Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 28 May 2015

Minutes: Read the Minutes

Geàrr-chunntas coinneamh a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 28 Gearran 2015 aig 10.30m.

An làthair: A’ Bh-uas I Chaimbeul (Ball-ionaid), Mgr D Fallows, Mgr S Farlow, Mgr C Friseal, Mr S Friseal, Mr S MacGilleBhrath

Cuideachd an làthair: Mgr D Mac a’ Mhuilleir, Mgr C MacLeòid, Mgr F Parr, A’ Bh-uas M E NicPheadrais, An Dr A Nic na Ceàrdaich, A’ Bh-uas C Stephen 

A’ frithealadh na coinneimh:

A’ Bh-uas C NicDiarmaid, Ceannard Poileasaidh agus Ath-leasachaidh, Seirbheis an Àrd-Oifigeir
Mgr C A Moireach, Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr D MacLeòid, Oifigear Foghlaim Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M A NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M Mulholland, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicPheadrais, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig,  Sirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh 
A’ Bh-uas L Dunn, Prìomh Rianaire, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra
A’ Bh-uas J Green, Neach-cuideachaidh Rianachd, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra

Cuideachd a’ frithealadh na coinneimh:

A’ Bh-uas F Forrest, Manaidsear Phrògraman, FilmG

Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.

Gnothach

1. Leisgeulan

Ghabhadh leisgeul às leth Mhgr I Ghòrdain.

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan Fhoillseachadh Com-pàirt a leanas:-

 Cuspair 4 – Mgr D Fallows (neo-ionmhasail)

3. Naidheachdan Matha

Chaidh liosta de ghnothaichean Naidheachdan Matha a chur air a’ bhòrd aig a’ choinneimh agus, às dèidh dhan Chathraiche aire shònraichte a tharraing gu diofar chùisean, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na Naidheachdan Matha.

4. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas" – Aithisg Bhuileachaidh

Foillseachadh Com-pàirt: Dh’fhoillsich Mgr D Fallows com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo mar Stiùiriche air Comann Luchd-ealain Bhàideanach agus Shrath Spè/Gailearaidh Ì, ach air dha an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin e nach robh seo a’ cur bacadh air bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/2/15 le ceann-latha 18 Cèitean 2015 le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt cunntas às ùr mu bhuileachadh Phlana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3, “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas”.

Rè a’ chòmhraidh, thog Buill na puingean a leanas:-

· a thaobh a’ Mheòrachain Thuigse le Alba Nuadh, bhathar an dòchas gun deidheadh ceangalan a leasachadh le dùthchannan eile le mion-chànanan leithid Èirinn agus a’ Chuimrigh. Chaidh moladh cuideachd gun deidheadh seo a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach dùthchannan leithid Astràilia agus Sealainn Nuadh;

· chaidh iomradh a thoirt air mar a thàinig sgoilearan is pàrantan bho Àrd-Sgoil Roinneil an Dr Iain Ùisdean MacIllIosa, Antigonish, air turas o chionn ghoirid agus chaidh taing a thoirt dhan a h-uile duine a bha air fàilte a chur orra gu ruige Baile Inbhir Nis. Chaidh moladh, a thaobh seo, gun robh comas ann Meòrachan Tuigse na h-Albann Nuaidhe a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach Antigonish agus an sgìre mun cuairt;

· chaidh fàilte a chur air an airgead a fhuair Fèis Rois bho Chomann Ealain Thaisbeanach a’ BhBC;

· chaidh moladh a thoirt dhan Bh-uas Sìne Urchadan agus an Ceilidh Place, Ullapul, airson taic a thoirt do dh’Fhèis Rois an toiseach. Bha Fèis Rois air fàs is air leasachadh agus air buidhnean eile a bhrosnachadh gus tighinn còmhla agus air cleachdadh na Gàidhlig agus com-pàirteachas sa Mhòd a mheudachadh;

· Bha BBC Alba air e fhèin a dhearbhadh mar inneal feumail dhaibhsan a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig;

· chaidh fàilte a chur air na còmhraidhean a bha a’ gabhail àite le Comann na Camanachd mu bhith a’ togail cheangalan leis a’ Ghàidhlig;

· dheidheadh fàilte a chur air toirt a-steach soidhnichean dà-chànanach thar na Gàidhealtachd. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air na h-òraidean mu ainmean-àite Gàidhlig a bha Ruairidh MacIlleathain air a lìbhrigeadh seach gun robh iad dha-rìribh cudromach ann a bhith a’ daingneachadh brìgh àite; agus

· b’ fhiach sgrùdadh a dhèanamh air na ceangalan eadar a’ Ghàidhlig agus obair-snaidhidh.

