Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 14 November 2013
Minutes: Read the Minutes
Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin, 14 Samhain 2013 aig 2.00f.
An làthair:
Mgr G Farlow, Mgr C Friseal, Mgr C MacAmhlaidh, Mgr S MacGilleBhrath, Mgr C MacLeòid, Mgr A M Mac a’ Mhuilleir, Mgr F Parr, A’ Bh-uas M E NicPheadrais, An Dr A Nic na Ceàrdaich
A’ frithealadh na coinneimh:
Mgr Ù Friseal, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs
Mgr S MacIlleDhuibh, Stiùiriche an Dealbhaidh agus an Leasachaidh
Mgr C Moireach, Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair is an Spòrs
A’ Bh-uas Mòrag Anna NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis an Fhoghlaim, a’ Chultair is an Spòrs
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Oifis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas F NicBheathain, Rianaire Comataidh, Oifis an Àrd-Oifigeir
Cuideachd an làthair:
An Dr D Ansdell, Ceannard Aonad na Gàidhlig agus na h-Albais, Riaghaltas na h-Alba
Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.
Gnothach
An Toiseach
Seach nach robh Mgr S Friseal an làthair DH’AONTAICH a’ Bhuidheann Mgr S Farlow a chur an dreuchd, a rèir Gnàth Riaghailt 11.1, agus às dèidh moladh is taic a chaidh a choileanadh gu dligheach.
1. Leisgeulan
Ghabhadh leisgeulan às leth Mhgr S Fhriseil agus Mhgr I Ghòrdain.
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
Cha robh Foillseachaidhean Com-pàirt idir ann.
3. Naidheachdan Matha
Às dèidh deasbaireachd mu ghrunn chuspairean Naidheachdan Natha (21kb pdf), chaidh na leanas a thogail:
bha e na bhriseadh dùil nach deach iomradh sònraichte a thoirt air soirbheasan Inbhir Pheofharain sa Mhòd Nàiseanta Rìoghail nuair a chaidh sgìrean eile ainmeachadh;
Chaidh fàilte a chur air fosgladh an Aonaid Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa, agus air an Deireadh-sheachdain Ionnsachadh Inbheach aig Loidse Ghleann Canaisp air 16 agus 17 Samhain 2013; agus
soirbheas an taisbeanaidh Ghàidhlig “Eun Bheag Chanaidh”, a chuireadh air geàrr-liosta ann an Earrainn nan Ealan agus a’ Chultair aig Duaisean Nàiseanta Gàidhlig 2013, agus bhathar an dòchas gun deidheadh barrachd thachartasan mar seo a bhrosnachadh ann an tallaichean-baile sa Ghàidhealtachd.
A bharrachd air a sin thug a’ Bhuidheann FA-NEAR do na Naidheachdan Matha a bha fan comhair.
4. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach” – Aithisg Bhuileachaidh
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-18-13 (40kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios às ùr do Bhuill mu bhuileachadh Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach” ann am Plana Gàidhlig 2012-16.
Chaidh aire a tharraing chun an dà ghealltanas ro-innleachdail airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach, a bha air am mìneachadh san aithisg, agus chaidh eisimpleirean pragtaigeach de chudromachd na Gàidhlig a thaobh an eaconamaidh a thoirt seachad. Bheachdaich Buill gun robh e na rùn airson na Gàidhlig a thaobh an eaconamaidh gum faigheadh a h-uile neach-ionnsachaidh Gàidhlig cosnadh air dhaibh an sgoil no foghlam adhartach fhàgail. Mar fhreagairt do cheistean a bharrachd, chaidh mìneachadh gun robh:
deasbaireachd a’ gabhail àite le VisitScotland agus buidhnean turasachd eile mu bhith a’ dèanamh margaideachd nas fharsainge air Fèis Bhlas agus am Mòd. Dheidheadh fios mu phrògramadh is margaideachd san àm ri teachd a thoirt air ais do Bhuill; agus
còmhradh a’ dol air adhart mun Mheòrachan Thuigse le Alba Nuadh, le planaichean ùrachadh rè a’ Mhòid Nàiseanta ann an 2014.
