Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 13 November 2014
Agenda: Read the Agenda
Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, A’ Phrìomh Oifis, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 13 Samhain 2014 aig 10.30m.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/
Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra
Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.
Gnothachas
1. Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Sabhal Mòr Ostaig – Taisbeanadh
Bheir an t-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal, seachad taisbeanadh le sealladh coitcheann air buannachdan eaconamach an t-Sabhail Mhòir.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an Taisbeanadh.
4. Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach” – Aithisg Bhuileachaidh
Tha Aithisg Àir. GIG/18/14 le ceann-latha 30 Dàmhair 2014 ga cuairteachadh le Ceannard a’ Phoileasaidh is an Ath-Leasachaidh, a’ toirt fiosrachadh às ùr mu bhuileachadh Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5, “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach”.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-
i. beachdachadh air buileachadh Cuspair Leasachadh Eaconamach a’ Phlana Ghàidhlig;
ii. aontachadh gur cuirear fàilte air Duaisean a’ Chiùil Thraidiseanta Albannaich agus Fèis nam Meadhanan Ceilteach a tha gu bhith air an cumail ann an Inbhir Nis agus sgrùdadh a dhèanamh air dòighean gus tachartasan àrd-ìomhaigh a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig, a tha a’ toirt buannachd eaconamach is cultarach, a tharraing chun na Gàidhealtachd;
iii. aontachadh a dhol an gnìomh as ùr air Com-pàirteachas Cosnaidh is Sgilean na Gàidhlig agus air a’ cheangal le eòlaichean bho Rannsachadh Margaid Fhastachd an Riaghaltais;
iv. aontachadh gum brosnaichear margaidheachd Dhreuchdan is Chothroman Obrach Gàidhlig le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Leasachadh Sgilean na h-Alba agus feadhainn eile; agus
v. aontachadh gun leasaichear comas eaconamach chom-pàirteachasan, a’ gabhail a-steach Fèis Bhlas, Fèisean nan Gàidheal, Fèis Rois agus An Comunn Gàidhealach.
5. Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis 10-18 Dàmhair 2014 – Aithisg Thùsail mu Lìbhrigeadh
Tha Aithisg Àir. GIG/19/14 le ceann-latha 1 Samhain 2014 ga cuairteachadh le Ceannard a’ Phoileasaidh is an Ath-Leasachaidh, a’ toirt aithisg thùsail mun lìbhrigeadh chom-pàirteach a bha an lùib a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail dhan tug a’ Chomhairle aoigheachd ann an Inbhir Nis.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-
i. beachdachadh air Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis agus tachartasan Iomall a’ Mhòid; agus
ii. aontachadh gun toir Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich seachad taisbeanadh de mholaidhean is thoraidhean an Sgrùdaidh air Buaidh Eaconamach do Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig air 19 Gearran 2015.
6. Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh
Tha Aithisg Àir. GIG/20/14 le ceann-latha 30 Dàmhair 2014 ga cuairteachadh le Ceannard a’ Phoileasaidh is an Ath-Leasachaidh, a’ toirt fiosrachadh às ùr mu bhuileachadh Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2, “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam”. Tha an Aithisg seo cuideachd a’ toirt fiosrachadh mu raon farsaing iomairtean ionadail agus nàiseanta.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-
i. beachdachadh air an adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim ann am Plana na Gàidhlig 2012-16;
ii. aontachadh ceangal tràth a dhèanamh le Bòrd na Gàidhlig a thaobh na h-iomairt margaidheachd nàiseanta a tha a’ gabhail a-steach dà sgìre sa Ghàidhealtachd: Inbhir Pheofharain agus Baile Dhubhthaich;
iii. aontachadh a dhol an gnìomh gu deifreach le Bòrd na Gàidhlig gus aghaidh a chur ri ceistean luchd-obrach san raon Ro-sgoile;
iv. aontachadh gun ùraichear is gum foillsichear an dàta staitistigeil uile a thaobh Foghlam Gàidhlig agus am Mapa Foghlaim Gàidhlig Air-loidhne, nuair a bhios figearan Cunntas Sgoile rim faotainn; agus
v. aontachadh ri sgrùdadh a bharrachd de dhàta Suirbhidh nan Tidsearan Uile gus cothroman a chomharrachadh airson tidsearan Gàidhlig a lorg am measg thidsearan na Gàidhealtachd.
7. Leasachadh Sgilean na h-Alba – Taisbeanadh
Bheir Mgr Derek MacCoinnich, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig seachad taisbeanadh le sealladh coitcheann de Leasachadh na Gàidhlig taobh a-staigh Leasachadh Sgilean na h-Alba.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an Taisbeanadh.
8. Clàr airson Coinneamhan Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an 2015 – Cuspairean agus Taisbeanaidhean
Tha Aithisg Àir. GIG/21/14 le ceann-latha 30 Dàmhair 2014 ga cuairteachadh le Ceannard a’ Phoileasaidh is an Ath-Leasachaidh, a’ toirt fiosrachadh mu mheasgachadh de chom-pàirtichean leis a bheil ceangal cunbhalach aig a’ Chomhairle agus leis a bheil a’ Chomhairle a’ lìbhrigeadh pàirtean de Phlana na Gàidhlig. Tha an aithisg a’ moladh nam Prìomh Chuspairean Gàidhlig air am bu chòir cunntas a thoirt aig coinneamhan Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an 2015, agus clàr de thaisbeanaidhean bho bhuidhnean com-pàirteach a chuireas ri deasbad is deasbaireachd a thaobh buileachadh a’ Phlana.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn prògram chlàran-gnothaich is thaisbeanaidhean Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aontachadh airson 2015, mar a thathar a’ mìneachadh san aithisg.
- 4. Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach” – Aithisg Bhuileachaidh Report, 47.91 KB
- 5. Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis 10-18 Dàmhair 2014 – Aithisg Thùsail mu Lìbhrigeadh Report, 24.11 KB
- 6. Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh Report, 60.29 KB
- 8. Clàr airson Coinneamhan Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an 2015 – Cuspairean agus Taisbeanaidhean Report, 29.96 KB