Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Tuesday, 25 August 2015

Minutes: Read the Minutes

Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 25 Lùnastal 2015 aig 10.30m.

An làthair: A’ Bh-uas I Chaimbeul (Ball-ionaid); Mgr D Fallows; Mgr S Farlow; Mgr C Friseal; Mr S Friseal

Cuideachd an làthair: Mgr D Mac a’ Mhuilleir; Mgr C MacLeòid; Mgr F Parr; Mgr T Prag; (Ball-ionaid); A’ Bh-uas M E NicPheadrais; An Dr A Nic na Ceàrdaich

A’ frithealadh na coinneimh:

Mgr B Alexander, Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr C A Moireach, Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M A NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas D Ghrannd, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M Mulholland, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicPheadrais, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, 
Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh 
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra
A’ Bh-uas J Green, Neach-cuideachaidh Rianachd, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra

Cuideachd a’ frithealadh na coinneimh:

Mgr A MacCarmaig, Àrd-Oifigear, Fèisean nan Gàidheal

Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.

Mgr S Friseal sa Chathair

Gnothach

1. Leisgeulan

Ghabhadh leisgeul às leth Mhgr I Ghòrdain, Mhgr S MhicGilleBhrath agus na M-uas C Stephen.

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan Fhoillseachadh Com-pàirt a leanas:-

Cuspair 6 – Mgr S Farlow (neo-ionmhasail)

3. Cumhachdan Fosaidh

THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR nach deach na Cumhachdan Fosaidh a chaidh a bhuileachadh leis a’ Chomhairle aig a coinneimh de 25 Ògmhios 2015 a chur an gnìomh a thaobh gnothachas Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig. 

4. Naidheachdan Matha

Chaidh liosta de chuspairean Naidheachdan Matha a chur air a’ bhòrd aig a’ choinneimh agus, às dèidh dhan Chathraiche aire shònraichte a tharraing gu diofar chùisean, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na Naidheachdan Matha.

5. Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2012-16 – Ath-sgrùdadh is Ùrachadh

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/7/15 le ceann-latha 16 Iuchar 2015 le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt seachad fiosrachadh mu nithean a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air ullachadh, agus co-chomhairle mu, threas Plana Gàidhlig na Comhairle bho 2016 air adhart. Chaidh iarraidh air Buill aontachadh gun dèanar moladh foirmeil gus am Plana Gàidhlig 2012-16 làithreach againn a leudachadh gu 2017 gus am bi cothrom ann an ath Phlana a cho-thaobhadh ri leasachaidhean reachdail leantainneach agus iomairtean nàiseanta eile a tha ri thighinn, mar a thathar a’ mìneachadh san aithisg.

A’ daingneachadh na h-aithisg, b’ urrainn do Mhanaidsear Leasachaidh na Gàidhlig a-nis dearbhadh a thoirt seachad do Bhuill gun robh Bòrd na Gàidhlig air freagairt a thoirt dhan a’ Chomhairle a’ comharrachadh gun robh iad deònach còmhradh mu na h-amasan àrd-ìre a bhiodh iad a’ sireadh ann am Plana Gàidhlig 3, mus deidheadh beachdachadh aig ìre Mhinistreil.

Anns a’ chòmhradh, shir agus fhuair Buill barantas gum biodh ùine gu leòr ann fhathast gus aonta Riaghaltas na h-Alba agus Bhòrd na Gàidhlig fhaighinn airson Plana Gàidhlig 3 ro Shultain 2017. Bhathar an dòchas cuideachd gum biodh e deiseil ann an deagh ùine airson a chur air bhog mus deidheadh a’ Chomhairle ùr a stèidheachadh sa Chèitean 2017.

DH’AONTAICH a’ Bhuidheann:-

i. gun tèid a’ Chomhairle gu Bòrd na Gàidhlig gus leudachadh foirmeil aon bhliadhna iarraidh airson Plana Gàidhlig 2012-16 gu 2017 gus dèanamh cinnteach gu bheil Plana Gàidhlig 3 air ullachadh gu ceart agus air a cho-thaobhadh ri reachdas a tha ri thighinn agus ri Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2017; agus

ii. gun deidheadh iarraidh air Bòrd na Gàidhlig aonta foirmeil a chur ri dreachd de na thathar a’ dùileachadh bho amasan àrd-ìre a’ buntainn ri Plana Gàidhlig 3 leis a’ Chomhairle, mus cuirear tagradh chun a’ Mhinisteir airson aonta ann am prionnsapal.

6. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd" – Aithisg Bhuileachaidh

Foillseachadh Com-pàirt: Dh’fhoillsich Mgr S Farlow com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo mar Chathraiche air Geo-phàirc na Gàidhealtachd an Iar-Thuath, ach air dha an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin e nach robh seo a’ cur bacadh air bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/8/15 le ceann-latha 21 Iuchar 2015 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt tuilleadh fiosrachaidh mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 1 “Na nì sinn airson na Gàidhlig san Dachaigh agus sa Choimhearsnachd.” Bha seo ag ùrachadh Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2014-15 na Comhairle agus a’ mìneachadh tuilleadh ghnìomhan a rinneadh bho 31 Faoilleach 2015.

Anns a’ chòmhradh, thog Buill na puingean a leanas:-

  • bha e math a bhith a’ faicinn gun robh an àireamh chom-pàirtichean aig tachartasan agus air cùrsaichean a’ sìor àrdachadh;
  • bhathar ag aithneachadh gun robh duilgheadasan ann a’ fastadh thidsearan Àrd-sgoile airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus bhathar ag aithneachadh gur e duilgheadas nàiseanta a bha seo. Chaidh beachdachadh gum faodadh coimhead air tidsearan fhastadh bho àiteachan thall-thairis, leithid Alba Nuadh;
  • bha na ciad bhliadhnaichean de bheatha leanaibh fìor chudromach a thaobh leasachadh agus bha na buannachdan a tha an lùib a bhith a’ teagasg na Gàidhlig aig aois thràth, agus seo a’ ciallachadh comas nas fheàrr gus cànanan eile ionnsachadh, air an deagh chlàradh;
  • bha e math faicinn gun robh clas còmhraidh Gàidhlig stèidhichte sa choimhearsnachd air tòiseachadh aig Àrd-Sgoil Farr agus bhathar an dòchas gun toireadh seo brosnachadh do Ghàidhlig ann an àiteachan eile air a’ chost a tuath;
  • bha e feumail cladhach gus faighinn a-mach dè bha a’ brosnachadh dhaoine fa leth gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh seach gum faodadh seo an uair sin a bhith air a chleachdadh gus feadhainn eile a bhrosnachadh. Bhathar a’ cur dreachd ro-innleachd do dh’inbhich air dòigh le Bòrd na Gàidhlig agus, nuair a bhiodh seo ri fhaotainn gu poblach, dheidheadh leth-bhreac a chur chun a’ Chomhairliche Prag; agus
  • chaidh iomradh a thoirt air bileag le buidheann coimhearsnachd Sgobhairigh a bha air cuideachadh gus an cruth-tìre ionadail eadar-theangachadh bho Ghàidhlig gu Beurla agus bhathar air seo a mheudachadh gu h-ionadail. Cuideachd, bhathar air iomradh a thoirt air seann mhapaichean Suirbhidh Òrdanais far an deach a’ Ghàidhlig a chleachdadh gus puingean cruinn-eòlasach a chomharrachadh. Bha seo air ùidh a thogail sa Ghàidhlig agus san àrainneachd.

Às dèidh sin:-

i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair na Dachaigh agus na Coimhearsnachd ann am Plana Gàidhlig 12-16;

ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun cuirear fàilte air co-obrachadh Oifigearan le Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh le Sgeama Dhuaisean Nàiseanta airson Coileanadh Inbheach;

iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun cuirear fàilte air leasachadh cùrsa ùr, Cùrsa Litearrachd Inbheach do Luchd-labhairt Fileanta na Gàidhlig, ann an co-bhann le Sabhal Mòr Ostaig;

iv. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann obrachadh le Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean eile gus Ro-innleachd Ionnsachaidh Nàiseanta airson Inbhich Ghàidhlig a thoirt gu ìre; agus

v. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun tèid leantainn air adhart le obair thar-bhuidhneach, a’ gabhail a-steach an Com-pàirteachas Dealbhadh Coimhearsnachd, gus ionnsachadh agus cothroman cleachdaidh Gàidhlig a bhrosnachadh agus fhurastachadh ann an àiteachan-obrach, dachaighean, sgoiltean agus coimhearsnachdan.

7. Fèisean nan Gàidheal

Thug Mgr Art MacCarmaig, Àrd-Oifigear Fèisean nan Gàidheal (FnG), seachad taisbeanadh mionaideach a’ mìneachadh obair FnG an dàimh ris a’ Chomhairle.

