Agendas, reports and minutes
Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 18 February 2016
Minutes: Read the Minutes
Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 18 Gearran 2016 aig 10.30m.
An làthair: Mgr D Fallows; Mgr S Farlow; Mgr C Friseal
Cuideachd an làthair: Mgr A Mac a’ Mhuilleir; Mr S Friseal; Mgr C MacLeòid; Mgr F Parr
A’ frithealadh na coinneimh:
Mgr B Alexander, Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas C NicDiarmaid, Ceannard Poileasaidh agus Ath-leasachaidh
Mgr C A Moireach, Manaidsear Leasachaidh na
Gàidhlig, Seirbheis
a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M A NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na
Gàidhlig, Seirbheis
a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M Mulholland, Oifigear
Ionnsachaidh agus Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim
agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas D Ghrannd, Oifigear
Ionnsachaidh agus Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim
agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicPheadrais,
Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an
Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh
Rianaire, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra
A’ Bh-uas F NicBheathain, Rianaire
Comataidh, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra
Cuideachd a’ frithealadh na
coinneimh:
A’ Bh-uas
V Gale, Àrd-Oifigear, Care and Learning Alliance
A’
Bh-uas N Ruettimann, Manaidsear
Trèanaidh agus Leasachaidh,
A’
Bh-uas L Stuart, Manaidsear Chleachdaidhean Leanabais, Care and Learning Alliance
Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle. Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.
Mgr S Friseal sa Chathair
Gnothach
1. Leisgeulan
Ghabhadh leisgeul às leth Mhgr I Ghòrdain, Mhgr S MhicGilleBhrath, na M-uas M E NicPheadrais, an Dr A Nic na Ceàrdaich agus na M-uas C Stephen.
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan Fhoillseachadh Com-pàirt a leanas:-
Cuspairean 5 agus 7 – Mgr S Farlow (neo-ionmhasail)
3. Naidheachdan Matha
Chaidh liosta de chuspairean Naidheachdan Matha a chuairteachadh, a’ còmhdach na leanas:-
· Duaisean Coileanaidh Inbheach (Gàidhlig)
· Latha In-Sheirbheis Gàidhlig
· Bogadh Gàidhlig do Luchd-teagaisg
· Bile an Fhoghlaim (Gàidhlig)
· Bòrd na Gàidhlig
· Co-labhairt Craolaidh agus Meadhanan Gàidhlig
· Latha Spòrs agus Fiosrachaidh Gàidhlig
· Bannan (Dràma TBh Gàidhlig) MGALBA
· An Làrach-lìn Ùr aig Am Baile
Às dèidh aire a tharraing gu cuspairean sònraichte, chuir an Cathraiche cuideachd an cuimhne nam Ball gun deach iarraidh air còisir bho Bhun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis seinn aig crìoch coinneamh na Comataidh.
Rè a’ chòmhraidh, chaidh moladh gum faodadh an cruinneachadh de leabhraichean tearc a bha glèidhte aig Seirbheis Leabharlainn High Life na Gàidhealtachd a bhith ri fhaotainn do Am Baile seach gum faodadh cuid den stuth a bhith inntinneach do dhaoine a bha airson ballrachd a thogail le Comunn Gàidhlig Inbhir Nis.
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na Naidheachdan Matha.
4. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” – Aithisg Bhuileachaidh
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/1/16 le ceann-latha 9 Gearran 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt cunntas às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” agus fiosrachadh mu raon farsaing de dh’iomairtean nàiseanta agus ionadail.
Thug Buill iomradh air Sgeama Bogaidh do Thidsearan (GIfT) a bha a’ toirt cothrom do luchd-teagaisg ann am Foghlam tro Mheadhan na Beurla ùine a ghabhail air falbh bho na dleastanasan aca airson bliadhna acadaimigeach slàn gus na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh agus tilleadh gus teagaisg ann am FMG. Chuir Buill fàilte air a’ chomas a bha seo a’ toirt dhan Chomhairle gus an àireamh de thidsearan Gàidhlig a mheudachadh agus gus leasachadh sgilean ann an dàrna cànain seach gun robhar ag aithneachadh gun robh buannachdan nas fharsainge an lùib seo airson buileachadh foghlaim na cloinne. Bhiodh seo cuideachd a’ cur ri teagasg na Gàidhlig ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean.
Às dèidh sin:-
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do dh’adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim sa Phlana Ghàidhlig;
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann na bhathar a’ dèanamh gus na duilgheadasan mu thimcheall solar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgìre a’ Bhlàrain Odhair/Thunga a rèiteach;
iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh leantainn air adhart a’ putadh airson com-pàirteachas Ùghdarrais Ionadail ann am Pròiseas Riarachaidh an Luchd-pròbhaidh Gàidhlig; agus
iv. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh an dàta staitistigeil uile a’ buntainn ri Foghlam Gàidhlig agus am Mapa Foghlaim Gàidhlig Air-loidhne ùrachadh agus fhoillseachadh.
