Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 14 August 2014

Minutes: Read the Minutes

Comhairle na Gàidhealtachd


Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin, 14 Lùnastal 2014 aig 10.00m.

An làthair:

Mgr S Farlow
Mgr C Friseal
Mgr S Friseal (Cathraiche)
Mgr I Gòrdain

Cuideachd an Làthair:

A’ Bh-uas I Chaimbeul                 
Mgr C MacAmhlaigh
Mgr C MacLeòid
A’ Bh-uas M E NicPheadrais
An Dr A Nic na Ceàrdaich
Mgr D Fallows

A’ frithealadh na coinneimh:

Mgr Ù Friseal, Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs
A’ Bh-uas C NicDiarmaid, Ceannard Poileasaidh agus Ath-leasachaidh, Oifis an Àrd-oifigeir
A’ Bh-uas Mòrag Anna NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Oifis an Àrd-oifigeir
A’ Bh-uas D Ghrannd, Oifigear Ionnsachadh & Leasachadh Coimhearsnachd (Gàidhlig), Oifis an Àrd-oifigeir
A’ Bh-uas S NicPheadrais, Oifigear Ionnsachadh & Leasachadh Coimhearsnachd, Oifis an Àrd-oifigeir
A’ Bh-uas M Mulholland, Oifigear Ionnsachadh & Leasachadh Coimhearsnachd, Oifis an Àrd-oifigeir
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra
A’ Bh-uas F NicBheathain, Rianaire Comataidh, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra

Cuideachd an Làthair:

Mgr D Wilby, Ceannard Coileanaidh, High Life na Gàidhealtachd
Mgr D I Mac an t-Saoir, Stiùiriche CLÌ Gàidhlig

Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.

Gnothach

1. Leisgeulan

Ghabhadh leisgeulan às leth Mhgr I MhicGilleBhrath, Mhgr A M Mhic a’ Mhuilleir agus Mhgr F Parr.

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

THUG a’ Chomataidh FA-NEAR do na Foillseachaidhean Com-pàirt a leanas:

Cuspair 8 – An Dr Audrey Nic na Ceàrdaich (neo-ionmhasail) agus Mgr C MacLeòid (ionmhasail)

3. Cumhachdan Fosaidh

THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR neach deach na Cumhachdan Fosaidh a bhuilich a’  Chomhairle aig a’ choinneamh den 26 Ògmhios 2014 a chur an gnìomh a thaobh gnothachas Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig.

4. Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd" Aithisg Bhuileachaidh         

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/14/14 le ceann-latha 29 Iuchar 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a bha a’ toirt fiosrachadh mu adhartas le bhith a’ buileachadh Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd”.  Bha seo ag ùrachadh Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2012-13 Chomhairle na Gàidhealtachd agus a’ mìneachadh na rinneadh bho 31 Dùbhlachd 2013.

Rè geàrr-chunntas den aithisg, chaidh fiosrachadh a thoirt seachad mun raon ghnìomhachd a bha a’ leantainn air adhart agus chaidh aire a tharraing dhan taic a bh’ ann airson na Gàidhlig tro fhoghlam ro-sgoile, prògraman gnìomhachd air an eagrachadh tro bhun-sgoiltean is àrd-sgoiltean, ionnsachadh inbheach agus com-pàirteachas coimhearsnachd.  Chaidh fiosrachadh às ùr a thoirt seachad mun adhartas a bhathar a’ dèanamh le raon farsaing chlasaichean Gàidhlig ionadail agus am feum airson ath-sgrùdadh air an t-solar ionnsachadh inbheach a bh’ ann an Alba a thaobh na Gàidhlig. 

