Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 18 February 2016
Agenda: Read the Agenda
Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, A’ Phrìomh Oifis, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 18 Gearran 2016 aig 10.30m.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/
Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra
Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.
Gnothachas
1. Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Naidheachdan Matha
4. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh
Tha Aithisg Àir. GIG/1/16 le ceann-latha 9 Gearran 2016 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt cunntas às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” agus fiosrachadh mu raon farsaing de dh’iomairtean nàiseanta agus ionadail.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-
i. beachdachadh air adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim anns a’ Phlana Ghàidhlig;
ii. aonta a chur ris na thathar a’ dèanamh gus feuchainn ris na duilgheadasan mu thimcheall solar tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgìre a’ Bhlàrain Odhair/Thunga a rèiteach;
iii. aontachadh gun leanar air adhart a’ putadh airson com-pàirteachas Ùghdarrais Ionadail ann am Pròiseas Riarachaidh an Luchd-pròbhaidh Ghàidhlig; agus
iv. aontachadh gun tèid an dàta staitistigeil uile a’ buntainn ri Foghlam Gàidhlig agus am Mapa Foghlaim Gàidhlig Air-loidhne ùrachadh agus fhoillseachadh.
5. Obrachadh Com-pàirteach eadar a’ Chomhairle agus an Care and Learning Alliance ann an Earrainn an Tràth-ionnsachaidh agus a’ Chùraim-chloinne Gàidhlig
Bheir A’ Bh-uas Valerie Gale, Àrd-Oifigear Care and Learning Alliance (CALA) seachad taisbeanadh mun chom-pàirteachas leantainneach agus fìor shoirbheachail eadar a’ Chomhairle agus CALA sna buidhnean tràth-bhliadhnaichean Gàidhlig.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an taisbeanadh.
6. Ceann-latha Leudaichte Foirmeil airson Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2012-16
Tha Aithisg Àir. GIG/2/16 le ceann-latha 5 Gearran 2016 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ dearbhadh gu bheil Bòrd na Gàidhlig air aonta foirmeil a thoirt do leudachadh aon bhliadhna airson Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2012-16 gu 18 Sultain 2017.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near dhan fhreagairt bho Bhòrd na Gàidhlig a’ toirt aonta foirmeil do leudachadh aon bhliadhna do Phlana Gàidhlig na Comhairle 2012-16.
7. Plana Gàidhlig 2012-16 – Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2015-16
Tha Aithisg Àir. GIG/3/16 le ceann-latha 5 Gearran 2016 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt dreachd, airson aonta, den Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail a thaobh Plana Gàidhlig 2012-16 na Comhairle.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-
i. beachdachadh air an Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail a’ còmhdach na h-ùine 1 Faoilleach 2015 gu 31 Faoilleach 2016; agus
ii. An Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail aontachadh.
8. A’ Ghàidhlig san Àite-obrach – Ionad-Seirbheis
Tha Aithisg Àir. GIG/4/16 le ceann-latha 5 Gearran 2016 ga cuairteachadh le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt fios do Bhuill mun obair gu ruige seo agus mun phlanadh air adhart airson a bhith a’ gabhail na Gàidhlig a-steach ann an gnìomhachd is raon-ùghdarrais an Ionaid-Sheirbheis, seach gu bheil an t-Ionad-Seirbheis a’ faighinn 300,000 gairm sa bhliadhna.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near dhan leasachadh ùr seo mar thargaid bhuileachaidh taobh a-staigh a’ Phlana Ghàidhlig.
- Cuspair 4 Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh Report, 47.83 KB
- Cuspair 6 Ceann-latha Leudaichte Foirmeil airson Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2012-16 Report, 154.12 KB
- Cuspair 7 Plana Gàidhlig 2012-16 – Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2015-16 Report, 82.62 KB
- Cuspair 8 A’ Ghàidhlig san Àite-obrach – Ionad-Seirbheis Report, 9.51 KB