5. Obrachadh Com-pàirteach eadar a’ Chomhairle agus Care and Learning Alliance ann an Roinn Tràth-ionnsachaidh agus Cùraim-chloinne Gàidhlig
Foillseachadh Com-pàirt
Dh’fhoillsich Mgr S Farlow com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo mar bhall de An Talla Solais, ach air dha an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin e nach robh seo a’ cur bacadh air bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.
Thug A’ Bh-uas Valerie Gale, Àrd-Oifigear Care and Learning Alliance (CALA) seachad taisbeanadh a’ mìneachadh gun robh an com-pàirteachas leis a’ Chomhairle agus Bòrd na Gàidhlig gus taic dhealbhaichte a thoirt seachad do bhuidhnean pàiste Gàidhlig ainmichte air tòiseachadh san Fhaoilleach 2016.
Bhathar air ceathrar Luchd-obrach Leasachaidh pàirt-ùine fhastadh gus taic a thoirt seachad le bhith a’ tadhal air buidhnean, a’ togail air obair a bha Bòrd na Gàidhlig agus a’ Chomhairle air a dhèanamh roimhe ann a bhith a’ leasachadh solar tro mheadhan na Gàidhlig do phàistean beaga. B’ e an t-amas roinn 0-3 Gàidhlig a bha air eagrachadh gu proifeiseanta, le deagh ghoireasan agus a bha seasmhach, a chruthachadh agus, anns na ceithir bliadhna, bha grunn thoraidhean matha ann, nam measg bhathar a’ cleachdadh barrachd Gàidhlig ann am buidhnean phàistean òga, bha eadar-ghluasad nas fhasa ann gu solar ro-sgoile Gàidhlig agus barrachd aire mu bhuannachdan dà-chànanais. Bha fios air ais bho phàrantan air a bhith math agus, seach gun robhar air maoineachadh aontachadh san Ògmhios 2015, dh’fhaodadh CALA a-nis leantainn air adhart le pròiseact coltach ri seo a bheireadh air adhart, am measg rudan eile, co-obrachadh nas dlùithe eadar Bòrd na Gàidhlig agus sgiobaidhean CALA.
Rè a’ chòmhraidh, thug Buill seachad na beachdan a leanas:-
· chaidh fàilte a chur air an deagh bhuaidh agus na dàimhean-obrach matha a bha air leasachadh;
· bha ìrean co-fhreagairt le pàrantan àrd, agus bha seo a’ sealltainn gun robh pàrantan a’ cur luach air na seirbheisean a bhathar a’ toirt seachad;
· bha 80% de phàrantan air sealltainn gun robh iad mothachail mu na buaidhean a bha an lùib dà-chànanais. B’ e deagh adhartas a bha seo a bha mar thoradh air an obair a bha a’ dol air adhart air cùl gnothaich sna bliadhnaichean mu dheireadh;
· chaidh meal a naidheachd a chur air CALA a thaobh nam pròiseasan a bha air cliù Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a neartachadh agus gun robhar a’ gabhail ris mar phàirt chudromach de dh’Alba. Às dèidh fiosrachadh a shireadh mu àm ri teachd a’ phròiseict, chaidh dearbhadh gun deach buidseat aontachadh airson a’ chiad bhliadhna de phlana 3-bliadhna a bharrachd. Bhathar an dòchas gun deidheadh ionmhas a ghleidheadh airson bliadhnaichean air thoiseach às dèidh a’ Bhuidseat a bha ri thighinn;
· chaidh iomradh a thoirt air taisbeanadh a bha an t-Ollamh Antonella Sorace bho Oilthigh Dhùn Èideann air a thoirt seachad o chionn grunn bhliadhnaichean mu bhuannachdan dà-chànanais airson leasachadh eanchainn chloinne;
· chaidh aire a tharraing gu na buannachdan a bha an lùib a bhith ag amas air pàrantan mus biodh leanabanan air am breith. Bha seo a’ gabhail a-steach iomairtean leithid buidhnean sgoil-àraich saor-thoileach Gàidhlig a bhith a’ ruith siostam charaidean airson phàrantan ùra. Mura robh ceangal air a thogail le pàrantan airson ciad leanabh, bha seo cuideachd a’ toir cothrom ceangal a thogail leis an leanabh as sine; agus
· chaidh iarrtas a dhèanamh airson fiosrachadh mun phròiseact Ealain Bheag, co-obrachadh ealain coimhearsnachd eadar Brògan Beaga agus An Talla Solais, a thoirt do Bhuill na Buidhne.