Rè an deasbaid, thugadh na beachdan a leanas seachad:

• bhathar an dòchas gum biodh iarrtas a’ sìor fhàs airson clasaichean Ùlpan agus airson a’ chlas còmhraidh a bha dol a thòiseachadh ann am Port Rìgh;
• fhad ’s a bhathar a’ cur fàilte air làthaireachd sgoilearan Gàidhlig Àrd-sgoiltean Phort Rìgh agus Mhalaig aig an tachartas chòmhnaidheach do dh’òigridh,
bhathar an dòchas gun gabhadh sgoiltean eile com-pàirt san àm ri teachd;
• bhathar air iarrtas a chur gu Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig le amas barrachd oidean Gàidhlig a thogail; agus
• bha e cudromach gun robh cothrom aig na daoine a bha air clasaichean Ùlpan a dhèanamh na sgilean ùra cànain aca a chleachdadh.

Às dèidh beachdachadh air adhartas le bhith a’ buileachadh Cuspair na Dachaigh is na Coimhearsnachd ann am Plana na Gàidhlig 2012-16:

i. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann cur ris an ath-sgrùdadh nàiseanta air Ionnsachadh Inbheach Gàidhlig, ag obair le Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean eile gus measadh a dhèanamh air an raon ghoireasan Ionnsachadh Inbheach Gàidhlig, a’ gabhail a-steach stuthan air-loidhne is eile gus taic a thoirt do phàrantan sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus luchd-ionnsachaidh inbheach eile; agus
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann leantainn air adhart le obair tar-bhuidhneach gus cothroman gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus a chleachdadh san àite-obrach, san dachaigh, san sgoil agus sa choimhearsnachd a bhrosnachadh.

5. Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 4 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Àite-obrach" Aithisg Bhuileachaidh    

Dh’fhoillsich An Dr A Nic na Ceàrdaich com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo mar bhall de CLÌ Gàidhlig, ach air dhi an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin i nach robh seo a’ cur bacadh oirre bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/15/14 le ceann-latha 1 Lùnastal 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a bha a’ toirt seachad tuilleadh fiosrachaidh a thaobh buileachadh Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 4 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Àite-obrach”.  Bha am fios às ùr a’ togail air Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2012-13 na Comhairle agus a’ mìneachadh na rinneadh bho 31 Dùbhlachd 2013. 

Rè geàrr-chunntas den aithisg, chaidh fiosrachadh mionaideach a thoirt air an raon ghnìomhachd a bha a’ leantainn air adhart. Chaidh aire a tharraing gu gnìomhachd bhuileachaidh thar nan trì Gealltanasan a bha mar a leanas:

• cleachdadh agus ìomhaigh cànan na Gàidhlig agus seirbheisean Gàidhlig taobh a-staigh na Comhairle a mheudachadh. Bha seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ meudachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an aithisgean, a bhith a’ leasachadh coltas na Gàidhlig air làrach-lìn na Comhairle agus a bhith a’ leasachadh stòr-dàta de luchd-obrach le sgilean Gàidhlig;
• cothroman leasachaidh a chomharrachadh is a thoirt seachad do Bhuill agus oifigearan gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh no an cuid sgilean Gàidhlig a leasachadh. Aig cridhe seo bhiodh leasachadh cùrsa dà uair a thìde ‘A’ Brosnachadh Cleachdadh na Gàidhlig sa Chomhairle’ a chaidh a chumail ann an Seòmar na Comhairle ann an 2013 agus a bhathar an dòchas a sgaoileadh gu Sgìrean ann an 2014-15. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air na còmhraidhean a bha a’ dol air adhart le Soillse, an Com-pàirteachas Rannsachaidh Gàidhlig, le rùn an Sgrùdadh Sgilean Gàidhlig airson luchd-teagaisg Gàidhlig a leudachadh gu luchd-obrach na Comhairle air fad; agus
• cleachdadh agus ìomhaigh na Gàidhlig a mheudachadh ann a bhith a’ dèiligeadh ri com-pàirtichean, luchd-ùidh agus luchd-dèiligidh bhon taobh a-muigh, leithid a bhith a’ gabhail a-steach abairtean Gàidhlig air sgrìobhainnean maoineachaidh, barrachd Gàidhlig a chleachdadh ann an dachannan cùraim agus ceangalan nas làidire eadar Fèis Bhlas agus an carthannas Ceòl ann an Ospadalan.