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Leasachaidh Eaconamaich sa Phlana Ghàidhlig agus DH’AONTAICHEADH:
i. gnìomhachd às ùr a bhrosnachadh a thaobh Com-pàirteachas Cosnaidh agus
Sgilean na Gàidhlig agus conaltradh le eòlaichean Rannsachadh Margaid-obrach
an Riaghaltais;
ii. margaideachd Dreuchdan agus Cothroman Obrach Gàidhlig a bhrosnachadh
taobh a-staigh Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Leasachadh Sgilean na h-
Alba agus càch;
iii. comas eaconamach chom-pàirteachasan àrach is a leasachadh, a’ gabhail a-
steach Fèis Bhlas, Fèisean nan Gàidheal, Fèis Rois agus An Comunn
Gàidhealach; agus
iv. rannsachadh a dhèanamh air dòighean gus tachartasan àrd-ìomhaigh a bhios
buannachdail dhan eaconamaidh agus dhan chultar a tharraing dhan
Ghàidhealtachd.
5. A’ Ghàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-19-13 (33kb pdf) le ceann-latha 28 Dàmhair 2013 le Stiùiriche an Dealbhaidh agus an Leasachaidh, a’ toirt fios às ùr do Bhuill mun t-suidheachadh làithreach a thaobh na buaidh a bha aig a’ Ghàidhlig ann a bhith a’ lìbhrigeadh phròiseactan leasachadh eaconamach sa Ghàidhealtachd.
Thug an aithisg taic do dh’amasan prògram phrìomhachasan na Comhairle, ‘Ag Obrachadh Còmhla airson na Gàidhealtachd.’ Chaidh an eaconamaidh a chomharrachadh mar aon de phrìomh chuspairean a’ phrògraim, agus thug am Plana Gàidhlig làithreach iomradh sònraichte air cho cudromach ’s a bha a’ Ghàidhlig mar sho-maoin a dh’fhaodadh leasachadh eaconamach a bhrosnachadh.
Chaidh grunn iomairtean leasachadh eaconamach a bha a’ toirt taic do Ghealltanasan Ro-innleachdan Leasachadh Eaconamach a’ Phlana Ghàidhlig a mhìneachadh san aithisg, agus is iad na gealltanasan iomairtean a chruthachadh is taic a thoirt dhaibh gus a’ Ghàidhlig a chleachdadh agus ìomhaigh na Gàidhlig a neartachadh taobh a-staigh leasachadh eaconamach coitcheann agus pròiseactan turasachd sa Ghàidhealtachd, agus obrachadh le com-pàirtichean gus ro-innleachdan a leasachadh airson margaid nan obraichean Gàidhlig, a’ gabhail a-steach comhairle dreuchdail, togail sgilean, foghlam adhartach agus àrd-ìre agus cothroman eòlas-obrach.