Chuir an Stiùiriche fàilte air obair chom-pàirteach leantainnich le CALA agus mhol e an obair riatanach a bha iad a’ gabhail os làimh ann an roinn nan Tràth-bhliadhnaichean. Thug e iomradh air planaichean Riaghaltas na h-Alba gus làn-chòir Tràth-ionnsachaidh agus cùraim-chloinne a dhùblachadh gu 1140 uair a thìde gach bliadhna ro 2020 agus gum biodh cùram-chloinne tro mheadhan na Gàidhlig na phàirt chudromach dhen sin.
Às dèidh sin:-
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh; agus
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh fiosrachadh mionaideach mun phròiseact Ealain Bheag, co-obrachadh ealain eadar Brògan Beaga agus An Talla Solais, a thoirt do Bhuill.
6. Leudachadh Foirmeil
den Cheann-latha airson Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2012-16
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/2/16 le ceann-latha 5 Gearran 2016 le
Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ dearbhadh gu bheil Bòrd na Gàidhlig air aonta foirmeil a thoirt do
leudachadh aon bhliadhna airson Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2012-16
gu 18 Sultain 2017.
Chuir Buill fàilte air an fhreagairt a fhuaireadh a thaobh an iarrtais, bha iad a’ coimhead air adhart ri rudan matha airson na Gàidhlig san àm ri teachd agus thug iad taing dhan sgioba airson an cuid obrach.
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan fhreagairt bho Bhòrd na Gàidhlig a’ toirt aonta foirmeil do leudachadh bliadhna do Phlana Gàidhlig 2012-16 na Comhairle.
7. Plana Gàidhlig 2012-16 – Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2015-16
Foillseachadh Com-pàirt
Dh’fhoillsich Mgr S Farlow com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo mar Chathraiche air Geo-phàirc Iar-Thuath na Gàidhealtachd, ach air dha an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin e nach robh seo a’ cur bacadh air bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/3/16 le ceann-latha 5 Gearran 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt dreachd, airson aonta, de Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2015-16 a thaobh Plana Gàidhlig 2012-16 na Comhairle.
Rè a’ chòmhraidh, chuir Buill fàilte air an aithisg agus thugadh seachad na beachdan a leanas:-
· dheidheadh fios air ais math a thaobh mar a bha Fèisean nan Gàidheal a’ cleachdadh stòrasan a thoirt do Mhanaidsear Leasachaidh na Gàidhlig;
· chaidh fàilte a chur air a’ bhileig Ghàidhlig-Bheurla airson Geo-phàirc Iar-Thuath na Gàidhealtachd UNESCO agus bhathar an dòchas gum beachdaicheadh geo-phàircean eile ann an sgìrean dà-chànanach air feadh an t-saoghail air an aon rud a dhèanamh. Bhathar an dòchas cuideachd gun deidheadh Aonad FMG a shuidheachadh uaireigin anns an geo-phàirc; agus
· Shir Mgr Mac a’ Mhuilleir fiosrachadh mun àireamh sgoilearan sa Ghàidhealtachd a bha a’ faighinn eòlas air a’ Ghàidhlig taobh a-muigh nan Aonadan FMG.
Às dèidh sin:-
i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail a’ còmhdach na h-ùine 1 Faoilleach 2015 gu 31 Faoilleach 2016; agus
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann an Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail.
8. A’ Ghàidhlig san Àite-obrach – Ionad-Seirbheis
Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/4/16 le ceann-latha 5 Gearran 2016 le Ceannard a’ Phoileasaidh agus an Ath-leasachaidh, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mun obair gu ruige seo agus mun phlanadh air adhart airson a bhith a’ gabhail na Gàidhlig a-steach an lùib gnìomhachd agus raon-ùghdarrais an Ionaid-Sheirbheis, seach gun robh an t-Ionad a’ faighinn 300,000 gairm-fòn sa bhliadhna.
THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan leasachadh ùr seo mar thargaid bhuileachaidh taobh a-staigh a’ Phlana Ghàidhlig.
Chrìochnaich a’ choinneamh aig 11.40m, agus às dèidh sin sheinn còisir bho Bhun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis òrain airson na Buidhne.
- Cuspair 4 Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 3 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam" – Aithisg Bhuileachaidh Report, 47.83 KB
- Cuspair 6 Ceann-latha Leudaichte Foirmeil airson Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2012-16 Report, 154.12 KB
- Cuspair 7 Plana Gàidhlig 2012-16 – Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2015-16 Report, 82.62 KB
- Cuspair 8 A’ Ghàidhlig san Àite-obrach – Ionad-Seirbheis Report, 9.51 KB