Rè na deasbaireachd, chuir Buill fàilte air adhartas a rinneadh gu ruige seo agus thugadh seachad na beachdan a leanas:

• bhathar a’ brosnachadh co-obrachadh leantainneach le Comhairlean sa Chuimrigh agus buidhnean cànain Cuimreis;
• bhathar a’ cur fàilte air brosnachadh Gàidhlig ann an dachannan cùraim;
• bha e cudromach gum bruidhneadh daoine aig an robh an comas sin a dhèanamh fiù ’s beagan fhaclan Gàidhlig aig coinneamhan Buileachaidh Gàidhlig; agus
• bha an seisean Togail Aire mun Ghàidhlig do Bhuill ann an 2013 air a bhith luachmhor agus bu chòir a dhèanamh a-rithist, ’s dòcha le lòn Gàidhlig às a dhèidh gus cothrom a thoirt seachad airson còmhradh Gàidhlig gus misneachd an luchd-labhairt a bhrosnachadh.

Às dèidh beachd a thoirt seachad mu adhartas le bhith a’ buileachadh Cuspair 4:

i. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann Sgrùdadh Sgilean Gàidhlig agus Ro-innleachd Sgilean Dà-chànanach a thoirt air adhart;
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gum bu chòir dhan Ghàidhlig a bhith air a cleachdadh san Ionad Seirbheis; 
iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann tuilleadh sgrùdaidh a dhèanamh air cothrom gus meanbh-làrach Gàidhlig a chruthachadh taobh a-staigh prìomh làrach-lìn na Comhairle;
iv. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann sgrùdadh a dhèanamh air co-dhiù a bu chòir seiseanan ùra mun Ghàidhlig sa Chomhairle/Togail Aire mun Ghàidhlig a sgaoileadh a-mach; agus
v. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann clàsa coitcheann a steidheachadh a thaobh a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig ann an Còrdaidhean a thaobh Ìre Seirbheis/Cùmhnantan Lìbhrigeadh Seirbheis/Cùmhnantan air feadh na Comhairle.

6. Lìbhrigeadh High Life na Gàidhealtachd a thaobh na Gàidhlig                                            

Thug Mgr D Wilby, Ceannard Coileanaidh aig High Life na Gàidhealtachd (HLH) taisbeanadh seachad, a’ toirt sealladh coitcheann de ghnìomhan HLH a thaobh na Gàidhlig, am measg sin an com-pàirteachas leantainneach eadar a’ Chomhairle agus HLH ann a bhith a’ buileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, far an robh e a’ buntainn ri HLH.

Às dèidh mìneachadh a thoirt mun a’ Chlàr Ghàidhlig sa Chùmhnant Lìbhrigeadh Seirbheis eadar HLH agus a’ Chomhairle, chaidh geàrr-chunntas a thoirt mu na raointean gnìomhachd sònraichte a leanas:


• Ionnsachadh Inbheach – Bha High Life na Gàidhealtachd a’ barantachadh bhuidhnean agus ionadan ionnsachaidh gus clasaichean Gàidhlig a thoirt seachad;
• Na h-Ealain – am measg nam pròiseactan bho Fèis Bhlas a bha a’ toirt 1300 sgoilear an lùib na Gàidhlig agus Pròiseact Ealain Phoblaich Sgeama Bacadh Thuiltean Abhainn Nis;
• Goireasan Cur-seachad – a’ gabhail a-steach solar ionadan airson chlasaichean Gàidhlig agus bhùithtean-obrach dràma;
• Leabharlannan – chaidh raon thachartasan a bharrachd a shoilleireachadh, leithid seiseanan Bookbug Gàidhlig, aithris sgeulachdan tro Mheadhan na Gàidhlig agus làrach-lìn Am Baile;
• Taighean-tasgaidh – bha a’ Ghàidhlig aig cridhe Tasglann Sluagh na Gàidhealtachd agus bha luchd-obrach ann a b’ urrainn fàilte a chur air luchd-obrach sa Ghàidhlig. Bha a’ Ghàidhlig air feadh togalach Tasglann na Gàidhealtachd, bho Phannalan Fiosrachaidh gu Pasgain Foghlaim agus Clàraidhean Gàidhlig; agus
• Spòrs – bha 37 oide/neach-stiùiridh Gàidhlig agus pròiseactan Sgoiltean Gnìomhach dà-chànanach sa Ghearastan agus san Eilean Sgitheanach.