San taisbeanadh aige, thug Stiùiriche an Dealbhaidh agus an Leasachaidh iomradh air luach measraichte na Gàidhlig dhan eaconamaidh, a’ togail air figearan bho 1993, a bha a’ toirt dealbh de luach measraichte de £40m agus cruthachadh mu 1,000 obair. Bhiodh figearan làithreach gu math na b’ àirde agus, an ceartuair tha BBC Alba leis fhèin a’ toirt 17-20 obair a dh’Inbhir Nis. Chaidh eisimpleirean a thoirt de na dòighean san robhar a’ cleachdadh na Gàidhlig a thaobh leasachadh eaconamach, bho Sheirbheis nam Maor-dùthcha gu pròiseactan Turasachd, a’ gabhail a-steach tairgse a’ Chrannchuir Dualchais le Com-pàirteachas Nibheis gus pròiseactan a leasachadh ann an Gleann Nibheis. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air iomairtean coimhearsnachd a bha air gabhail àite tro LEADER na Gàidhealtachd, Iomairt Coimhearsnachd an Aonaidh Eòrpaich a bha ag amas air leasachadh eaconamach is coimhearsnachd a bhrosnachadh ann an sgìrean dùthchail. Bha Fèis Rois, mar eisimpleir, air tasgadh mu £66k fhaighinn. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air soirbheas leantainneach an t-Sabhail Mhòir a bha air a 40mh ceann-bliadhna a chomharrachadh, agus planaichean airson leasachadh na Cille Bige faisg air làimh, a bha air àm ri teachd eaconamach ceann a deas an Eilein Sgitheanaich a dhaingneachadh airson iomadh bliadhna ri teachd. Mu dheireadh, chaidh iomradh a thoirt air a bhith a’ meudachadh cleachdadh saor-thoileach na Gàidhlig le gnothachasan ionadail agus nàiseanta air na soidhnichean aca agus thugadh iomradh cuideachd air na co-dhùnaidhean a bha air am mìneachadh san aithisg, am measg sin gun robh a’ Chomhairle o chionn ghoirid air £5,000 a chur ri cosgais an rannsachaidh a bha a’ sgrùdadh dreuchd na Gàidhlig mar sho-mhaoin eaconamach a dh’fhaodadh a bhith air a cleachdadh ann an dòigh nas iomlaine, agus bha dùil ri aithisg air a seo tràth ann an 2014.
Rè a’ chòmhraidh, chuir Buill fàilte air an aithne a bha a’ Ghàidhlig a’ faighinn a-nis mar inneal eaconamach, a bharrachd air na soidhnichean a bharrachd a bha gnothachasan a’ cleachdadh a thaobh na Gàidhlig, agus thugadh grunn eisimpleirean seachad. Chaidh taic a nochdadh airson pròiseact na Cille Bige, agus obair làraich gu bhith a’ tòiseachadh tràth ann an 2014, agus airson ’s gun deidheadh a’ Ghàidhlig a thogail a-steach dhan a h-uile pròiseact leasachaidh eaconamach. Chaidh innse gun robh iomadh neach ann am fìor cheann a tuath na h-Alba a bha a’ taiceil dhan Ghàidhlig agus gum bu chòir an dà chuid cultar na Gàidhlig agus cultar Ghallaibh a bhrosnachadh is a chomharrachadh. Cha robh cus aithne air a bhith aig a’ Ghàidhlig aig aon àm ach, tron Chomhairle seo agus tro Rianachdan eile, bha beachdan air atharrachadh. Ach, a dh’ aindeoin seo bha e cudromach leantainn air adhart a’ coimhead air dòighean san robh sgìrean eile, leithid a’ Chuimrigh, air ath-bheothachadh a thoirt dhan chànan aca.
Thug a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan aithisg agus dhan taisbeanadh.
6. Meòrachan Tuigse le Sabhal Mòr Ostaig – Aithisg Phròiseactan
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-20-13 (19kb pdf) le ceann-latha 31 Dàmhair 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios do Bhuill mu adhartas gu ruige seo a thaobh nam pròiseactan air an robhar ag obair fon Mheòrachan Thuigse eadar a’ Chomhairle agus Sabhal Mòr Ostaig (SMO).
Chaidh innse gun robh an Còmhlan-obrach air coinneachadh mu dheireadh air 27 Lùnastal 2013, agus gun robh an ath choinneamh air dòigh airson an 3 Dùbhlachd 2013. Am measg nam pròiseactan làithreach bho Leasachadh Baile na Cille Bige, Pròiseact Litearras nan Inbheach, Sgeama Bhursaraidhean na Comhairle-UHI, 40mh Ceann-bliadhna SMO, Ceangalan le Ceap Breatainn agus Alba Nuadh, Leasachadh Ealain, Seachdain nan Teaghlaichean, Seachdain nan Deugairean (tachartas còmhnaidheach do dheugairean) agus App Dà-chànanach airson cothroman fiolmaidh a mhargaideachd san Eilean Sgitheanach.
