Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 22 August 2013
Minutes: Read the Minutes
Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin, 22 Lùnastal 2013 aig 2.15f.
An làthair:
Mgr D Fallows (ball-ionaid), Mgr S Farlow, Mgr S Friseal, Mgr I Gòrdain, Mgr C MacAmhlaigh, Mgr S MacGilleBhrath, Mgr C MacLeòid, Mgr A M Mac a’ Mhuilleir, A’ Bh-uas M E NicPheadrais
A’ frithealadh na coinneimh:
Mgr Ù Friseal, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs
Mgr C Moireach, Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair is an Spòrs
A’ Bh-uas Mòrag Anna NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair is an Spòrs
A’ Bh-uas Dolina Ghrannd, Oifigear Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair is an Spòrs
A’ Bh-uas Mairead Mulholland, Oifigear Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair is an Spòrs
A’ Bh-uas Shona NicPhàdraig, Oifigear Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair is an Spòrs
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas F NicBheathain, Rianaire Comataidh, Oifis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas T Bangor-Jones, Neach-cuideachaidh Rianachd, Oifis an Àrd-Oifigeir
Cuideachd an làthair:
Mgr C I MacLeòid, Manaidsear Leasachaidh, Comunn na Gàidhlig
Mgr D I Mac an t-Saoir, Stiùiriche, Comann an Luchd-ionnsachaidh (CLI Gàidhlig)
Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Comataidh.
Mgr S Friseal sa Chathair
Gnothach
1. Leisgeulan
Ghabhadh leisgeulan às leth Mhgr C Fhriseil, Mhgr F Parr agus an Dr A Nic na Ceàrdaich.
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
Cha robh Foillseachaidhean Com-pàirt idir ann.
3. Cumhachdan Fosaidh
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR nach deach na Cumhachdan Fosaidh a bhuilich a’ Chomhairle aig coinneamh an 27 Ògmhios 2013 a chleachdadh a thaobh gnothaich Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig.
4. Naidheachdan Matha
Dh’innis an Cathraiche na Naidheachdan Matha don bhuidhinn, a bha a’ gabhail a-steach nan cuspairean a leanas:
adhartas air na Bun-sgoiltean ùra Gàidhlig ann am Port Rìgh agus sa Ghearasdan;
stèidheachadh Roinn Ghàidhlig ùr ann am Bun-sgoil Mount Pleasant, Inbhir Theòrsa;
obrachadh com-pàirteach le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus buidhnean eile air pròiseact rannsachaidh a’ coimhead air luach eaconamach is sòisealta na Gàidhlig mar sho-mhaoin;
Bha a Mhòrachd Rìoghail, Diùc Baile Bhòid, air aoigheachd a thoirt do chuirm ann an Lùchairt Thaigh an Ròid, Dùn Èideann, gus 40mh Ceann-bliadhna an t-Sabhail Mhòir (SMO) a chomharrachadh;
Bha Seachdain Gàidhlig Theaghlaichean aig gabhail àite eadar 1-5 Iuchar ann an Sabhal Mòr Ostaig;
an t-ath-bhreithneachadh a bhathar a’ dèanamh air a’ Mheòrachan Thuigse le Riaghaltas Roinneil na h-Albann Nuaidhe;
bha an com-pàirteachas le Ainmean-Àite na h-Alba a’ sìor leasachadh, le iomlan de 272 ainm air an rannsachadh eadar Giblean agus Iuchar;
75mh Ceann-bliadhna Colaisde na Gàidhlig ann an Ceap Breatainn ga chomharrachadh am-bliadhna; agus
Fèis Blas ga cumail bhon 5-14 Sultain.
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do na Naidheachdan Matha.
5. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san
Dachaigh agus sa Choimhearsnachd” – Aithisg Bhuileachaidh
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-12-13 (47kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchar 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a thug fios do Bhuill mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd”.