Thugadh eisimpleirean seachad dhen taic eadar-theangachaidh a chaidh a shireadh bhon a’ Chomhairle agus thugadh geàrr-chunntas seachad de phlanaichean airson an ama ri teachd a bha a’ gabhail a-steach taisbeanaidhean aig Taigh-tasgaidh agus Gailearaidh Ealain Inbhir Nis rè a’ Mhòid, Clasaichean Ceòl Traidiseanta Inbhir Nis aig a’ Mhòd agus aig Geamaichean Gàidhealach Maighstirean an t-Saoghail, co-obrachadh le Sgioba Gàidhlig na Comhairle air Prògram Chleasan Samhraidh 2015 High Life na Gàidhealtachd agus làrach ùr Am Baile.

Thug a’ Bhuidheann taing do Mhgr Wilby airson an taisbeanaidh aige agus DH’AONTAICHEADH gun leanadh oifigearan air adhart ag obair le co-obraichean ann an High Life na Gàidhealtachd gus cleachdadh agus ìomhaigh na Gàidhlig àrdachadh air feadh a ghnìomhan.

7. Pàipear Co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba mu Bhile airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/16/14 le ceann-latha 30 Iuchar 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a bha a’ toirt cothrom do Bhuill cur ris an dreachd fhreagairt do Cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba mu Bhile airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Chaidh mìneachadh nach robh am pàipear co-chomhairleachaidh a’ cur fàilte air beachdan mu dhreachd reachdas ach air molaidhean sònraichte a’ buntainn ri FtG.  Bhiodh na beachdan a dheidheadh fhaotainn cudromach ann a bhith a’ cumadh reachdas airson a chur a-steach gu Pàrlamaid. Bha a’ Chomhairle an dùil a beachdan mu fhoghlam Gàidhlig san fharsaingeachd a chur a-steach, agus gu sònraichte mun mholadh gus reachdas a thoirt a-steach do Phàrlamaid na h-Alba ag amas air a bhith a’ leudachadh is a’ leasachadh cothrom air FtG ann an Alba.

Thug an Stiùiriche geàrr-chunntas de dhreachd fhreagairt na Comhairle, le cuideam sònraichte air raointean a bha nan adhbharan iomagain, gu h-àraid am feum dèanamh cinnteach nach robhar a’ cleachdadh dòigh-obrach ‘aon mheud airson nan uile’ seach gun robh diofar cho mòr ann an ìrean taic agus iarrtas airson FtG chan ann a-mhàin bho aon Ùghdarras Ionadail gu Ùghdarras Ionadail eile, ach cuideachd taobh a-staigh Ùghdarrasan Ionadail.  Ach dheidheadh fàilte a chur air reachdas gus frèam nàiseanta a chruthachadh anns an deidheadh co-dhùnaidhean a’ buntainn ri solar FtG a dhèanamh.

