Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 1 September 2022

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin,

1 Sultain 2022 aig 10.30m.

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.  

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Ceannard Riaghlachais Chorporra

1.Leisgeulan

2.Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3.Naidheachdan Matha                                                                                                                                                                           

4.Cur an Dreuchd                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                        PP

  1. An Comunn Gàidhealach

Thathar a’ cur an cèill dhan Chomhairle gu bheil Cùmhnant Lìbhrigeadh Seirbheis leis a’ Chomunn Ghàidhealach a’ ciallachadh gun tèid am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an sgìre na Gàidhealtachd ann an 2025.

Ri linn seo, tha an Cùmhnant Lìbhrigeadh Seirbheis a’ gabhail a-steach an clàs a leanas a thaobh riochdachadh – tha e mar riatanas air an t-Solaraiche Seirbheis cead a thoirt do riochdaire taghte bhon Cheannaiche suidhe air Bòrd de bhuidheann an t-Solaraiche Seirbheis agus làn chom-pàirt a ghabhail ann an còmhraidhean agus co-dhùnaidhean a’ buntainn ri Mòdan Nàiseanta Rìoghail a bhith a’ gabhail àite sa Ghàidhealtachd, na clàran-gnothaich, pàipearan, aithisgean agus geàrr-chunntasan buntainneach uile a thoirt dhan riochdaire thaghte, cuireadh a thoirt dhan riochdaire thaghte a bhith an làthair agus com-pàirt a ghabhail ann an ath-sgrùdaidhean, luachaidhean no measaidhean eile air an stiùireadh leis a’ Bhòrd, agus cuireadh a thoirt dhan riochdaire thaghte suidhe air na Comataidhean Eagrachaidh Nàiseanta agus Ionadail.   

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh 1 Bhall a chur an dreuchd mar riochdaire air a’ Chomunn Ghàidhealach.

  1. Bòrd nan Urrasairean airson Urras Catrìona NicCuaig


Chaidh Bòrd nan Urrasairean airson Urras Catrìona NicCuaig a stèidheachadh gus bursaraidhean a thoirt seachad do dh’oileanaich às a’ Ghàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bòd agus na h-Eileanan Siar gus an cuideachadh a’ dol dhan oilthigh.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh 1 Bhall a chur an dreuchd gu Bòrd nan Urrasairean airson Urras Catrìona NicCuaig.

 

5.Taisbeanadh – Bòrd na Gàidhlig                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                                        PP

Bheir Mgr Iain Mac a’ Mhaoilein, Stiùiriche Leasachaidh agus Mgr Jim Whannel, Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, seachad taisbeanadh mun ath Phlana Nàiseanta Gàidhlig.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.

6.Adhartas mu Choinneamh Plana na Gàidhlig 3

Tha Aithisg Àir. G/6/22 le ceann-latha 22 Lùnastal 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. beachdachadh air an adhartas a chaidh a dhèanamh ann a bhith a’ sgrùdadh is a’ buileachadh Plana na Gàidhlig 3 air stèidh ràitheil, le bhith a’ cleachdadh PRMS airson taic a thoirt do lìbhrigeadh PnG3;
  2. toirt fa-near dhan adhartas is dha na dùbhlain a tha an lùib a bhith a’ buileachadh cuid de ghnìomhan comasachaidh a’ Phlana.

7.Cunntas às Ùr air Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus Foghlam tron Ghàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/7/22 le ceann-latha 17 Lùnastal 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. toirt fa-near do shusbaint a’ phàipeir agus toirt fa-near gu bheil leasachadh cudromach an dà chuid ann am buileachadh agus anns na h-àireamhan a tha a’ dol air adhart airson deuchainnean Gàidhlig Luchd-fileanta agus Gàidhlig Luchd-ionnsachaidh ann an ÀS4, ÀS5 agus ÀS6;
  2. meal an naidheachd a chur gu foirmeil air na daoine òga, an teaghlaichean agus luchd-obrach na sgoile airson leasachadh cho mòr ann am buileachadh agus anns na h-àireamhan a bha a’ dol air adhart airson deuchainnean Gàidhlig Luchd-fileanta SQA sa Ghàidhealtachd san Lùnastal 2022; agus
  3. toirt fa-near gun tèid aithisg a thoirt gu Comataidh na Gàidhlig mu adhartas air sgrùdadh comasachd 3-18.

8.Maoin Buileachaidh Achd na Gàidhlig                                                                                                                                                                                  

Tha Aithisg Àir. G/8/22 le ceann-latha 19 Lùnastal 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. toirt fa-near gun deach sùim iomlan de £101,675 fhaotainn mu choinneamh nan tagraidhean a chaidh a chur a-steach gu BnaG;
  2. beachdachadh air na pròiseactan GLAIF a tha Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd a’ stiùireadh agus anns a bheilear a’ gabhail com-pàirt; agus
  3. toirt fa-near gu bheilear fhathast a’ feitheamh co-dhùnadh bho Bhòrd na Gàidhlig mu aon iarrtas.

9.Tilleadh Bliadhnail Bhòrd na Gàidhlig – Plana na Gàidhlig 3                   

Tha Aithisg Àir. G/9/22 le ceann-latha 22 Lùnastal 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an Tilleadh Bhliadhnail agus toirt fa-near dha.