Agendas, reports and minutes
Comataidh na Gàidhlig
Date: Thursday, 16 September 2021
Agenda: Read the Agenda
Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig AIR-LOIDHNE air Diardaoin 16 Sultain 2021 aig 10.30m.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Stiùbhart Friseal
Ceannard Riaghlachais Chorporra
1. Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021
Tha Aithisg Àir. G/12/21 le ceann-latha 8 Sultain 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near:-
i. dhan phrògram làithreach;
ii. dha na h-ullachaidhean tuiteamais a tha air dòigh airson atharrachadh eadar tachartasan air-loidhne agus aghaidh ri aghaidh;
iii. gun tèid fo-chosg sam bith sa bhuidseat dhealbhaichte, air sàillibh lùghdachadh sna tachartasan aghaidh ri aghaidh, a chur mu choinneamh an £80,000 a chaidh aontachadh le Comataidh nan Goireasan, a’ ciallachadh gum bi a’ chosgais dhan Chomhairle air a lùghdachadh; agus
iv. do na h-ullachaidhean a tha air dòigh airson dèanamh cinnteach à riaghlachas is sgrùdadh ceart dhen ionmhas a tha a’ Chomhairle a’ cur ris an tachartas.
4. Adhartas Mu Choinneamh Plana na Gàidhlig 3
Tha Aithisg Àir. G/13/21 le ceann-latha 3 Sultain 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. beachdachadh air an adhartas a chaidh a dhèanamh ann a bhith a’ sgrùdadh is a’ buileachadh Plana na Gàidhlig 3 air stèidh ràitheil, le bhith a’ cleachdadh PRMS airson taic a thoirt do lìbhrigeadh PnG3; agus
ii. toirt fa-near dhan adhartas is dha na dùbhlain a tha an lùib a bhith a’ buileachadh cuid de ghnìomhan comasachaidh a’ Phlana. Tha na dùbhlain gu mòr air sàillibh Covid-19, a tha air buaidh a thoirt air cuid dhen bhuileachadh phròiseict is cuid de na cinn-latha crìochnachaidh ris an robh dùil. Ach a dh’aindeoin seo, tha Sgioba na Gàidhlig a’ leantainn air adhart le obair air-loidhne no measgaichte airson na gnìomhan comasachaidh a lìbhrigeadh.
5. Poileasaidh Shoidhnichean Dà-chànanach
Tha Aithisg Àir. G/14/21 le ceann-latha 18 Lùnastal 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. toirt fa-near dhan obair a rinneadh a thaobh a bhith ag ùrachadh poileasaidh dà-chànanach na Comhairle; agus
ii. beachdachadh air na h-atharrachaidhean a thathar a’ moladh agus aonta a thoirt dhaibh.
6. Co-chomhairle Reachdail – Moladh airson Sgìre-sgoile Foghlam tron Ghàidhlig airson Bun-Sgoil Ghlinn Urchadain
Tha Aithisg Àir. G/15/21 le ceann-latha 6 Sultain 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh deasbad mun Mholadh agus toirt fa-near gun tèid comhairle a thoirt do Chomataidh an Fhoghlaim mu bheachdan nam Ball mus dèan i a co-dhùnadh.
7. Cunntas às Ùr air Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus Foghlam tron Ghàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/16/21 le ceann-latha 6 Sultain 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. toirt fa-near do shusbaint a’ phàipeir agus do na gluasadan leasachaidh brìgheil ann am buileachadh agus san àireimh sgoilearan a thathar a’ cur air adhart gu deuchainn airson Gàidhlig (Fileantaich) agus Gàidhlig (Luchd-ionnsachaidh) ann an ÀS4, ÀS5 agus ÀS6;
ii. meal an naidheachd a chur air na daoine òga, na teaghlaichean aca agus luchd-obrach sgoile airson leasachadh cho brìgheil ann am buileachadh SQA Gàidhlig (Fileantaich) sa Ghàidhealtachd anns an Lùnastal 2021; agus
iii. aontachadh gun tèid aithisg a thoirt gu Comataidh na Gàidhlig a’ soilleireachadh a’ chleachdaidh as fheàrr ann an ro-innleachdan a thathar a’ cur an gnìomh gus an tuilleadh leasachaidh a thoirt air obair sna h-àrd-sgoiltean againn.
8. Pròiseact Caisteal Inbhir Nis
Tha Aithisg Àir. G/17/21 le ceann-latha 6 Sultain 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Gnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg.
- Download the Minutes Minutes, 180.28 KB
- Item 3. Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 Report, 247.55 KB
- Item 4. Adhartas Mu Choinneamh Plana na Gàidhlig 3 Report, 645.05 KB
- Item 5. Poileasaidh Shoidhnichean Dà-chànanach Report, 229.89 KB
- Item 6. Co-chomhairle Reachdail – Moladh airson Sgìre-sgoile Foghlam tron Ghàidhlig airson Bun-Sgoil Ghlinn Urchadain Report, 1.77 MB
- Item 7. Cunntas às Ùr air Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus Foghlam tron Ghàidhlig Report, 235.06 KB
- Item 8. Pròiseact Caisteal Inbhir Nis Report, 3.44 MB