Bha an fhreagairt a bhathar a’ moladh a’ comharrachadh luach co-chomhairleachaidh is co-obrachaidh eadar gach taobh a bha an lùib na Gàidhlig, pàrantan am measg sin.  Bha seasmhachd bunaiteach, agus bha feum cuideachd ann cothromachadh fhaighinn eadar solar thidsearan agus brosnachadh FtG ann an dòigh phragtaigeach.  Bha feum aig pàrantan air fiosrachadh math agus bha seo a rèir dòigh-làimhseachaidh ro-innleachdail na Comhairle a thaobh solar FtG, le iomradh ga thoirt air a’ mhapa air-loidhne a bha a’ sealltainn far an robh goireasan FtG uile sa Ghàidhealtachd.

Thug an Cathraiche taing dhan Stiùiriche, chan ann a-mhàin airson an taisbeanaidh ach airson na rinn e gus solar FtG a thoirt air adhart sa Ghàidhealtachd fhad ’s a bha e san dreuchd. Thug grunn Bhall taic dhan bheachd seo, a’ toirt taing dhan Stiùiriche, seach gur e seo a’ choinneamh mu dheireadh aige le Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig mus leigeadh e dheth a dhreuchd, agus chaidh bruidhinn gu cridheil air an tabhartais luachmhor a rinn e gu math na Gàidhlig sa Ghàidhealtachd. Bha iad a’ guidhe gach beannachd dha airson an ama ri teachd.

Rè na deasbaireachd thugadh seachad na beachdan a leanas:

• a thaobh a bhith a’ brosnachadh is ag àrdachadh fàs ann am FtG, bu chòir na buannachdan a tha an lùib dà-chànanais a dhaingneachadh do phàrantan;
• bha FtG air soirbheachadh san fhichead bliadhna mu dheireadh agus bha sgoiltean FtG aig cridhe àm ri teachd a’ chànain;
• bhathar ag obair air grunn nithean a thaobh leasachadh Gàidhlig còmhla ri Ùghdarrasan Ionadail eile;
• bha taic làidir ann an cuid de sgìrean airson FtG agus sgìrean eile le nas lugha ùidh agus bha e cudromach gun robhar a’ dèanamh sgaradh sna dòighean san robhar a’ dol an sàs an seo;
• dh’iarr Mgr MacLeòid lethbhreac den dreachd Bhile;
• bhiodh freagairt na co-chomhairle a’ toirt iomradh air cho cudromach ’s a bha e tidsearan àrd-sgoile le Gàidhlig a bhrosnachadh gus beachdachadh air cuspairean a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig; agus
• bu chòir am paragraf mu dheireadh dhen dreachd fhreagairt atharrachadh gu bhith a’ leughadh ‘…a bhith buailteach leudachadh a thoirt seachad ann an luchd-obrach agus eòlas…’

Às dèidh beachd a thoirt seachad air freagairt na Dreachd Co-chomhairle mar a bhathar a’ mìneachadh ann an Eàrr-ràdh 1 dhen aithisg, DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gum bu chòir a thoirt gu crìch agus a cur a-steach gu Riaghaltas na h-Alba le ùmhlachd do na h-atharraichean a leanas:

i. a thaobh na ceist mu na ceumannan a bu chòir a ghabhail gus fàs ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a bhrosnachadh is a mheudachadh, bu chòir an siathamh puing atharrachadh gus buannachdan dà-chànanais a dhaingneachadh;
ii. gum bu chòir an fhreagairt a neartachadh gu bhith nas soilleire gun robh feum air  tidsearan àrd-sgoile le comas cuspairean a theagasg tro mheadhan na Gàidhlig; agus
iii. a thaobh na ceist mu dheireadh a’ sireadh tuilleadh bheachdan, bha a’ chiad seantans, paragraf mu dheireadh, ri atharrachadh gu bhith a’ leughadh “bidh am fàs ann am Foghlam Gàidhlig buailteach leudachadh a thoirt seachad ann an luchd-obrach agus eòlas…”

8. Taisbeanadh CLÌ Gàidhlig

Foillseachaidhean Com-pàirt:

Dh’fhoillsich An Dr A Nic na Ceàrdaich com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo mar bhall de CLÌ Gàidhlig, ach air dhi an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin i nach robh seo a’ cur bacadh oirre bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.