Rè geàrr-chunntas den aithisg, chaidh fiosrachadh mionaideach a thoirt seachad mu ghnìomhachd leantainneach. Chaidh aire a tharraing do ghnìomhachd a bha a’ toirt taic dhan Ghàidhlig tro fhoghlam ro-sgoile, prògraman gnìomhachd air an eagrachadh tro bhun-sgoiltean is àrd-sgoiltean, ionnsachadh inbheach agus com-pàirteachas coimhearsnachd. Chaidh cunntas as ùr a thoirt seachad mun adhartas a bhathar a’ dèanamh ann an raon farsaing chlasaichean Gàidhlig ionadail agus chaidh innse gun robh feum air ath-sgrùdadh air an iarrtas a bh’ ann airson clasaichean Gàidhlig sa Ghàidhealtachd.
Mhol an Cathraiche an aithisg agus dhaingnich e cho cudromach ’s a bha e rannsachadh a dhèanamh gus dèanamh cinnteach gun robhar a’ coinneachadh ri feumalachdan coimhearsnachd ann an dòigh iomchaidh.
Mar fhreagairt do cheistean nam Ball, chaidh mìneachadh:
cha robh fios fhathast cuin a bhiodh staitistig ri fhaotainn bho Chunntas-sluaigh 2011, a’ toirt fios mun àireimh dhachannan san robhar a’ bruidhinn na Gàidhlig; agus
ann an iomadh sgìre, gu tric bha clasaichean Ulpan gu leòr ann gus leigeil le daoine clasaichean ath-thòiseachadh aig ìre iomchaidh às dèidh briseadh.
Bheachdaich Buill cuideachd:
seach gun robh 135 com-pàirteach ann an seachdain theaghlaichean SMO a chumadh san Iuchar 2013, bu chòir beachdachadh air an tachartas a chumail a-rithist rè mìosan a’ gheamhraidh;
bha feum air tuilleadh obrach gus ùidh a thogail ann an Gàidhlig ann an Cataibh an Ear, agus dh’fheumadh a’ Chomhairle barrachd obrach a dhèanamh gus luchd-obrach a bhrosnachadh gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh. Bha tuilleadh fiosrachadh mun a seo air a ghabhail a-steach nas anmoiche sa chlàr-gnothaich.
An dèidh sin:
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas ann a bhith a’ cur an gnìomh
Cuspair na Dachaigh is na Coimhearsnachd ann am Plana Gàidhlig 2012-16;
ii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh an ìre chun a bheil a’ Chomhairle a’
lìbhrigeadh a thaobh na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd a
chur am follais;
iii. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan sgrùdadh a rinneadh mu Ionnsachadh
Inbheach a thaobh na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd;
iv. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh leantainn air adhart le obrachadh tar
-bhuidhneach gus togail is cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an
dachannan, sgoiltean agus coimhearsnachdan; agus
v. DH’AONTAICHEADH gun obraicheadh a’ Chomhairle le Bòrd na Gàidhlig
agus com-pàirtichean eile gus raon stòrasan Ionnsachadh Inbheach a
chruthachadh airson na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach stuthan air-loidhne is eile
gus taic a thoirt do phàrantan sgoilearan FtG.
6. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann
am Foghlam” – Aithisg Bhuileachaidh
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-13-13 (61kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchair 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh as ùr do Bhuill mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam.” Bha e cuideachd a’ toirt fiosrachadh mu adhartas le leasachaidhean ùra sna h-earrainnean Ro-sgoile, Bun-sgoile agus Àrd-sgoile, a’ gabhail a-steach Roinn ùr airson Foghlam Bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa agus cur air bhog mapa-lìn ùr na Comhairle airson Foghlam Gàidhlig.
Ann an geàrr-chunntas mun aithisg, chaidh dearbhadh gun robh a’ Chomhairle, ann an 2012, air a dhol an lùib pròiseact chom-pàirteach le Bòrd na Gàidhlig gus taic is leasachadh a thoirt air earrainn 0-3 thràth-bhliadhnaichean a bhiodh air a h-eagrachadh gu proifeiseanta, air a deagh ghoireasachadh, a bhiodh ann san fhad-ùine, agus a bhiodh seasmhach. Bha an obair seo a’ leantainn air adhart tro thaic mhaoineachaidh bho Mhaoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig agus bha seo fìor shoirbheachail le 20 buidheann ro-sgoile saor-thoileach, a’ toirt Gàidhlig do 302 leanabh. Thugadh seachad fiosrachadh mu na h-àireamhan iomlan sgoilearan gach bliadhna ann an solar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd bho 2007.