Rè nan còmhraidhean, thog Buill na beachdan a leanas:
bha pròiseactan ealain a’ toirt seachad chothroman ionnsachaidh feumail;
dh’fhaodadh cuid den iarrtas airson Clasaichean Litearrais Gàidhlig a bhith air an leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach litearras sa Ghàidhlig;
a thaobh a bhith a’ leasachadh app nam meadhanan sòisealta, bha feum air maoineachadh gus app turasachd dà-chànanach a leasachadh, coltach ris na h-appan a bhathar a’ leasachadh airson na Beurla. Dh’fhaodadh cothroman ionnsachaidh a bhith ann do dhaoine òga gu sònraichte, tro app, agus bhathar a’ sgrùdadh seo mar phàirt den Phlana Ghàidhlig ann an com-pàirteachas le SMO. Bha cothrom ann gum faodadh maoineachadh airson pròiseact app a bhith air a shireadh tro Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) san àm ri teachd;
bhathar an dòchas gun gabhadh rudeigin coltach ri Seachdain nan Teaghlaichean no Seachdain Luchd-ionnsachaidh Inbheach aig Loidse Ghleann Canaisp a bhith air a sholarachadh airson Chataibh no Ceann a Tuath Siorrachd Rois; agus
bha tasglainn aig SMO a’ sealltainn gun robh Gluasad nan Sgoiltean Gàidhlig san Eilean Sgitheanach tràth san 19mh linn, air leughadh is sgrìobhadh sa Ghàidhlig a theagasg do chloinn, a’ cleachdadh a’ Bhìobaill. Bhiodh barrachd sgrùdaidh feumail a thaobh mar a dh’fhaodadh an t-inneal foghlaim tràth seo a bhith air a chleachdadh ann an comann-sòisealta an latha an-diugh gus am b’ urrainn do chloinn an cuid sgilean cànain a lìbhrigeadh gu am pàrantan.
DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun leanadh oifigearan air adhart ag obair is a’ cumail co-cheangal le oifigearan SMO a thaobh prìomh leasachaidhean a’ buntainn ris a’ Mheòrachan Thuigse.
7. Dàta Gàidhlig bho Chunntas-sluaigh 2011
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-21-13 (36kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ cur fàilte air taisbeanadh bhon Dr Dùghlas Ansdell, Ceannard Aonad na Gàidhlig agus na h-Albais aig Riaghaltas na h-Alba, a thug seachad sealladh coitcheann den dàta Ghàidhlig a chaidh a thoirt bho Chunntas-sluaigh 2011 agus suirbhidh de na prìomhachasan Gàidhlig mu dheireadh airson na Gàidhlig ann an Alba.
Bhathar air toraidhean a’ chunntais-sluaigh fhoillseachadh air 26 Sultain 2013 agus bha iad a’ sealltainn gun robh àrdachadh san àireimh dhaoine òga a b’ urrainn a’ Ghàidhlig a bhruidhinn, ged a bha lùghdachadh beag de 1.2% ann an àireamh iomlan luchd-labhairt na Gàidhlig bho 2001. Bhathar an dùil gum biodh fiosrachadh na bu mhionaidiche mu luchd-labhairt na Gàidhlig a rèir aois sa Ghàidhealtachd ri fhaotainn aig deireadh Samhain 2013. Bhathar an dùil gum biodh planaichean airson bun-sgoiltean ùra Gàidhlig ann am Port Rìgh agus anns a’ Ghearasdan agus fosgladh an Aonaid Ghàidhlig ann an Inbhir Theòrsa a’ toirt àrdachadh air a’ cheudad de sgoilearan a’ dol a-steach gu P1 FTG san àm ri teachd.
