail a’ fàgail Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, aig 8 m air 23 Cèitean, le dùil Sabhal Mòr Ostaig a ruigheachd gus an clàr a leanas a ghabhail os làimh:
10.30 m – 11 m Fàilte, Cofaidh agus Teatha aig Seann Togalach Colaiste an t-Sabhail Mhòir
11 m – 1 f Coimhead air làrach Leasachadh Baile Chill Bhig, le cuairt às dèidh sin timcheall goireasan na Colaiste agus Fàs. Thathar a’ moladh brògan làidir airson turas Chill Bhig.
1 f – 2 f Lòn
2 f – 4 f Coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear
Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.
Gnothachas
1. Facal fàilteachaidh bhon Chathraiche agus Comharrachadh 40mh Ceann-bliadhna an t-Sabhail Mhòir
2. Leisgeulan
3. Foillseachaidhean Com-pàirt
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
4. Taisbeanadh bho Phrionnsapal an t-Sabhail Mhòir
Tha Aithisg Àir. GIG-6-13 (96kb pdf) le ceann-latha 13 Cèitean 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ cur fàilte air Prionnsapal an t-Sabhail Mhòir, An t-Ollamh Boyd Robasdan, a bheir seachad taisbeanadh mun t-Sabhal Mhòr. Tha an Aithisg cuideachd a’ toirt brath-ullachaidh do Bhuill mu eachdraidh an t-Sabhail Mhòir agus a’ toirt fiosrachadh mu iomairtean làithreach.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:
i. toirt fa-near do na tha anns an aithisg; agus
ii. beachdachadh air na puingean a thugadh am follais san taisbeanadh.
5. Meòrachan Tuigse eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Sabhal Mòr Ostaig – Cunntas as ùr mu Chom-pàirteachas
Tha Aithisg Àir. GIG-7-13 (24kb pdf) le ceann-latha 13 Cèitean 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu adhartas leis a’ Mheòrachan Thuigse eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Sabhal Mòr Ostaig.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near do dh’adhartas a thaobh nan gnìomhan a ghabhadh os làimh fo sgèith Chòmhlan-obrach a’ Mheòrachain Thuigse.
6. Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig – Pròiseactan 2013-14 agus Aithisgean Deireannach Phròiseactan 2012-13
Tha Aithisg Àir. GIG-8-13 (58kb pdf) le ceann-latha 10 Cèitean 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt sealladh coitcheann do Bhuill air na pròiseactan dhan deach tagraidhean a chur gu Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig am-bliadhna 2013-14, agus a’ toirt seachad nan aithisgean deireannach airson nam pròiseactan a chaidh a lìbhrigeadh ann an 2012-13.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near agus beachdachadh air na pròiseactan dhan deach tagraidhean a chur a-steach gu Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig ann an 2013-14 agus aithisgean lìbhrigidh phròiseactan 2012-13.
7. Buileachadh Plana Gàidhlig 2012-16 – Buidheann Ceangail Thar-seirbheis na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. GIG-9-13 (23kb pdf) le ceann-latha 10 Cèitean 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu thuilleadh adhartais ann a bhith a’ buileachadh Plana Gàidhlig 2012-16 thar Seirbheisean na Comhairle.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:
i. toirt fa-near do thuilleadh com-pàirteachais thar-Seirbheis ann a bhith a’
buileachadh Plana na Gàidhlig; agus
ii. aontachadh gum faighear aithisgean adhartais mu ghnìomhan seirbheis san
àm ri teachd a thaobh a bhith a’ buileachadh Plana na Gàidhlig.
8. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas”: Aithisg Bhuileachaidh
Tha Aithisg Àir. GIG-10-13 (34kb pdf) le ceann-latha 10 Cèitean 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, gu sònraichte Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas.”
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:
i. toirt fa-near do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair nan Ealan,
nam Meadhanan agus an Dualchais ann am Plana Gàidhlig 2012-16;
ii. aontachadh taic a thoirt do ghnìomhachd is chom-pàirteachasan le ìomhaigh
àrd airson Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis ann an 2014; agus
iii. aontachadh gun obraich a’ Chomhairle le com-pàirtichean gus aoigheachd a
thoirt sa Ghàidhealtachd do thachartasan le ìomhaigh àrd, a’ buntainn ri
ealain, meadhanan is cultar na Gàidhlig, gus buannachdan eaconamach a
thoirt seachad taobh a-staigh sgìre na Comhairle.
9. Taisbeanadh bho Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich
Tha Aithisg Àir. GIG-11-13 (31kb pdf) le ceann-latha 9 Cèitean 2013 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ cur fàilte air taisbeanadh le Mgr Iain Moireasdan, Àrd-oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich, mu ghnìomhachd chom-pàirteach agus le fios as ùr mu eagrachadh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014 ann an Inbhir Nis.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:
i. aontachadh taic a thoirt do dh’obair chom-pàirteach leantainneach eadar a’
Chomhairle agus An Comunn Gàidhealach;
ii. toirt fa-near do dh’adhartas a thaobh Mòd Nàiseanta Rìoghail 2014; agus
iii. beachdachadh air taisbeanadh Mhgr Iain Mhoireasdain.
- Item 4 GIG 613 Report, 95.71 KB
- Item 5 GIG 713 Report, 23.72 KB
- Item 6 GIG 813 Report, 57.71 KB
- Item 7 GIG 913 Report, 22.55 KB
- Item 8 GIG 1013 Report, 33.41 KB
- Item 9 GIG 1113 Report, 30.14 KB