Chaidh aire shònraichte a tharraing do dh’fhosgladh Roinn ùr Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann am Bun-sgoil Mount Pleasant, Inbhir Theòrsa às dèidh grunn bhliadhnaichean de dh’oidhirp is de leanailteachd bho phàrantan. Bhathar air adhartas a dhèanamh cuideachd le Bun-sgoiltean Gàidhlig a sheasadh leotha fhèin, agus cead dealbhaidh airson sgoil a’ Ghearasdain air a dhol a-steach air 21 Ògmhios 2013 agus an sgoil ann am Port Rìgh air aonta foirmeil fhaighinn bhon a’ Chomhairle a thaobh a pasgain ionmhasail air 27 Ògmhios 2013.
A bharrachd, chaidh dearbhadh gun robh obair air a dhol air adhart agus air tighinn gu buil a thaobh a’ ghealltanais ann am Plana na Gàidhlig gus mapa air-loidhne a dhèanamh, a’ sealltainn àiteachan far an robh a’ Chomhairle a’ toirt seachad foghlam Gàidhlig Sgoil-àraich, Bun-sgoile no Àrd-sgoile.
Bhathar air mapa-lìn a dhèanamh, a’ sealltainn nan solaraichean Foghlam Gàidhlig 3-18 uile taobh a-staigh an Ùghdarrais agus, tro cheangal-lìn, chaidh an goireas fiosrachaidh ùr poblach seo a shealltainn do Bhuill, mus deidheadh a chur air bhog às dèidh na coinneimh.
Mar fhreagairt do bheachdan is cheistean bho Bhuill, chaidh mìneachadh:
ged a bha e cudromach daoine a bhrosnachadh gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a thaghadh, bu chòir dòigh-obrach ro-innleachd a ghabhail os làimh gus dèanamh cinnteach nach robhar a’ togail dhùilean dhaoine gun goireasan gu leòr a bhith ann gus coinneachadh ri iarrtas sam bith a bhathar a’ cruthachadh; agus
gun deach buidseat Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig sa Bhun-sgoil bho Riaghaltas na h-Alba a lùghdachadh gu £20mìle, ged a bha an tuaiream a bha ga thaghadh air àrdachadh. Bhathar a’ dol a dhèanamh sgrùdadh air seo.
Rè na deasbaireachd, mhol Buill gum bu chòir dhan a’ Chomhairle cothrom gu leòr a thoirt dhan luchd-obrach gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh, agus thugadh iomradh sònraichte air cho cudromach ’s a bha e Ceannardan-sgoile ‘còmhlain-sgoiltean’ a bhrosnachadh gus com-pàirt a ghabhail ann an seiseanan trèanaidh gus aire a thogail mun a’ Ghàidhlig. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd nach bu chòir maill a bhith san obair air sgoiltean Gàidhlig Phort Rìgh agus a’ Ghearasdain, agus bhathar a’ moladh pròiseactan a thoirt air adhart nas luaithe nan gabhadh sin dèanamh.
Chaidh dragh a nochdadh mu mheud-comais Bun-sgoil Inbhir Pheofharain san àm ri teachd, seach gun robh grunn leasachaidhean taigheadais air an togail no buailteach a bhith air an togail. Ged nach robh am pròiseact an-dràsta air a ghabhail a-steach sa phlana chalpa, chaidh daingneachadh gun robhar a’ cumail sùil gheur air clàr na sgoile. Mar fhreagairt do cheist mu bhith dh’fhaodte a’ cleachdadh talamh mu choinneamh na sgoile airson Bun-sgoil Ghàidhlig a sheasadh leatha fhèin, thabhainn an Stiùiriche am fiosrachadh as ùire a thoirt dhan Bh-uas NicPheadrais.
Mar fhreagairt do cheistean bho Mhgr Mac a’ Mhuilleir, thabhainn an Stiùiriche fiosrachadh a thoirt seachad mu na bha de chuspairean rim faotainn ann an àrd-sgoiltean, tro mheadhan na Gàidhlig, san dà bhliadhna mu dheireadh. Cuideachd, dheidheadh fiosrachadh a thoirt seachad mu adhartas làithreach a thaobh solar Sgoil-àraich Ghàidhlig ann am Port Rìgh, agus dheidheadh am fiosrachadh seo cuideachd aithris chun na Comataidh Sgìreil iomchaidh.