San taisbeanadh aige, chomharraich an Dr Ansdell nach robh am fiosrachadh cunntas-sluaigh a’ còmhdach ìre eòlais sa Ghàidhlig no cho tric ’s a bhiodh daoine ga cleachdadh, ach bha e fhathast a’ toirt dealbh fharsaing air luchd-labhairt làithreach na Gàidhlig. A’ cur an lùghdachaidh 1.2% (mu 1,000 neach-labhairt) eadar 2001 agus 2011 ann an co-theacsa, eadar 1991 agus 2001 bha lùghdachadh de 7,000 air a bhith ann, agus eadar 1981 agus 1991 bha lùghdachadh de 16,000 air a bhith ann. Bha an cunntas-sluaigh làithreach air meudachadh a shealltainn anns gach earrainn dhaibhsan fo aois 20 agus, gu nàiseanta, meudachadh beag san àireimh a bha ag ràdh gum b’ urrainn dhaibh a’ Ghàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh no a thuigsinn, seach a bruidhinn. Gu h-iomlan bha fàs misneachail ann an comas agus misneachd cànain agus bha seo a’ toirt teachdaireachd mhath seachad airson àm ri teachd cànan na Gàidhlig.
Thug Buill seachd na beachdan a leanas:
bha an cunntas-sluaigh air clàradh a dhèanamh air daoine a bha a’ faireachdainn gum b’ urrainn dhaibh a’ Ghàidhlig a leughadh, a sgrìobhadh no a thuigsinn gun a bhith ga labhairt, ach bha daoine ann cuideachd a b’ urrainn a’ Ghàidhlig a labhairt ach nach b’ urrainn a leughadh no a sgrìobhadh; agus
ged a bha barrachd thidsearan FTG ann na bha riamh roimhe, dh’fheumadh oidhirpean leantainn air adhart gus tuilleadh fhastadh an dà chuid airson na bun-sgoile agus na h-àrd-sgoile.
Mar fhreagairt do cheistean bho Bhuill, chaidh mìneachadh:
gur e glè bheag de theaghlaichean a bhruidhneadh a’ Ghàidhlig nach robh a’ cur an cuid chloinne gu Aonad TFG nuair a bha sin ri fhaotainn;
bhiodh Clàran Nàiseanta na h-Alba a’ foillseachadh anailis nas mionaidiche mu fhiosrachadh cunntas-sluaigh 2011 ann an 2014; agus
dheidheadh sgrùdadh a dhèanamh air mar a dh’fhaodadh an anailis a bu mhionaidiche de dhàta a’ chunntais-sluaigh a bhith air a chleachdadh gus tuilleadh leasachaidh a thoirt air Plana Gàidhlig 2012-16 na Comhairle.
Thug a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh.
8. Còmhraidhean mun Ghàidhlig le Leasachadh Sgilean na h-Alba
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-22-13 (30kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt pàirt de shealladh choitcheann na Buidhne mu bhuileachadh Cuspair Leasachadh Eaconamach ann am Plana Gàidhlig 2012-16. Thug an aithisg sealladh coitcheann do Bhuill mu chom-pàirteachas na Comhairle le Leasachadh Sgilean na h-Alba a thaobh mar a bhathar a’ buileachadh nam Planaichean Gàidhlig aca le chèile agus chaidh aithris gun do chumadh dà choinneamh tharbhach eadar Leasachadh Sgilean na h-Alba agus oifigearan Comhairle agus bhathar a’ cur coinneamh eile air dòigh, a’ com-pàirteachadh Bòrd na Gàidhlig, gus gnìomhan sònraichte aontachadh gus na cùisean a bha air am mìneachadh san aithisg a chur air adhart.
B’ e Leasachadh Sgilean na h-Alba aon de phrìomh luchd-maoineachaidh Deiseal Eta a bha air Ulpan a leasachadh agus chaidh aontachadh leotha gun cuireadh na toraidhean bhon ath-sgrùdadh air cothroman airson Ionnsachadh Gàidhlig Inbheach fios ri obrachadh com-pàirteach a dh’fhaodadh a bhith ann a thaobh ionnsachadh inbheach. Bhathar ag obair air pròiseactan eile, a’ gabhail a-steach Tachartasan Dreuchdail Gàidhlig, Teisteanas Cùram-chloinne agus Sgoil-àraich a dh’fhaodadh a bhith ann, Iomairtean Àite-obrach, Adhartas Ùraichte Nàiseanta a thaobh na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach agus Gàidhlig do Sheann Daoine ann an Cùram Sòisealta.