Dh’fhoillsich Mgr C MacLeòid com-pàirt ionmhasail anns a’ chuspair seo seach gun robh CLÌ Gàidhlig roimhe na buidhne-dèiligidh de MacLeods WS anns an robh e na chom-pàirtiche, ach seach gun robh an dàimh seo san àm a chaidh seachad agus a’ buntainn ri gnothach neo-bhuntainneach, cho-dhùin e nach robh seo a’ cur bacadh air bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.

Thug Mgr D I Mac an t-Saoir, Stiùiriche, seachad taisbeanadh a’ mìneachadh obair
Comann an Luchd-ionnsachaidh (CLÌ) Gàidhlig a thaobh com-pàirteachas coimhearsnachd làmh ris a’ Chomhairle.

Thog e na puingean a leanas:

• Chaidh Clì Gaidhlig a chruthachadh ann an 1984 gus taic agus stiùireadh a thoirt do dh’Inbhich ag Ionnsachadh na Gàidhlig ann an Alba agus air feadh an t-saoghail. Ann an 1987 chaidh a dhèanamh na Chompanaidh Earranta fo Bharantas agus tha inbhe carthannais aige;
• bha ballrachd aig Clì a bha a’ faighinn buannachd bho iris ràitheil Cothrom, a bha gu bhith na fhoillseachadh air-loidhne seach gun robh sgaoileadh pàipeir ro chosgail;
• aig teas-meadhan obair Clì bha a bhith a’ cur air dòigh diofar sheòrsachan chùrsaichean, an dà chuid do luchd-ionnsachaidh agus do dh’fhileantaich, a’ gabhail a-steach cùrsaichean còmhraidh, Ùlpan, Gàidhlig airson Gnìomhachas agus cùrsaichean Gràmair, Leughaidh agus Sgrìobhaidh;
• Bha Clì a’ cur Làithean Trèanaidh airson Aire a Thogail mun Ghàidhlig air dòigh, agus iad ag amas air Buidhnean Poblach a bha an lùib Phlanaichean Gàidhlig.  Bha e gu h-àraid cuideachail aire a thogail aig àrd-ìre agus a’ Ghàidhlig a bhith air a gabhail a-steach ann am feallsanachd chorporra. Bha obair a’ dol air adhart le Sgioba Gàidhlig na Comhairle a thaobh seo;
• Bha Clì a’ toirt seachad pasgan maoineachaidh a bha ag amas air inbhich ùra a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig, no luchd-ionnsachaidh bun-ìre a bha air an cuid Gàidhlig a leigeil seachad. Bha taic air a thoirt seachad tro mhaoineachadh airson cùram-chloinne, còmhdhail agus àite-fuirich agus bha tabhartas tòiseachaidh ann airson oidean Gàidhlig;
• B’ e làrach-lìn do luchd-ionnsachaidh agus do luchd-labhairt fileanta a bh’ ann an http://www.learngaelic.net/ agus bha Clì an lùib seo. Bha buidheann-stiùiridh na làraich a’ gabhail a-steach riochdairean bho BBC Alba, MG Alba, Bòrd na Gaidhlig, Sabhal Mòr Ostaig agus SOCS (Simplified Online Communication System – Ri Dhearbhadh);
• am measg nam pròiseactan eile bha Oidean airson Fèisean, Oideachadh airson Chòisirean, Madainnean Cofaidh agus Cearcallan Còmhraidh; agus
• Bha Clì an dùil na h-amasan a bha air am mìneachadh ann am Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a chleachdadh mar stiùireadh ann a bhith a’ mìneachadh plana ro-innleachdail airson nan ceithir bliadhna air thoiseach. Bhiodh e a’ coimhead air a bhith a’ toirt taic, a’ togail agus a’ cuideachadh leis na mòr-mhiannan a bha ann am plana Chomhairle na Gàidhealtachd.