As dèidh sin:
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan adhartas ann a bhith a’ buileachadh
Cuspair an Fhoghlaim ann am Plana Gàidhlig 2012-16;
ii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh an ìre chun a bheil a’ Chomhairle a’
lìbhrigeadh a thaobh Foghlam Gàidhlig a chur am follais;
iii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh fàilte a chur air obair chom-pàirteach,
a bha a’ ciallachadh gun robh adhartas cudromach ann an earrainnean nan
tràth-bhliadhnaichean, na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile;
iv. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh mapa-lìn Foghlam Gàidhlig na
comhairle fhoillseachadh;
v. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh fiosrachadh a thoirt do Mhgr D Mac a’
Mhuilleir mun àireimh chuspairean a bha air an teagasg tro mheadhan na
Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean san dà bhliadhna mu dheireadh;
vi. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh fiosrachadh a thoirt dhan Bh-uas M
NicPheadrais mun t-suidheachadh làithreach a thaobh talamh a dh’fhaodadh
a bhith ri fhaotainn ann an sgìre inbhir Pheofharain airson Bun-sgoil Ghàidhlig;
agus
vii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh fiosrachadh a thoirt do Mhgr D Mac a’
Mhuilleir mun adhartas làithreach a thaobh solar Sgoil-àraich Ghàidhlig ann
am Port Rìgh.
7. Pròiseactan Maoinichte leis a’ Chomhairle ann an Com-pàirteachas le
Comunn na Gàidhlig
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-14-13 (29kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchar 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a bha a’ toirt fios as ùr do Bhuill mu obair chom-pàirteach le Comunn na Gàidhlig (CnaG) mu na h-iomairtean dhan robh Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt taic agus pàirt-mhaoineachadh.
Thug Mgr Calum Iain MacLeòid, Stiùiriche Leasachaidh ChnaG, seachad taisbeanadh mu chuid de na h-iomairtean, a’ toirt sealladh farsaing mun bhuaidh a th’ aca air leasachadh Gàidhlig, le iomradh sònraichte air a’ Phlana Ghàidhlig, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd.” Chumadh oifigearan CnaG agus na Comhairle air adhart ag obrachadh còmhla gus stiùireadh, eagrachadh agus brosnachadh a thoirt do na h-iomairtean seo a bha a’ toirt iomadh buannachd do chom-pàirtichean uile, gu h-àraid a thaobh a bhith a’ neartachadh an sgilean cànain is cosnaidh agus a’ meudachadh reata gleidhidh dhaoine òga ann an coimhearsnachdan ionadail.
Thug Mgr MacLeòid an uair sin sealladh coitcheann air dà iomairt shònraichte, mar a leanas:
Cuach na Cloinne, co-fharpais nàiseanta ball-coise do Bhun-sgoiltean Gàidhlig ann an Alba. Bha 37 sgioba air a bhith a’ farpais bho 20 sgoil eadar-dhealaichte, agus cha robh ach a’ Ghàidhlig a-mhàin air a labhairt tron fharpais; agus
Sgeama Greis-Gnìomhachais, sgeama greis-gnìomhachais samhraidh do dh’oileanaich a bha, bho 2005, air buannachd a thoirt do 216 oileanach, a bha air àiteachan fhaighinn airson deich seachdainean ann am buidhnean far an robhar a’ cleachdadh na Gàidhlig mar phrìomh chànan. Den £200 san t-seachdain a bha oileanaich a’ faighinn, bha a’ bhuidheann chun an robh iad a’ dol a’ pàigheadh £100 agus bha an còrr air a mhaoineachadh le CnaG.
