Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Wednesday, 1 February 2017

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, A’ Phrìomh Oifis, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain 1 Gearran 2017 aig 10.30m.

Brath Craoladh-lìn:  Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.

Leis gach deagh dhùrachd,

Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/ Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra

Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.

Gnothachas

1. Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

4. Taisbeanadh – Bòrd na Gàidhlig

Thar na bliadhna mu dheireadh, tha Bòrd na Gàidhlig air a bhith a’ leasachadh an ath thionndadh de Phlana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig a thèid a-mach gu co-chomhairle airson 3 mìosan. A’ leantainn air adhart bho Phlana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17, bidh am plana ùr a’ toirt prìomhachas do ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig. Cuideachd, air 1 Gearran 2017, bidh ullachaidhean Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016, a tha a’ buntainn ri Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, a’ tighinn gu buil agus tha buileachadh agus buaidh an Stiùiridh Reachdail a’ nochdadh gu làidir san dreachd Phlana. Bheir a’ Bh-uas Shona NicIllInnein, Ceannard Bòrd na Gàidhlig, seachad sealladh coitcheann air an obair a tha Bòrd na Gàidhlig a’ gabhail os làimh an-ceartuair a thaobh seo shuas.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near dhan taisbeanadh.

5. Taisbeanadh – MG ALBA

Bheir Mgr Dòmhnall Caimbeul, Àrd-Oifigear MG ALBA seachad taisbeanadh mu mholaidhean a tha a’ sireadh barrachd tasgaidh on BhBC ann am BBC ALBA fo Chairt ùr a’ BhBC, a thòisich air 1 Faoilleach. Tha Comhairle na Gàidhealtachd air taic a thoirt dhan a seo tro litrichean taic chun an Àrd-Stiùiriche.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh is toirt fa-near dhan taisbeanadh.

6. Cùmhnant nas Cothromaiche airson BBC ALBA, Aonta Frèama airson Craoladh Gàidhlig na h-Alba

Tha Aithisg Àir. GIG/1/17 le ceann-latha 9 Faoilleach 2017 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh mu bhith a’ sireadh aonta airson na freagairt a tha Comhairle na Gàidhealtachd air a chur a-steach gu Àrd-Stiùiriche a’ BhBC agus Stiùiriche Dhùthchannan is Roinnean a’ BhBC.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn aonta a thoirt dhan fhreagairt, mar a thathar a’ mìneachadh ann am Pàipear-taice 1 dhen aithisg.  

7. Taisbeanadh – e-Sgoil  

Bheir Mgr Aonghas MacIllInnein, Ceannard e-Sgoil, Comhairle nan Eilean Siar, seachad taisbeanadh mu leasachaidhean e-Sgoil, goireas foghlaim airson Alba air fad, stèidhichte anns na h-Eileanan Siar.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh is toirt fa-near dhan taisbeanadh.

8. Plana na Gàidhlig – Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2016-17

Tha Aithisg Àir. GIG/2/17 le ceann-latha 20 Faoilleach 2017 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt seachad dreachd gheàrr-chunntas, airson aonta, den Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail a thaobh Plana Gàidhlig 2012-16 na Comhairle.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

  1. beachdachadh air an Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail a tha a’ còmhdach na h-ùine 1 Faoilleach 2016 gu 31 Faoilleach 2017; agus
  2. an Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail aontachadh.

9. Leasachadh Chànanan 1+2 (Gàidhlig)

Tha Aithisg Àir. GIG/3/17 le ceann-latha 24 Faoilleach 2017 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu inbhe làithreach prògram trèanaidh is leasachaidh Chànanan 1+2 Gàidhlig, tro:-

  • sgaoileadh chùrsaichean trèanaidh Gàidhlig do thidsearan le glè bheag de eòlas mun Ghàidhlig
  • sgaoileadh chùrsaichean eòlas-teagaisg Gàidhlig 1+2 do thidsearan le eòlas mun Ghàidhlig mar-thà
  • leasachadh ghoireasan àrd-inbhe gus an dà bhuidhinn thidsearan uidheamachadh airson an cuid teagaisg a lìbhrigeadh; agus
  • leasachadh shlighean soilleir do thidsearan gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh  airson an cuid leasachaidh pearsanta fhèin.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn deasbaireachd agus beachdachadh mu leasachadh Gàidhlig 1+2 gu ruige seo agus a bhuilean.

10. Poileasaidh Ath-sgrùdaichte mu Chòmhdhail airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. GIG/4/17 le ceann-latha 24 Faoilleach 2017 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ sireadh bheachdan mu phoileasaidh ath-sgrùdaichte airson solar còmhdhalach airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Tha am Poileasaidh cuideachd a’ gabhail a-steach còmhdhail gu sgoiltean seòrsaichte, ged a tha an earrann sin taobh a-muigh meud-comais na Comataidh seo.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an dreachd Phoileasaidh, a thèid an uair sin aithris do Chomataidh Seirbheisean an Fhoghlaim, na Cloinne agus nan Inbheach airson co-dhùnadh.

11. Leasachadh Treas Tionndadh de Phlana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd

Tha Aithisg Àir. GIG/5/17 le ceann-latha 20 Faoilleach 2017 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fios do Bhuill mu adhartas agus dealbhadh ro-innleachdail a thaobh a bhith a’ dèanamh dhreachd, a’ co-chomhairleachadh agus a’ cur a-steach Treas Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd gu Bòrd na Gàidhlig.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn aontachadh mu:-

  1. na dreachd amasan àrd-ìre (3.1 – 3.10) a tha Bòrd na Gàidhlig air a chur a-steach chun na Comhairle, mar amas airson a bhith a’ leasachadh Plana na Gàidhlig 3; agus
  2. raon-ama a thaobh a bhith a’ dèanamh dreachd, a’ cumail co-chomhairle agus a’ cur a-steach dreachd Phlana na Gàidhlig 3 gu coinneamhan Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig agus Comhairle na Gàidhealtachd gu h-iomlan.