Thug Mgr Mac an t-Saoir cuideachd seachad beachd a’ buntainn ri Pàipear Co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba mu Bhile FtG anns an t-seagh gun robh e cudromach tuigse fhaighinn air na h-adhbharan a bha a’ toirt air pàrantan FtG a thaghadh airson an cuid cloinne. Bha seisean togail aire do phàrantan agus do chloinn, mus tòisicheadh iad ann am FMG, buannachdail na bheachd-san. Sa cho-dhùnadh, dh’innis e gun robh an t-iarrtas airson chùrsaichean Gàidhlig na adhbhar misneachd, agus gun robh seo air a chruthachadh, gu ìre, leis an àireamh fhàsmhor de dh’Ùghdarrasan Ionadail le Planaichean Gàidhlig.

Thug Buill taing do Mhgr Mac an t-Saoir airson an taisbeanaidh agus chuir iad fàilte air an obair chom-pàirteach a bha Clì a’ cur air adhart eadar raon bhuidhnean eadar-dhealaichte, a’ gabhail a-steach a’ Chomhairle fhèin agus Sgioba na Gàidhlig aig a’ Chomhairle. Thugadh brosnachadh do Bhuill beachdachadh air a dhol an lùib Clì agus gum faigheadh iad an iris ràitheil aca.

THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan t-suidheachadh.

9. Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" Aithisg Bhuileachaidh

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/17/14 le ceann-latha 4 Lùnastal 2014 le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a bha a’ toirt fios as ùr a thaobh buileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam”. Bha an aithisg cuideachd a’ toirt seachad fiosrachadh mu raon iomairtean ionadail agus nàiseanta.

Thug an Aithisg seachad fiosrachadh mu adhartas thar nan còig Gealltanasan Ro-innleachdail. Thugadh seachad staitistig Foghlaim Gàidhlig airson na Gàidhealtachd ann am Bliadhna Acadaimigeach 2013/14 agus thugadh iomradh air a’ mhapa air-loidhne de sholar Foghlam Gàidhlig na Comhairle a dh’fhaodadh a bhith air ùrachadh nuair a dheidheadh figearan cunntas sgoile 2014 a chruinneachadh.

Chuir an Stiùiriche fàilte air an raon-ùghdarrais leudaichte aig Plana na Gàidhlig nach robh a-mhàin ag amas air Foghlam. Ach, bha Foghlam fhathast bunaiteach gus dèanamh cinnteach gun robh cothrom aig daoine òga a bha air a’ Ghàidhlig ionnsachadh ceuman pragtaigeach a ghabhail gus an cuid Gàidhlig a chleachdadh sa choimhearsnachd fharsaing agus gun robh an dùthaich a’ toirt seachad bun-structair freagarrach gus seo a chomasachadh.

Shoilleirich e grunn raointean gnìomh taobh a-staigh nan còig Gealltanasan Ro-innleachdail mar a leanas:

