Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Wednesday, 30 August 2023

Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain, 
30 Lùnastal 2023 aig 10.30m. 

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.   

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo. 

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Ceannard Laghail agus Riaghlachais 


Gnothach

1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh. 

3. Naidheachdan Matha    

4. Taisbeanadh – Ainmean-Àite na h-Alba

Bheir a’ Bh-uas Eilidh Scammell, Manaidsear Ainmean-Àite na h-Alba, seachad taisbeanadh dhan Chomataidh mun dòigh sa bheil com-pàirteachas Ainmean-Àite na h-Alba ag obrachadh gus taic a chur ri Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.

5. Eadar-theangachadh Gàidhlig     

Tha Aithisg Àir. G/14/23 le ceann-latha 14 Lùnastal 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

i.  beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan obair a chaidh a dhèanamh a thaobh eadar-theangachadh Gàidhlig; agus
ii. toirt fa-near dha na leasachaidhean a tha a’ gabhail àite an-dràsta agus dhan fheadhainn a tha san amharc.

6. Coileanadh mu Choinneimh Plana na Gàidhlig 3                                        

Tha Aithisg Àir. G/15/23 le ceann-latha 2 Lùnastal 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.

7. Cunntas às Ùr air Foghlam Gàidhlig          

Tha Aithisg Àir. G/16/23 le ceann-latha 8 Lùnastal 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

i.   beachdachadh air a’ chunntas às ùr a thaobh Sgrùdadh So-dhèantachd Foghlam Gàidhlig 3–18 Inbhir Nis;
ii.  toirt fa-near dhan t-suidheachadh làithreach mun iarrtas airson Foghlam tron Ghàidhlig airson na Comraich; agus
iii. toirt fa-near dhan phròiseas cho-chomhairleachaidh agus dhan chunntas às ùr a thaobh solar Foghlam tron Ghàidhlig airson Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain agus Inbhir Narann.

8. Solar agus Taic dhan Ghàidhlig – Breith gu Trì    

Tha Aithisg Àir. G/17/23 le ceann-latha 2 Lùnastal 2023 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

i.  toirt fa-near dhan aithisg; agus 
ii. aontachadh gun tèid cuireadh a thoirt do dh’ùghdar/an na h-aithisg rannsachaidh nàiseanta air Roinn Breith gu Trì agus Bòrd na Gàidhlig tighinn gu coinneamh Chomataidh na Gàidhlig san àm ri teachd.