Às dèidh sin:-

i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair nan Ealan, nam Meadhanan agus an Dualchais ann am Plana Gàidhlig 12-16;

ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh leantainn air adhart a’ toirt taic do ghnìomhachd is com-pàirteachas àrd-ìomhaigh airson thachartasan cànain is cultarach Nàiseanta airson na Gàidhealtachd;

iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh ceangal a chumail a’ dol le Ro-innleachd Nàiseanta nan Ealan Gàidhlig;

iv. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann leantainn air adhart ag obair le com-pàirtichean gus aoigheachd a thoirt do thachartasan àrd-ìomhaigh a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig, na h-ealain, na meadhanan agus cultar sa Ghàidhealtachd gus buannachdan eaconamach a thoirt seachad taobh a-staigh sgìre na Comhairle;

v. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh feum mhòr a dhèanamh de phrògram Còmhnaidheach Shabhail Mhòir Ostaig ann an co-bhanntachd ris a’ Mheòrachan Thuigse a tha againn còmhla; agus

vi. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh obrachadh air a’ Mheòrachan Thuigse a tha eadar a’ Chomhairle agus Riaghaltas Roinneil na h-Albann Nuaidhe.

5. Taisbeanadh FilmG

Thug Flòraidh Forrest, Manaidsear Phrògraman aig FilmG, seachad taisbeanadh mionaideach le fiosrachadh mun tuilleadh leasachaidh a thathar a’ dèanamh air an iomairt nàiseanta seo, air com-pàirteachas Sgoiltean na Gàidhealtachd agus air Tachartas Duaisean Nàiseanta FilmG a chaidh a chumail ann an Glaschu o chionn ghoirid.

Rè a’ chòmhraidh, chuir Buill fàilte air na puingean a chaidh a thogail san taisbeanadh agus chaidh na beachdan a leanas a thoirt seachad:-

· chaidh moladh gum faodadh FilmG filmichean Gàidhlig a shealltainn ann an tallaichean iomallach agus dùthchail;

· chaidh fiosrachadh a shireadh mun dòigh anns am faodadh daoine fa leth na filmichean a bha FilmG a’ brosnachadh fhaicinn; agus

· le bhith a’ dèanamh ceangal leis a’ ghoireas Screen Machine, dh’fhaodadh cuid de stuthan FilmG a bhith air an cleachdadh mar fhilmichean goirid ron phrìomh fhilm.

Às dèidh taing a thoirt dhan Bh-uas Forrest, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan Taisbeanadh.

6. Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/3/15 le ceann-latha 18 Cèitean 2015 le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu ghnìomhachd a thaobh 36mh Fèis nam Meadhanan Ceilteach a chaidh a chumail ann an Cùirt Eden, Inbhir Nis, bho 22-24 Giblean 2015. Bha an Fhèis a’ faighinn taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Maoin Iarrtasan Cho-labhairtean VisitScotland, Maoin Math Choitcheann Inbhir Nis agus Alba Chruthachail. Bha Fèis nam Meadhanan Ceilteach cuideachd a’ faighinn taic bho chraoladairean agus ùghdarrasan craolaidh bho na dùthchannan Ceilteach eile aig an robh mion-chànanan.

Rè a’ chòmhraidh, thugadh seachad na beachdan a leanas:-

· bha Buill toilichte gun robh BBC Radio nan Gàidheal air earrann Stèisean Radio na Bliadhna a bhuannachadh aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach. Chaidh moladh, ri linn cho tarraingeach ’s a bha an stèisean do luchd-èisteachd ceòl traidiseanta, gum biodh e buannachdail nam b’ urrainn do phreasantairean luchd-ealain ainmeachadh sa Bheurla cho math ris a’ Ghàidhlig gus comas tarraing an luchd-ealain agus a’ chiùil a leudachadh;

· chaidh iomradh a thoirt air soirbheas Fèis nam Meadhanan Ceilteach agus chaidh moladh, nuair a thilleadh i, gum bu chòir a leudachadh le bhith ga ceangal ri rudan eile leithid dannsa agus foghlam gus am b’ urrainnear tachartasan a chur air dòigh air iomall na fèise;

· bha Cùirt Eden air a bhith na àrainn air leth airson na Fèise;

· bha Patrick’s Day (Ireland Ignition Film Productions) air an duais a bhuannachadh airson an Dràma Fada a B’ Fheàrr agus chaidh iomradh a thoirt air càileachd an fhilm; agus

· bha Fèis nam Meadhanan Ceilteach air a bhith soirbheachail roimhe ann a bhith a’ tarraing luchd-tadhail agus bha Buill dealasach gun tilleadh an fhèis chun na Gàidhealtachd.