Rè nan còmhraidhean, chuir Buill fàilte air pròiseactan a bhathar a’ leasachadh, le iomradh sònraichte ga dhèanamh air na buannachdan a bha an lùib dà-chànanais ann a bhith a’ cur bacadh air seargadh-inntinn am measg sheann daoine agus na buannachdan matha a bha an lùib dhaoine òga a bhith comasach trèanadh gu h-ionadail airson teisteanasan cùram-chloinne agus sgoil-àraich. Chaidh iomradh a thoirt air taisbeanadh feumail a chaidh a thoirt seachad le Leasachadh Sgilean na h-Alba aig Comataidh Dealbhaidh, Àrainneachd agus Leasachaidh na Comhairle air 6 Samhain 2013, a dh’fhaodadh a bhith cuideachail do Bhuill.
Às dèidh sin:
i. Thugadh FA-NEAR dhan obair chom-pàirteach a bh’ ann mar-thà agus a
dh’fhaodadh a bhith ann eadar a’ Chomhairle agus Leasachadh Sgilean na h-
Alba;
ii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh leantainn air adhart le co-ghnìomhan a
thaobh nan clàran-gnothaich co-roinnte ann am Planaichean Gàidhlig Leasachadh
Sgilean na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd; agus
iii. DH’AONTAICHEADH gun deidheadh barantachadh a thoirt do mheasadh air
an iarrtas airson, agus a’ chomais sholarachaidh, a thaobh cothroman do
dhaoine nas sine a’ Ghàidhlig a labhairt is a chluinntinn taobh a-staigh solar cùraim
a tha air a mhaoineachadh gu poblach.
9. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” – Aithisg Bhuileachaidh
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG 23-13 (44kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios às ùr do Bhuill mu bhuileachadh Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” ann am Plana Gàidhlig 2012-16. Bha seo a’ toirt seachad fiosrachadh mu iomairtean aig ìre nàiseanta, mu chom-pàirteachas leantainneach le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Foghlam Alba; mu adhartas le leasachaidhean sna raointean Ro-sgoile, Bun-sgoile agus Àrd-sgoile agus a’ gabhail a-steach com-pàirteachas le iomairt 1+2 Chànan an Riaghaltais; agus suirbhidh thar na Gàidhealtachd de thidsearan gus feadhainn a dh’fhaodadh teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a chomharrachadh am measg an luchd-obrach a th’ ann mar-thà.
Chaidh cuideam a chur air gun robh an aithisg a’ gluasad air falbh o bhith a’ dealbhadh airson gnìomhan sònraichte gu bhith a’ leasachadh iomairtean, le obrachadh chom-pàirteach na rud bunaiteach aig gach ìre. Chaidh aire a tharraing gu bhith a’ cruthachadh Cheumannan ùra Gàidhlig agus Foghlam gus teagasg Gàidhlig fhurastachadh agus barrachd iarrtais fhathast ann an coimeas ri solar. Bha Sgioba na Gàidhlig air a bhith ag obair le feadhainn eile sa Chomhairle gus dèanamh cinnteach gun robh dòigh-obrach iomlan ga chleachdadh gus a’ Ghàidhlig a ghabhail a-steach an lùib phròiseactan, agus chaidh eisimpleir a thoirt seachad de phròiseact ùr Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis san robh a’ Ghàidhlig bho ìre thràth.
