Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Tuesday, 25 August 2015

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, A’ Phrìomh Oifis, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Dimàirt 25 Lùnastal 2015 aig 10.30m.

Brath Craoladh-lìn:  Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.

Leis gach deagh dhùrachd,

Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/
Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra

Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.


Gnothachas


1. Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo.  Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Cumhachdan Fosaidh

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near nach deach na Cumhachdan Fosaidh a chaidh a bhuileachadh leis a’ Chomhairle aig a coinneimh de 25 Ògmhios 2015 a chur an gnìomh a thaobh gnothachas Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig.

4. Naidheachdan Matha

5. Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2012-16 – Ath-sgrùdadh agus Ùrachad

Tha Aithisg Àir. GIG/7/15 le ceann-latha 16 Iuchar 2015 ga cuairteachadh le  Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt seachad fiosrachadh mu nithean a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air ullachadh, agus co-chomhairle mu, threas Plana Gàidhlig na Comhairle bho 2016 air adhart.  Thathar ag iarraidh air Buill aontachadh gun dèanar moladh foirmeil gus am Plana Gàidhlig 2012-16 làithreach againn a leudachadh gu 2017 gus am bi cothrom ann an ath Phlana a cho-thaobhadh ri leasachaidhean reachdail leantainneach agus iomairtean nàiseanta eile a tha ri thighinn, mar a thathar a’ mìneachadh san aithisg.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn na leanas aontachadh:-

i.   gun tèid a’ Chomhairle gu Bòrd na Gàidhlig gus leudachadh foirmeil aon bhliadhna iarraidh airson Plana Gàidhlig 2012-16 gu 2017 gus dèanamh cinnteach gu bheil Plana Gàidhlig 3 air ullachadh gu ceart agus air a cho-thaobhadh ri reachdas a tha ri thighinn agus ri Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2017; agus
ii.  gun iarrar air Bòrd na Gàidhlig aonta foirmeil a chur ri dreachd de na thathar a’ dùileachadh bho amasan àrd-ìre a’ buntainn ri Plana Gàidhlig 3 leis a’ Chomhairle, mus cuirear tagradh chun a’ Mhinistear airson aonta ann am prionnsapal.

6. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd" – Aithisg Bhuileachaidh

Tha Aithisg Àir. GIG/8/15 le ceann-latha 21 Iuchar 2015 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt tuilleadh fiosrachaidh mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd.” Tha seo ag ùrachadh Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2014-15 na Comhairle agus a’ mìneachadh tuilleadh ghnìomhan a rinneadh bho 31 Faoilleach 2015.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.   beachdachadh air adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair na Dachaigh agus na Coimhearsnachd ann am Plana Gàidhlig 2012-16;
ii.  aontachadh gun cuirear fàilte air co-obrachadh Oifigearan le Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh le Sgeama Dhuaisean Nàiseanta airson Coileanadh Inbheach;
iii. aontachadh gun cuirear fàilte air leasachadh cùrsa ùr, Cùrsa Litearrachd Inbheach do Luchd-labhairt Fileanta na Gàidhlig, ann an co-bhann le Sabhal Mòr Ostaig;
iv.  aontachadh obrachadh le Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean eile gus Ro-innleachd Ionnsachaidh Nàiseanta airson Inbhich Ghàidhlig a thoirt gu ìre; agus
v.   aontachadh gun tèid leantainn air adhart le obair thar-bhuidhneach, a’ gabhail a-steach an Com-pàirteachas Dealbhadh Coimhearsnachd, gus ionnsachadh agus cothroman cleachdaidh Gàidhlig a bhrosnachadh agus fhurastachadh ann an àiteachan-obrach, dachaighean, sgoiltean agus coimhearsnachdan.

7. Fèisean nan Gàidheal

Bheir Mgr Art MacCarmaig, Àrd-Oifigear Fèisean nan Gàidheal (FnG), seachad taisbeanadh a’ mìneachadh obair FnG làmh ris a’ Chomhairle.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an taisbeanadh.

8. Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig 2015

Tha Aithisg Àir. GIG/9/15 le ceann-latha 15 Iuchar 2015 ga cuairteachadh le  Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt sealladh coitcheann air na h-iarrtasan soirbheachail a chuir Sgioba Ghàidhlig na Comhairle a-steach gu Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig airson 2015-16.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.   beachdachadh air na trì pròiseactan GLAIF soirbheachail airson 2015-16 mar phàirt de ghealltanasan leantainneach na Comhairle a thaobh a’ Phlana Ghàidhlig;
ii.  aontachadh gun dèan Oifigearan Comhairle ceangal le Bòrd na Gàidhlig gus na pròiseactan soirbheachail uile a chur air adhart ann an GLAIF 2015-16; agus
iii. aontachadh gun cuirear a-steach Aithisg dheireannach mu bhuileachadh phròiseactan GLAIF ann an 2016.

9. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh

Tha Aithisg Àir. GIG/10/15 le ceann-latha 20 Iuchar 2015 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fios às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” agus fiosrachadh mu raon farsaing de dh’iomairtean aig ìre nàiseanta agus ionadail.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.   beachdachadh air adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim anns a’ Phlana Ghàidhlig;
ii.  aontachadh gun tèid tachartasan àrd-inbhe a chumail leis a’ Chomhairle gus Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar a chomharrachadh, a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba;
iii. aontachadh gun tèid Oifigear Foghlaim Gàidhlig a chur an dreuchd cho luath ’s a ghabhas;
iv.  aontachadh ris na gnìomhan a thathar a’ gabhail os làimh gus feuchainn ris na duilgheadasan mu sholar FMG ann an sgìre a’ Bhlàrain Odhair/Thunga a rèiteach;
v.   aontachadh gun leanar air adhart a’ putadh airson com-pàirteachas Ùghdarrasan Ionadail ann am Pròiseas Riarachaidh an Luchd-pròbaidh Gàidhlig; agus
vi.  aontachadh gun tèid an dàta staitistig uile mu Fhoghlam Gàidhlig ùrachadh agus fhoillseachadh; agus am Mapa Foghlaim Gàidhlig Air-loidhne.