Chaidh taing a thoirt do dh’Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig airson a cuid obrach a thaobh na Fèise, agus DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gum bu chòir do dh’Oifigearan obrachadh gus Fèis nam Meadhanan Ceilteach a thàladh air ais dhan Ghàidhealtachd a-rithist cho luath ’s a bhiodh comasach.

7. Pròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) 2015-16

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/4/15 le ceann-latha 14 Cèitean 2015 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fiosrachadh seachad mu iarrtasan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig (GLAIF) a chuir Sgioba na Gàidhlig a-steach gu Bòrd na Gàidhlig (BnaG) airson tràth-maoineachaidh 2015-16.

B’ ann gus ùghdarrasan poblach a chuideachadh a’ lìbhrigeadh ghealltanasan sna Planaichean Gàidhlig aca a chaidh GLAIF a stèidheachadh, agus gus taic a thoirt do Phlana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig. Bha GLAIF cuideachd air a chleachdadh gus cuideachadh a thoirt do dh’ùghdarrasan poblach eile gus pròiseactan a lìbhrigeadh mus deidheadh brath foirmeil a chur thuca gus Plana Gàidhlig a dhèanamh. Dhùin GLAIF na bliadhna ionmhasail 2015-16 air 20 Giblean agus chuireadh BnaG fios mu cho-dhùnaidhean nan iarrtasan chun an luchd-iarrtais uile ro thoiseach an Iuchair 2015. Thugadh geàrr-chunntas mionaideach de na pròiseactan a chaidh a chur a-steach.

Rè a’ chòmhraidh, chaidh na puingean a leanas a thogail:-

· chaidh moladh gum faodadh bann-luirg BBC Radio nan Gàidheal a bhith air a chur ris na soidhnichean rathaid dà-chànanach Gàidhlig is Beurla “Fàilte don Ghàidhealtachd”, rud a bha air a dhèanamh ann am pàirtean eile den dùthaich;

· chuir Buill fàilte air a’ Chùrsa Bogaidh Gàidhlig aon-bhliadhna do Thidsearan a bha air a dhealbhadh gu sònraichte do thidsearan a bha airson gluasad gu FMG; agus

· bhathar a’ toirt taic cuideachd do phròiseact Ionnsachadh Gàidhlig san Àite-obrach ach bhathar ag aithneachadh gun robh tòrr luchd-obrach mar-thà fo chuideam mòr sna h-obraichean làitheil aca. Bhiodh feum air gealltanas mòr bhuapa gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh ach bha deòin mhòr ann sgilean còmhraidh Gàidhlig a leasachadh agus bu chòir sgrùdadh a dhèanamh air comas taobh a-staigh a’ phròiseict airson ionnsachadh neo-fhoirmeil tro chòmhradh.

THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do na h-Iarrtasan GLAIF 2015-16 a chuir a’ Chomhairle a-steach gu Bòrd na Gàidhlig.

8. Suirbhidh Sgilean Gàidhlig an Luchd-obrach Uile

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/5/15 le ceann-latha 16 Cèitean 2015 le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt seachad fiosrachadh mu adhartas ann a bhith a’ gabhail os làimh Suirbhidh Sgilean Gàidhlig thar Seirbheisean na Comhairle. Bha an Suirbhidh gu bhith air a thòiseachadh san t-Sultain 2015 agus bha e na ghealltanas Reachdail ann am Plana Gàidhlig 2012-16. Chuireadh e cuideachd fios ri eileamaidean trèanaidh agus leasachaidh Cuspair “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Àite-obrach” ann an Treas Plana Gàidhlig na Comhairle, bho 2016 air adhart.

THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan adhartas ann a bhith a’ gabhail os làimh Suirbhidh Sgilean Gàidhlig thar Seirbheisean na Comhairle, mar phàirt de na gealltanasan leantainneach againn fo Phlana na Gàidhlig.

9. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/6/15 le ceann-latha 13 Cèitean 2015 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt cunntas às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam”. Bha an aithisg a’ toirt fiosrachadh mu raon farsaing de dh’iomairtean ionadail agus nàiseanta.

Rè a’ chòmhraidh, chaidh na puingean a leanas a thogail:-

. chaidh taing a thoirt seachad airson na h-obrach a bha a’ dol air adhart mu thimcheall Sgrùdadh Meud-comais ann an solar Ro-sgoil Ghàidhlig ann an Inbhir Pheofharain. Bha e na adhbhar misneachd gun robh na h-uimhir de sgoilearan airson a dhol a-steach gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus dheidheadh beachdachadh air Sgoil FMG a sholarachadh airson a’ bhaile;

· chaidh dearbhadh a shireadh gun robh comas aig a’ Chomhairle luchd-tagraidh a bhrosnachadh gu dreuchdan Luchd-cuideachaidh Taic Clasa ann an Aonadan FMG agus mar a bha clann le feumalachdan taice a bharrachd a’ faighinn taic ann an àrainneachd FMG;

· bu chòir còmhraidhean a chumail le Riaghaltas na h-Alba mu dhòighean gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a lìbhrigeadh ann an dòigh cho ionadail ’s a b’ urrainnear, gu h-àraid ann an sgìrean dùthchail;

· chaidh aithreachas a nochdadh gun deach FMG ann an sgìre Thunga a stad gu sealach agus bhathar an dòchas, aig àm air choreigin ri teachd, gun gabhadh seo toirt air ais nuair a bhiodh àireamhan na b’ fhallaine agus dh’fhaodte gun gabhadh solar ùr stèidheachadh sa Bhlàran Odhar. Ach, chaidh fàilte a chur air soirbheas FMG ann an Inbhir Theòrsa. Bha àiteachan eile ann an Sgìre Sgoiltean Co-cheangailte Àrd-Sgoil Farr far an deach ùidh a nochdadh agus, ged a bha seo ri bhrosnachadh, bha e cudromach gun robh solar sam bith a dheidheadh a thoirt seachad seasmhach;

· bha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ toirt sgoilearan gu fileantas ro aois 6 no 7, agus bhiodh na buannachdan a bha an lùib sin a’ leantainn riutha dhan àm ri teachd;

· dh’fhaodadh sgilean Gàidhlig a bhith air an call uaireannan nuair a ghluaiseadh sgoilearan bho Bhun-sgoil FMG gu Àrd-sgoil àbhaisteach. Mar thoradh, bha an co-dhùnadh a dhol air adhart le Campus 3-18 ann am Baile Dhubhthaich, far an deidheadh Foghlam Gàidhlig a thoirt seachad san aon àite bho Ro-sgoil Ghàidhlig air adhart gu Àrd-sgoil Ghàidhlig, a’ toirt cothrom beachdachadh air dòigh-obrach nas radaigiche, agus bhathar an dòchas gun gabhadh am modail seo a dhèanamh cuideachd ann an àiteachan eile; agus

· dh’fhaodte gun robh iomadh adhbhar ann carson nach robh sgoilearan a’ roghnachadh leantainn air adhart le Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san Àrd-sgoil. Mar eisimpleir, dh’fhaodte gur ann dìreach air sàilleabh duilgheadasan le clàran-ama agus cuspairean eile a’ dol air adhart aig an aon àm ach, gu tric, dh’fhaodadh freagairtean ionadail a bhith air an lorg airson nan duilgheadasan seo.

Às dèidh sin:-

i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim ann am Plana na Gàidhlig;

ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh oidhirp a dhèanamh gu h-èiginneach gus feuchainn ris na duilgheadasan mu thimcheall solar ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a rèiteach ann an sgìre a’ Bhlàrain Odhair/Thunga;

iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh leantainn air adhart a’ putadh airson com-pàirteachas Ùghdarrais Ionadail ann am Pròiseas Riarachaidh Luchd-pròbaidh Gàidhlig; agus

iv. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh an dàta staitistig uile a’ buntainn ri Foghlam Gàidhlig, agus am Mapa Foghlaim Gàidhlig Air-loidhne, ùrachadh is fhoillseachadh.

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 12.05 f.