Bha àrdachadh cudromach air a bhith san àireimh chuspairean a bha rim faotainn tro mheadhan na Gàidhlig agus bhathar a’ cur cuideam air cho cudromach ’s a bha ceangal Tràth-bhliadhnaichean leis a’ Ghàidhlig. Chaidh soirbheas an Aonaid FTG ùir ann an Inbhir Theòrsa a chomharrachadh, agus chaidh aithris gun robh 7 sgoilearan ann am P1 agus 19 clàraichte san sgoil-àraich. Ach, bha feum air fòcas leantainneach gus sgoilearan a bhrosnachadh gus leantainn air adhart leis a’ Ghàidhlig bhon bhun-sgoil dhan àrd-sgoil.
Sa chòmhradh, mhol Buill gum biodh e feumail nam biodh cuideigin bhon Sgioba Ghàidhlig an làthair aig còmhraidhean mu Ath-sgrùdadh Oighreachd nan Sgoiltean Seasmhach aig Comataidhean Ro-innleachdail. Bheachdaich iad gun robh a’ bhileag a’ brosnachadh dà-chànanais, a bha pàrantan le clann a dh’fhaodadh a dhol gu P1 FTG air fhaighinn, air a bhith soirbheachail.
Mar fhreagairt do cheist mun taic a bha ri fhaotainn do thidsearan Gàidhlig, chaidh mìneachadh gun robhar a’ toirt seachad taic a rèir poileasaidh aig gach ìre, bhon sgoil-àraich suas gu àrd-sgoil, agus gun robh còmhraidhean a’ leantainn air adhart a thaobh co-dhiù a bha feum air Oifigear Foghlaim. Bha a’ Chomhairle air ùine-dheth pàighte a thoirt do thidsearan bun-sgoile agus àrd-sgoile gus obair leasachaidh phearsanta a ghabhail os làimh agus bhathar air buidheann fòcais ùr a stèidheachadh airson FTG, le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrsa sa Chathair, a’ coimhead air a’ chùis aig ìre nàiseanta. Bha na goireasan uile ann an raon na h-àrd-sgoile air an toirt còmhla air GLOW agus bha latha In-sheirbheis, a chaidh a stèidheachadh às ùr, air dòigh airson 21 Giblean 2014.
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim ann am Plana Gàidhlig 2012-16 agus DH’AONTAICHEADH:
i. gun leanadh Foghlam Gàidhlig air adhart mar phàirt de bhuileachadh na Comhairle
a thaobh Clàr-gnothaich Cànain 1+2 an Riaghaltais
ii. gun cleachdadh a’ Chomhairle gach slighe a bha ri fhaotainn gus cùisean a’
buntainn ri cruthachadh is eadar-theangachadh Ghoireasan Teagaisg Àrd-sgoile
sa Ghàidhlig a rèiteach;
iii. gun deidheadh ath-sgrùdadh nàiseanta a leantainn air adhart a thaobh nan
goireasan a bha rim faotainn airson Foghlam Gàidhlig agus na dòighean a b’
fheàrr gus prìomhachas a thoirt do bhith a’ cruthachadh Ghoireasan Gàidhlig thar
0-18;
iv. gun cumadh a’ Chomhairle còmhraidhean le co-obraichean ann an Riaghaltas na
h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig mu chùisean a’ buntainn ri goireasan san àm ri
teachd, ri linn nan leasachaidhean soirbheachail ann an Inbhir Theòrsa, Inbhir
Nis, an Gearasdan agus Port Rìgh; agus
v. gum biodh ball de Sgioba na Gàidhlig an làthair aig còmhraidhean mu Ath-
sgrùdadh nan Oighreachdan Sgoile Seasmhach aig Comataidhean Ro-innleachdail.
10. Am Mòd Nàiseanta Rìoghail sa Ghàidhealtachd
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-24-13 (20kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fios às ùr do Bhuill mun Mhòd Nàiseanta Rìoghail a tha gu bhith sa Ghàidhealtachd ann an 2014 agus 2017, a’ gabhail a-steach adhartas agus leasachadh gu ruige seo a thaobh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a bha gu bhith a’ gabhail àite ann an Cathair-bhaile Inbhir Nis san Dàmhair 2014.
