Agendas, reports and minutes
Comataidh na Gàidhlig
Date: Tuesday, 23 February 2021
Agenda: Read the Agenda
Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig AIR-LOIDHNE air Dimàirt, 23 Gearran 2021 aig 10.30m.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Stiùbhart Friseal
Ceannard Riaghlachais Chorporra
1. Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Suidheachadh Iar-Chathraiche
Às dèidh do Mhgr MacFhionghuin an dreuchd a leigeil dheth, thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh Iar-Chathraiche a shuidheachadh.
4. Naidheachdan Matha
5. Taisbeanadh – Bòrd na Gàidhlig
Bheir Shona NicIllinnein, Ceannard agus Jim Whannel, Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig seachad taisbeanadh mu dhreuchd a’ Bhùird agus Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig.
Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn toirt fa-near dhan taisbeanadh.
6. Adhartas mu Choinneamh Plana na Gàidhlig 3 (Aithisg Ràitheil, Pròiseas Sgrùdaidh)
Tha Aithisg Àir. G/1/21 le ceann-latha 3 Gearran 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
- beachdachadh air an aithisg ràitheil mu choinneamh Plana na Gàidhlig 3 agus toirt fa-near do na leasachaidhean leantainneach agus soirbheachail;
- toirt fa-near do na dùbhlain a tha an lùib a bhith a’ buileachadh nan gnìomhan comasachaidh sa Phlana, gu ìre mhòir air sàillibh a’ ghalair mhòr-sgaoilte, agus gu bheil seo air beagan sleamhnachaidh adhbharachadh.
7. Foghlam tron Ghàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig – Fios às Ùr
Tha Aithisg Àir. G/2/21 le ceann-latha 3 Gearran 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
- beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near do na gnìomhan a thathar air gabhail os làimh gus buaidh Covid air lìbhrigeadh Foghlaim Ghàidhlig a mhaothachadh;
- toirt fa-near do raointean leasachaidh làithreach is teachdail; agus
- beachdachadh dè na gnìomhan eile a dh’fhaodadh a bhith air an gabhail gus taic a chur ri leasachadh Foghlaim Ghàidhlig.
8. Fèis BLAS 2020
Tha Aithisg Àir. G/3/21 le ceann-latha 3 Gearran 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
- beachdachadh air an aithisg;
- toirt fa-near dhan obair a rinneadh gus an fhèis a ghluasad gu àrd-ùrlaran air-loidhne am-bliadhna; agus
- aontachadh Fèisean nan Gàidheal a mholadh airson Fèis 2020 a lìbhrigeadh gu soirbheachail.
- Download the Minutes Minutes, 132.51 KB
- 6. Adhartas mu Choinneamh Plana na Gàidhlig 3 (Aithisg Ràitheil, Pròiseas Sgrùdaidh) Report, 633.21 KB
- 7. Foghlam tron Ghàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig – Fios às Ùr Report, 2.07 MB
- 8. Fèis BLAS 2020 Report, 206.83 KB