Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 30 March 2023

Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin, 
30 Màrt 2023 aig 10.30m. 

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.   

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo. 

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Ceannard Laghail agus Riaghlachais

1. Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

4. Taisbeanadh – Astar Media

Bheir Mgr Murchadh MacSuain, Manaidsear-Stiùiridh aig Astar Media, seachad taisbeanadh goirid mu chom-pàirteachas is mu shoirbheachas Chomhairle na Gàidhealtachd ann an 15mh FilmG. Ghabh 22 sgoil le Comhairle na Gàidhealtachd pàirt anns an fharpais agus chuir sgoilearan eile, seann sgoilearan, inbhich is oileanaich às a’ Ghàidhealtachd filmichean a-steach gu neo-eisimeileach cuideachd.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.

5. Coileanadh mu Choinneimh Plana na Gàidhlig 3 (PnG3)

Tha Aithisg Àir. G/1/23 le ceann-latha 13 Màrt 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.

6. Aithisg Adhartais Plana na Gàidhlig 4 – Plana Co-chomhairleachaidh agus Conaltraidh

Tha Aithisg Àir. G/2/23 le ceann-latha 17 Gearran 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Bheir Mgr MacSuain cuideachd seachad fiosrachadh mun phròiseas cho-chomhairleachaidh is mu phlanaigeadh airson dreachd PnG4, le cunntas às ùr mun t-seisean a chaidh a chumail ann am Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis air 29 Màrt 2023 agus sùil air adhart gu na tachartasan eile a thathar a’ cur air dòigh ann am meadhan a’ Ghiblein. 

Thathar ag iarraidh air Buill toirt fa-near dhan aithisg.

7. Fèis Blas 2022
 
Tha Aithisg Àir. G/3/23 le ceann-latha 1 Màrt 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan aithisg.

8. Foghlam tron Ghàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig
 
Tha Aithisg Àir. G/4/23 le ceann-latha 28 Gearran 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:

i.   beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near do na dreachd Phrìomhachasan Ro-innleachdail ùraichte airson foghlam Gàidhlig ann an ceathramh Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd;
ii.  toirt fa-near do na raointean leasachaidh làithreach is teachdail airson taic a chur ri trusadh is seasmhachd thidsearan Gàidhlig; agus
iii. beachdachadh air an t-suidheachadh làithreach a thaobh an iarrtais airson Foghlam tron Ghàidhlig ann am Bun-Sgoil na Comraich.

9. Solar Foghlam tron Ghàidhlig 3–18 – Inbhir Nis

Tha Aithisg Àir. G/5/23 le ceann-latha 17 Màrt 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh air an dòigh-obrach agus air na raointean-ama airson a bhith a’ leasachadh Foghlam tron Ghàidhlig 3-18 airson Inbhir Nis.

10. Tabhartas Sònraichte na Gàidhlig – 2023/24

Tha Aithisg Àir. G/6/23 le ceann-latha 14 Màrt 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:

i.   beachdachadh air na trì pròiseactan a tha air am mìneachadh ann an iarrtas Tabhartas Sònraichte na Gàidhlig;
ii.  toirt fa-near dhan phrògram obrach àrd-amasach ris an cuir an tabhartas taic agus toirt fa-near gura dòcha gum feum seo a bhith air atharrachadh mura tèid an t-sùim iomlan a ghleidheadh; agus
iii. toirt fa-near gu bheil Riaghaltas na h-Alba fhathast a’ beachdachadh air an iarrtas agus gu bheil dùil ri co-dhùnadh ro dheireadh a’ Ghiblein.

11. Gàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach – Freagairt Co-chomhairleachaidh

Tha Aithisg Àir. G/7/23 le ceann-latha 13 Màrt 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh an fhreagairt aontachadh.