• Gealltanas Ro-innleachdail 1 – Leanaidh sinn air adhart a’ cur ri iomairtean com-pàirteach ro-innleachdail nàiseanta, agus dèanamh phoileasaidhean airson Foghlam Gàidhlig. Chaidh iomadh raon co-obrachaidh a liostadh san aithisg, agus bha seasmhachd agus fàs air am meas bunaiteach airson a bhith a’ dèanamh phoileasaidhean san àm ri teachd;
• Gealltanas Ro-innleachdail 2 – Nì sinn cinnteach gu bheilear a’ toirt fa-near do Fhoghlam Gàidhlig ann an ath-sgrùdaidhean is measaidhean ro-innleachdail  Foghlaim le Comhairle na Gàidhealtachd. B’ e deagh eisimpleir dhen a seo a’ phàirt
bhunaiteach a bha gu bhith aig a’ Ghàidhlig sna planaichean airson ùrachadh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis;
• Gealltanas Ro-innleachdail 3 – Cruthaichidh sinn com-pàirteachasan gus earrann Tràth-bhliadhnaichean 0-3 Gàidhlig a tha air a h-eagrachadh gu proifeiseanta, air a deagh ghoireasachadh, agus seasmhach, a chruthachadh. Bha fianais ann gur e earrann fàis a bha seo;
• Gealltanas Ro-innleachdail 4 – Leasaichidh sinn Foghlam Gàidhlig 3-18 agus meudaichidh sinn an àireamh Luchd-ionnsachaidh Gàidhlig ann an sgoiltean. Thugadh iomradh air Fèisean nan Gàidheal mar eisimpleir de phròiseact shoirbheachail a bha air an àireamh chloinne a bha a’ dol an lùib na Gàidhlig a mheudachadh; agus
• Gealltanas Ro-innleachdail 5 – Obraichidh sinn le com-pàirtichean gus ath-sgrùdadh a dhèanamh air na stuthan ionnsachaidh agus na goireasan ionnsachaidh a bha air an toirt seachad gus taic a thoirt do dh’Fhoghlam Gàidhlig. Bhathar a’ faireachdainn gun robh cruinneachadh math de stuth a-nis ri fhaotainn, air a thoirt còmhla gu ìre tro cho-obrachadh eadar bhuidhnean aig ìre nàiseanta.

Tharraing an Stiùiriche aire chun a’ chlàir aig 3.2 dhen aithisg a bha a’ sealltainn àireamh fàsmhor de sgoilearan bun-sgoile ann am FtG bho 2007 agus bha e dhen bheachd gun robh seo na dheagh chomharra air taic fàsmhor airson FtG san fharsaingeachd. Dhaingnich e cho cudromach ’s a bha e co-chomhairle thràth agus iomlan a chumail le Buill a thaobh an ath dhreachd dhen Phlana Ghàidhlig, agus gun robh am pròiseas airson sin ri tòiseachadh tràth ann an 2015.

Rè na deasbaireachd, bheachdaich Buill air neart na Gàidhlig taobh a-staigh roinn an Fhoghlaim, mar a bha aithnichte tro na figearan san aithisg. Chaidh iomradh a thoirt air na soirbheasan a chaidh a choileanadh rè nan deich bliadhna mu dheireadh, le taing ga thoirt do ghrunn Chomhairlichean a bh’ ann roimhe airson an cuid oidhirpean, a bharrachd air soirbheasan o chionn ghoirid leithid fastadh 12 tidsear FtG agus na cothroman a bha Fèisean a’ toirt seachad.  Chaidh iarrtas a dhèanamh airson neach-labhairt Gàidhlig a bhith a’ suidhe air pannal agallaimh nuair a dheidheadh Ceannard ùr fhastadh airson Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Ach, chaidh aithneachadh gun ro co-dhèanamh a’ phannal air a mhìneachadh ann an Sgeama Tiomnaidh na Comhairle. Mu dheireadh, chaidh innse gun robh neach-tadhail à Hong Kong air na Pannalan Eadar-mhìneachaidh dà-chànanach ann am Pàirc Geo na Gàidhealtachd a Tuath a mholadh.

Às dèidh beachd a thoirt seachad mu adhartas le bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim ann am Plana na Gàidhlig:

i. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh an dàta staitistig uile a thaobh Foghlam Gàidhlig agus am Mapa Foghlam Gàidhlig Air-loidhne ùrachadh agus fhoillseachadh, nuair a bhiodh figearan Cunntas Sgoile rim faotainn; agus
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh sgrùdadh a bharrachd a dhèanamh air dàta Suirbhidh nan Tidsearan Uile airson cothroman a chomharrachadh gus tidsearan a lorg taobh a-staigh sluagh thidsearan na Gàidhealtachd.

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 12 nòin.