Chaidh miannan, prìomhachasan agus coileanaidhean FnG gu ruige seo a mhìneachadh, a bharrachd air na sruthan maoineachaidh aca agus mar a bha iad a’ cur ri bhith a’ cumail suas cànan is cultar na Gàidhlig. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air Fèisgoil, pròiseact pìolait a bha air a dhol air adhart ann an 15 sgoil ann an Loch Abar, Cataibh agus Gallaibh far an deach clasaichean a thoirt do 772 sgoilear le amas seirbheis ealain agus cànain Gàidhlig a thoirt seachad an dà chuid ann am foghlam agus sa choimhearsnachd. A’ leantainn air adhart, chaidh aire nam Ball a tharraing cuideachd gu Fèis Bhlas a bha gu bhith a’ gabhail àite eadar 4-11 Sultain. Bha an Fhèis a-nis a’ dol a-steach dhan 11mh bliadhna aice agus chaidh tachartasan sònraichte bhon phrògram a chomharrachadh.

Rè a’ chòmhraidh, chuir Buill fàilte air na puingean a chaidh a chomharrachadh san taisbeanadh agus chuir iad meal-an-naidheachd air FnG airson na bha iad a’ coileanadh. A bharrachd, chaidh na beachdan a leanas a thoirt seachad:

  • chaidh ceist a thogail mu bhuaidh poileasaidh màil na Comhairle. Mar fhreagairt, dhearbh Mgr MacCarmaig gun robh FnG air a bhith a’ faighinn màil an asgaidh roimhe ach seach gun robh cosgaisean ann a-nis gum biodh buaidh aig an sin, an dà chuid am-bliadhna agus san àm ri teachd. Chaidh coinneamhan a chumail le oifigearan Comhairle gus bruidhinn mu dheidhinn seo agus, fhad ’s a bhathar ag aithneachadh gun robh feum air dòigh-obrach chunbhalach, bhathar an dòchas gum biodh rùm ann airson ùghdarras ri linn nam buannachdan foghlaim a bha com-pàirteachas san Fhèis a’ toirt seachad;
  • bhathar ag aithneachadh gun robh daoine òga a bha air com-pàirt a ghabhail san Fhèis a’ faireachdainn gun robh iad air rudan a choileanadh;
  • chaidh Blas a chur air bhonn, gu ìre, gus brosnachadh a thoirt do dh’ eaconamaidh na Gàidhealtachd aig deireadh ràith an luchd-turais agus bhathar dha-rìribh air sin a choileanadh; agus
  • bha soirbheas Fèis Rois ri fhaicinn, chan ann a-mhàin ann an Siorrachd Rois, ach air feadh na h-Alba.

Thug Mgr MacCarmaig taing do Chomhairle na Gàidhealtachd airson a taic leantainnich a bha a’ toirt cothrom do FnG maoineachadh a thogail às àiteachan eile.

Às dèidh sin THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan Taisbeanadh.

8. Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig 2015

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/9/15 le ceann-latha 15 Iuchar 2015 le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt sealladh coitcheann air na h-iarrtasan soirbheachail a chuir Sgioba na Gàidhlig aig a’ Chomhairle a-steach gu Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig airson 2015-16.

Chaidh briseadh-dùil a nochdadh nach robh am pròiseact soidhne rathaid dà-chànanach “Fàilte dhan Ghàidhealtachd” a bhathar a’ moladh air maoineachadh fhaighinn bho Mhaoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig. Bha seo a’ toirt fìor dheagh chothrom seachad gus fàilte a chur air luchd-tadhail dhan Ghàidhealtachd a bha a’ siubhal gu tuath air an A9 agus bhathar a’ coimhead air dòighean anns am b’ urrainn do Chomhairle na Gàidhealtachd fhèin a mhaoineachadh.

Chuireadh meal-an-naidheachd air Sgioba na Gàidhlig airson an cuid obrach ann a bhith a’ gleidheadh maoineachadh airson nam pròiseactan a bha air fhàgail, agus às dèidh sin:

i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na trì pròiseactan GLAIF soirbheachail airson 2015-16 mar phàirt de ghealltanasan leantainneach na Comhairle a thaobh a’ Phlana Ghàidhlig;

ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun dèan Oifigearan Comhairle ceangal le Bòrd na Gàidhlig gus na pròiseactan soirbheachail uile a chur air adhart ann an GLAIF 2015-16; agus

iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun cuirear a-steach Aithisg dheireannach mu bhuileachadh phròiseactan GLAIF ann an 2016.

9. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/10/15 le ceann-latha 20 Iuchar 2015 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fios às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” agus fiosrachadh mu raon farsaing de dh’iomairtean aig ìre nàiseanta agus ionadail.

Anns a’ chòmhradh, chaidh na beachdan a leanas a thoirt seachad:-

  • bha Buill toilichte faicinn gun robh a’ Chomhairle a’ toirt taic do Sgrùdadh Meud-comais de sholar Gàidhlig Ro-sgoile ann an Inbhir Pheofharain. Bha soirbheas Cròileagan Inbhir Pheofharain a’ ciallachadh gun robh e air fàs a-mach às an togalach anns an robh e agus bha e riatanach coimhead air adhart. Bha cothrom cuideachd beachdachadh air comas sgoil Ghàidhlig a sheasadh leatha fhèin a stèidheachadh ann an Inbhir Pheofharain;
  • bha e math gun robh 6 tidsearan pròbaidh bun-sgoile Gàidhlig air an clàradh agus bhathar an dòchas, às dèidh dhan bhliadhna phròbaidh a bhith deiseil, gun deidheadh an cumail. Bha e cudromach cuideachd gun toireadh a’ Chomhairle brosnachadh do thidsearan eile gus gluasad gu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig;
  • ged a bha na cuideaman togalaich aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis na bhriseadh-dùil, bha soirbheas na sgoile ann a bhith a’ tarraing sgoilearan na adhbhar misneachd. Chaidh moladh, nuair a bhathar a’ dealbhadh sgoiltean FMG eile gum bu chòir aire a ghabhail dhan àrdachadh ann am meas airson na Gàidhlig;
  • chaidh fàilte a chur air an àrdachadh shusbainteach ann an àireamhan Luchd-ionnsachaidh Gàidhlig ann an Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn;
  • bha e cudromach gun deidheadh fosgladh oifigeil Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar a chumail cho luath ’s a ghabhadh gus togail air an deagh fhaireachdainn a bha sa choimhearsnachd ionadail;
  • chaidh fàilte a chur air an obair a bhathar a’ dèanamh gus solar Gàidhlig a thoirt seachad mu Bhun-Sgoil Thunga ach chaidh aithneachadh gum feumadh solar sam bith a bhith seasmhach san ùine-fhada gus nach biodh an aon duilgheadas ann a-rithist. Bha a’ Chomhairle ag aithneachadh gum feumadh Seirbheisean a bhith air an lìbhrigeadh ann an dòigh eadar-dhealaichte ann an Ceann an Iar-Thuath Chataibh agus bhathar an dòchas gun robh seo a’ buntainn ri lìbhrigeadh na Gàidhlig cuideachd;
  • chaidh fàilte a chur air na bha Oilthigh Shrath Chluaidh a’ cur ri cùrsa pìolait Bogadh sa Ghàidhlig do Thidsearan;
  • bhathar an dòchas gun deidheadh dreuchd an Oifigear Foghlaim Gàidhlig, a bha air a cho-mhaoineachadh le Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, a lìonadh cho luath ’s a ghabhadh seach gun robh an dreuchd seo a’ toirt cuideachadh is taic do thidsearan; agus
  • chuir Buill fàilte air an aithisg labhairteach a thaobh ath-bheothachadh na Gàidhlig ann an sgìre Pheairt agus Chinn Rois.

Às dèidh sin:

i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan adhartas a rinneadh ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim sa Phlana Ghàidhlig;

ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh tachartas àrd-inbhe a chumail leis a’ Chomhairle gus fosgladh Bun-Sgoil Ghaidhlig Loch Abar a chomharrachadh, a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba;

iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh Oifigear Foghlaim Gàidhlig eile a shireadh cho luath ’s a ghabhadh;

iv. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann na bhathar a’ dèanamh gus feuchainn ri duilgheadasan mu thimcheall solar FMG ann an sgìre a’ Bhlàrain Odhair/Thunga a rèiteach;

v. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh leantainn air adhart a’ putadh airson com-pàirteachas Ùghdarrasan Ionadail ann am Pròiseas Riarachaidh an Luchd-pròbaidh Gàidhlig; agus

vi. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann an dàta staitistig uile mu Fhoghlam Gàidhlig ùrachadh agus fhoillseachadh; agus am Mapa Foghlaim Gàidhlig Air-loidhne.

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 12 nòin.