Thug an Cathraiche taing do Mhgr MacLeòid airson an taisbeanaidh aige agus, mar fhreagairt do cheistean nam Ball, chaidh na leanas a mhìneachadh:
Cha robh CnaG an-dràsta an lùib Sgeama Duais Diùc Dhùn Èideann ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd ach bha iad ag obair le sgeama coltach ris a bha Urras Iain Muir a’ ruith sa Ghàidhealtachd. Bhathar a’ dol air adhart le obair Sgeama Duais Diùc Dhùn Èideann sna h-Eileanan Siar agus bhathar a’ dèanamh sgrùdadh gus seo a leudachadh chun na Gàidhealtachd; agus
B’ e Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean a’ phrìomh bhuidheann fo chùmhnant 4-bliadhna airson Sgeama Greis-Gnìomhachais Samhraidh nan Oileanach, a bha gu bhith air ùrachadh san t-Sultain 2013. Bha Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean air an obair seo a chur a-mach gu tairgse agus bha CnaG air tagradh airson a’ chùmhnaint, a bha fhathast ri thoirt seachad. Ach, bhathar an dùil gun leanadh an sgeama air adhart ge brith cò bhuannaicheadh an cùmhnant. Sa chumantas bha maoineachadh Ùghdarrais Ionadail airson na h-iomairt air a shireadh gach bliadhna.
As dèidh sin:
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh;
ii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh leantainn air adhart leis a’ chom
-pàirteachas gus na trì Cuspairean buntainneach ann am Plana Gàidhlig 2012
-16 a lìbhrigeadh; agus
iii. DH’AONTAICHEADH gun dèanadh oifigearan na Comhairle sgrùdadh air
mar a dh’fhaodadh a’ Chomhairle greis-gnìomhachais bho Ghreis
-gnìomhachais Samhraidh nan Oileanach a chleachdadh.
8. Siostam Dèanadais agus Rianachd Cunnairt – Plana na Gàidhlig
Thug Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig seachad taisbeanadh a thug sealladh farsaing air adhartas ann a bhith a’ sgrùdadh is a’ buileachadh Plana na Gàidhlig 2012-16, a’ cleachdadh an t-Siostaim Dèanadais agus Measadh Cunnairt (SDMC).
An dèidh fios fhaighinn gun cuidicheadh SDMC ann a bhith a’ deasachadh aithisg bhliadhnail do Bhòrd na Gàidhlig, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan an taisbeanadh.
9. Pròiseactan Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig 2013-14
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-15-13 (38kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchar 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt sealladh coitcheann do Bhuill mu phròiseactan soirbheachail Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig airson 2013-14.
Chaidh daingneachadh gun deach Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig a stèidheachadh gus taic a thoirt do dh’iomairtean a bha a’ leasachadh meud-comais nan Ùghdarrasan Poblach gus Planaichean Gàidhlig a bh’ ann mar-thà no a dh’fhaodadh a bhith ann a lìbhrigeadh, agus gus taic a thoirt do dh’amasan Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17 ‘àrdachadh a thoirt air an àireamh dhaoine a tha ag ionnsachadh, a’ labhairt agus a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba.’ Chuir a’ Chomhairle tagradh a-steach gu Bòrd na Gàidhlig airson maoineachadh Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig airson ceithir pròiseactan airson 2013-14, agus bha trì air a bhith soirbheachail, mar a leanas:
Ro-innleachd Taic airson Gàidhlig Thràth-bhliadhnaichean 0 gu 3 ann an Sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd (Pìolat 3 Bliadhna)
Oifigear Choimhearsnachd Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis (BSGI)
Solar Chlasaichean Gàidhlig Ionnsachadh Inbheach
Chaidh sealladh coitcheann a thoirt seachad, a bharrachd air fios mu ullachaidhean com-pàirteach gus pròiseactan a lìbhrigeadh agus amasan is cuimsean farsaing gach pròiseact. Chaidh daingneachadh gur dòcha gun deidheadh ath-mheasadh a dhèanamh air a’ phròiseact nach robh soirbheachail, fon ainm Gaisgich Choimhearsnachd, ro dheireadh na bliadhna nam biodh maoineachadh ri fhaotainn.
As dèidh sin:
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do na trì pròiseactan GLAIF a bha
soirbheachail airson 2013-14;
ii. DH’AONTAICHEADH gun dèanadh oifigearan ceangal le Bòrd na Gàidhlig
gus na pròiseactan soirbheachail airson GLAIF 2013-14 a chomharrachadh
agus fios fhaighinn mu chothroman gus ath-mheasadh a dhèanamh air
Gaisgich Choimhearsnachd; agus
iii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh aithisg dheireannach fhaighinn mu
bhuileachadh pròiseactan GLAIF ann an 2014.