Thug a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas a thaobh Mòd Inbhir Nis 2014 agus DH’AONTAICHEADH gun cuirear fàilte air a’ Mhòd a’ tilleadh a Loch Abar ann an 2017.
11. Plana a’ Dol air Adhart airson Chlàran-gnothaich 2014 agus Taisbeanaidhean bho Chom-pàirtichean
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG-25-13 (46kb pdf) le ceann-latha 1 Samhain 2013 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu raon chom-pàirtichean ris an robh ceangal cunbhalach aig a’ Chomhairle agus leis an robh am Plana Gàidhlig air a lìbhrigeadh. Mhol an Aithisg na Cuspairean Plana Gàidhlig air am bu chòir beachdachadh aig gach aon de na coinneamhan aig Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an 2014, agus clàr-ama de thaisbeanaidhean bho bhuidhnean com-pàirteach a chuireadh ri deasbad agus deasbaireachd mu bhuileachadh a’ Phlana.
Thug a’ Chomhairle taic airson cuid de choinneamhan na Buidhne a chumail taobh a-muigh Inbhir Nis san àm ri teachd agus, às dèidh deasbaireachd, chaidh a chur an cèill gum biodh e math coinneachadh sa Ghearasdan sa Chèitean 2014 agus tadhal air làrach na Sgoile Gàidhlig Ùir. Bha Buill an dòchas tadhal air an Aonad Ghàidhlig Ùr ann an Inbhir Theòrsa ach bhathar den bheachd gum biodh seo na b’ fheàrr ann an 2015 aon uair is gun robh e air a làn-stèidheachadh. Bu chòir beachdachadh cuideachd an dàrna cuid air coinneamh a chumail ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis san àm ri teachd no airson clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig tighinn gu coinneamh san t-Seòmar agus taisbeanadh a thoirt do Bhuill.
DH’AONTAICH a’ Bhuidheann:
i. prògram chlàran-gnothaich is thaisbeanaidhean Buidheann Buileachaidh na
Gàidhlig airson 2014 mar a thathar a’ mìneachadh ann am paragraf 3.1 agus
eàrr-ràdh na h-aithisge; fo ùmhlachd
ii. gun deidheadh iomlaid a dhèanamh air Cuspairean coinneamhan a’ Ghearrain
agus a’ Chèitein, agus gun deidheadh a’ choinneamh a bha air dòigh airson 29
Cèitean 2014 a chumail sa Ghearasdan; agus
iii. gun deidheadh beachdachadh an dàrna cuid air coinneamh de Bhuidheann
Buileachaidh na Gàidhlig a chumail san àm ri teachd aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir
Nis no gun tigeadh clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gu
coinneamh san t-Seòmar agus gun toireadh iad taisbeanadh do Bhuill.
Chrìochnaich a’ choinneamh aig 4.15f
- Item 3 Good News Report, 20.28 KB
- Item 4 GIG 1813 REPORT 141113 GLP Implementation Report Theme 5 Economic Development Report, 39.39 KB
- Item 5 GIG 1813 Report to the Gaelic Implementation Group 141113 Report, 32.57 KB
- Item 6 GIG 2013 MofUSabhalMòrOstaig Report, 18.21 KB
- Item 7 GIG 2113 GIG REPORT 141113 Gaelic Data from Census 2011 Report, 35.87 KB
- Item 8 GIG 2213 GIG REPORT 141113 Engagementon Gaelic with Skills Development Scotland Report, 29.85 KB
- Item 9 GIG 2313 GIG REPORT 141113 GLP Implementation Report Theme 2 Education Report, 43.49 KB
- Item 10 GIG 1024 GIG REPORT 141113 Mods Report, 19.29 KB
- Item 11 GIG 2513 GIG REPORT 141113 Forward Planner for 2014 Agendas and Partner Presentations Report, 45.07 KB