Agendas, reports and minutes
Comataidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 5 November 2020
Agenda: Read the Agenda
Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig AIR-LOIDHNE air Diardaoin 5 Samhain 2020 aig 10.30m.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Stiùbhart Friseal
Ceannard Riaghlachais Chorporra
1. Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Buaidh Covid-19 agus Ath-shlànachadh na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/3/20 le ceann-latha 29 Dàmhair 2020 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near do na thathar a’ dèanamh gus buaidh Covid-19 air mar a thathar a’ lìbhrigeadh prìomhachasan Plana na Gàidhlig a lùghdachadh;
ii. toirt fa-near do raointean leasachaidh làithreach is teachdail; agus
iii. beachdachadh air gnìomhan eile a dh’fhaodas a bhith air an gabhail gus taic a chur ri Prògram Ath-shlànachaidh na Gàidhlig.
4. Adhartas Mu Choinneamh Plana na Gàidhlig 3
Tha Aithisg Àir. G/4/20 le ceann-latha 29 Dàmhair 2020 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh na leanas aontachadh:-
i. gun tèid Plana na Gàidhlig 3 a sgrùdadh air stèidh ràitheil a’ cleachdadh Siostam Coileanaidh is Stiùireadh Cunnairt (PRMS), ’s e sin siostam stiùiridh coileanadh corporra na Comhairle, gus taic a chur ri bhith a’ sgrùdadh adhartas ann a bhith a’ lìbhrigeadh Plana na Gàidhlig 3;
ii. gun tèid aithisg adhartais mu Phlana na Gàidhlig 3 a chur a-mach gach ràith do Chomataidh na Gàidhlig; agus
iii. gum feuch Cathraiche Chomataidh na Gàidhlig agus Àrd-luchd-stiùiridh ri coinneachadh ri Àrd-Oifigearan Gnìomhach Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba dà uair sa bhliadhna.
5. Am Mòd Nàiseanta Rìoghail
Tha Aithisg Àir. G/5/20 le ceann-latha 29 Dàmhair 2020 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. toirt fa-near gun do chumadh a’ chiad Mhòd Nàiseanta Rìoghail air-loidhne;
ii. toirt fa-near do na pròiseactan a leasaich agus a stiùir Sgioba na Gàidhlig ann an co-bhann ri prìomh luchd-ùidh gus taic a chur ris a’ Mhòd Air-loidhne.
6. Aithisg Foghlam tron Ghàidhlig agus Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/6/20 le ceann-latha 29 Dàmhair 2020 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. aontachadh gu bheil e fìor chudromach gu bheil dòigh-obrach cho-obrachail eadar Sgioba na Gàidhlig agus Oifigearan Foghlaim a bhios a’ stiùireadh, a’ toirt taic agus a’ toirt seachad cothroman leasachaidh proifeiseanta agus goireasan airson raon cho-theacsaichean taobh a-staigh sgoiltean na Gàidhealtachd agus a bhios a’ solarachadh is a’ brosnachadh Foghlam Luchd-ionnsachaidh Gàidhlig agus Foghlam tron Ghàidhlig air feadh na Gàidhealtachd;
ii. beachdachadh air a’ phròifil bhuileachaidh taobh a-staigh frèam-obrach airson an dà chuid deasbad nàiseanta is stiùir nàiseanta air ath-sgrùdaidhean curraicealaim Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) agus Gàidhlig (Fileantaich) aig ìre na h-àrd-sgoile; agus
iii. beachdachadh air Co-chomhairleachadh Sgìre-sgoile FtG Gheàrrloch agus toirt fa-near gun tèid fiosrachadh a bharrachd a thaobh seo a cho-roinn le Comataidh an Fhoghlaim.
7. Plana-obrach Chomataidh na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/7/20 le ceann-latha 29 Dàmhair 2020 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. Beachdachadh air na cuspairean cumanta a thàinig am bàrr anns na bùithtean-obrach; agus
ii. aithisgean a mholadh is aontachadh airson coinneamhan Chomataidh na Gàidhlig san àm ri teachd.
8. Ro-innleachd Conaltraidh agus Com-pàirteachais na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/8/20 le ceann-latha 28 Dàmhair 2020 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an dòigh-obrach a thaobh a bhith a’ leasachadh Ro-innleachd Conaltraidh Gàidhlig agus raon-ama aontachadh airson Plana Conaltraidh a thoirt air ais chun na Comataidh.
- Download the Minutes Minutes, 162.5 KB
- Item 3 Buaidh Covid-19 agus Ath-shlànachadh na Gàidhlig Report, 154.99 KB
- Item 4 Adhartas Mu Choinneamh Plana na Gàidhlig 3 Report, 229.92 KB
- Item 5 Am Mòd Nàiseanta Rìoghail Report, 227 KB
- Item 6 Aithisg Foghlam tron Ghàidhlig agus Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig Report, 356.99 KB
- Item 7 Plana-obrach Chomataidh na Gàidhlig Report, 277.16 KB
- Item 8 Ro-innleachd Conaltraidh agus Com-pàirteachais na Gàidhlig Report, 147.72 KB