10. Comann an Luchd-Ionnsachaidh (CLI Gàidhlig)
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-16-13 (24kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchar 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ cur fàilte air Mgr D I Mac an t-Saoir, Stiùiriche Comann an Luchd-ionnsachaidh (CLI Gàidhlig). Thug Mgr Mac an t-Saoir seachad taisbeanadh mun dreuchd, raon-ùghdarrais agus obair san robh CLI an sàs an-dràsta a thaobh na Gàidhlig san Dachaigh agus ann an Coimhearsnachdan.
Thug D I Mac an t-Saoir, Stiùiriche CLI Gàidhlig, seachad taisbeanadh far an do dhearbh e gu bheil CLI Gàidhlig a’ coimhead às dèidh feumalachdan luchd-ionnsachaidh is luchd-labhairt na Gàidhlig, an dà chuid ann an Alba agus air feadh an t-saoghail. Chaidh fiosrachadh a thoirt seachad mu phrìomh raon-ùghdarras agus seirbheisean na buidhne, a bharrachd air na pròiseactan san robh e an lùib. Bha CLI Gàidhlig ag amas air a bhith ag obair gu dlùth le buidhnean-gnìomha eile, leithid Bòrd na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal agus Comunn na Gàidhlig, gus cleachdadh na Gàidhlig san dachaigh, ann am foghlam, sa choimhearsnachd agus san àite-obrach a mheudachadh. Chleachdadh a’ bhuidheann na h-amasan a tha air am mìneachadh ann am Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig mar stiùir airson a’ phlana ro-innleachdail aice airson nan 4 bliadhna air thoiseach agus choimheadadh i ri bhith a’ toirt taic, a’ togail air agus a’ cuideachadh nan dèidhean agus nam mòr-mhiannan a tha air an gabhail a-steach ann am Plana na Comhairle.
Lean Mgr Mac an t-Saoir air adhart a’ mìneachadh gu bheil na cnapan-starra mu choinneamh adhartais a’ sgaoileadh bho cus bhuidhnean Gàidhlig a bhith ann chun an fheum airson barrachd taic a thaobh na Gàidhlig do phàrantan sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FtG). Ach, bha grunn shoirbheasan cudromach air a bhith ann agus bha seo ri fhaicinn san iarrtas fhàsmhor airson FtG agus ann an soirbheas fhàsmhor BBC Alba. A’ tionndadh gu dòighean sam faodadh CLI Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd a chuideachadh leis a’ Phlana Ghàidhlig aca, dh’fhaodadh iad cuideachadh a thoirt seachad gus ìomhaigh na Gàidhlig a thogail tro bhith a’ sanasachd seirbheisean na Comhairle tro làrach-lìn CLI agus tro bhith a’ dèanamh ceangal le Sgioba na Gàidhlig le beachdan mu dhòighean gus seirbheisean a neartachadh. A bharrachd, dh’fhaodadh CLI cuideachadh a thoirt seachad le maoineachadh do dh’oileanaich is oidean, greisean-gnìomhachais do sgoilearan agus le bhith a’ tabhann diofar sheòrsachan chùrsaichean gus a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh san àite-obrach. Bha luach eaconamach cudromach ri bhuannachd às an seo, mar eisimpleir cosnadh airson oidean, trèanadh oileanach agus cuideachadh le bhith a’ lorg sgoilearan is tidsearan aig am faodadh ùidh a bhith ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.
Chaidh CLI Gàidhlig a chur air bhonn ann an 1984 agus, gus an 30mh Ceann-bliadhna seo a chomharrachadh, bha co-thachartas gu bhith air a chur air dòigh ann an 2014, le còmhraidhean mu dheidhinn seo gu bhith air a ghabhail os làimh le oifigearan na Comhairle.
Rè na deasbaireachd, bheachdaich Buill gun robhar a’ cur luach air na puist-d a bha a’ tighinn gach mìos le fiosrachadh mu na clasaichean Ulpan a bha ri fhaotainn agus na cuairt-litrichean dealanach a bha a’ tighinn bho CLI Gàidhlig gach ràithe. Bhathar cuideachd toilichte gun robh a’ Ghàidhlig air a gabhail a-steach mar phàirt de na pannalan fiosrachaidh aig Dualchas Nàdair na h-Alba ann am Geo-phàirc Ceann a Tuath na Gàidhealtachd.
Bha na soidhnichean seo a’ cuideachadh gus an ceangal cudromach eadar an cruth-tìre nàdarra agus a’ Ghàidhlig a dhaingneachadh agus bha iad cuideachd nam fianais gun robhar a’ sìor gabhail ri dà-chànanas air soidhnichean. Bha iùl-chuairtean ‘Ainmean-Àite’, air an stiùireadh le Ruairidh MacIlleathain, air a bhith soirbheachail agus bhathar an dòchas gun deidheadh an dèanamh a-rithist, le taic dh’fhaodte bho Dhualchas Nàdair na h-Alba. Dheidheadh beachdachadh cuideachd air a bhith a’ mion-atharrachadh nan cuairtean do chloinn a bharrachd air inbhich.
Nochd Buill taic do CLI Gàidhlig agus dhan Chomhairle a bhith a’ leantainn air adhart ag obair còmhla gus Cuspair 1 de Phlana na Gàidhlig “A’ Ghàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd” agus Cuspair 4 “A’ Ghàidhlig san Àite-obrach” a chur an gnìomh. Às dèidh sin, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh.
11. Mòd Nàiseanta Rìoghail – Inbhir Nis 2014
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-17-13 (22kb pdf) le ceann-latha 31 Iuchar 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a thug fios as ùr do Bhuill mu adhartas agus leasachadh gu ruige seo a thaobh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a dheidheadh a chumail ann an Cathair-bhaile Inbhir Nis san Dàmhair 2014.
Chaidh fios a thoirt do Bhuill mun adhartas a bhathar a’ dèanamh an ceartuair a thaobh Buidheann-ceangail a’ Mhòid, a bha air coinneachadh air 25 Ògmhios 2013 agus a choinnicheadh a-rithist tràth as t-Foghar. Leanadh Oifigearan na Comhairle air adhart ag obair gu dlùth leis a’ Chomunn Ghàidhealach agus le Cathraiche na Comataidh Eagrachaidh Ionadail gus dèanamh cinnteach gum biodh Mòd Tilleadh Dhachaigh 2014 na phrìomh thachartas airson na dùthcha ann an 2014 agus gum biodh àrdachadh san àireimh dhaoine a bhiodh a’ gabhail com-pàirt agus a’ tadhal air Inbhir Nis agus an sgìre mun cuairt. Bha còrr is 1,000 inntrigeadh air a bhith ann airson Mòd roinneil Inbhir Nis agus bha seo ri mholadh. Bhiodh figearan airson Mhòdan roinneil eile ri fhaighinn ro dheireadh Sultain 2013.
As dèidh sin:
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do leasachaidhean gu ruige seo suas gu Mòd
Tilleadh Dhachaigh 2014; agus
ii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh ceangal dlùth a chumail suas leis a’
Chomunn Ghàidhealach gu h-ionadail agus gu nàiseanta.
12. Buidheann Buileachaidh Gàidhlig na Samhna – Taisbeanadh le
Stiùiriche an Dealbhaidh agus an Leasachaidh
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR gun toireadh Stiùbhart MacIlleDhuibh, Stiùiriche an Dealbhaidh agus an Leasachaidh, seachad taisbeanadh goirid do Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig air 14 Samhain 2013, le taisbeanadh goirid mu chom-pàirteachas a Sheirbheis le Plana Gàidhlig 2012-16, agus mar a thathar ga chur an gnìomh.
Chrìochnaich a’ choinneamh aig 4.10f
- Item 5 GIG 1213 Report, 46.49 KB
- Item 6 GIG 1313 Report, 60.92 KB
- Item 7 GIG 1413 Report, 28.84 KB
- Item 9 GIG 1513 Report, 37.27 KB
- Item 10 GIG 1613 Report, 23.83 KB
- Item 11 GIG 1713 Report, 21.5 KB