Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Friday, 8 December 2023

Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Dihaoine
8 Dùbhlachd 2023 aig 10.30m

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.   

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo. 

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Ceannard Laghail agus Riaghlachais 


Gnothach


1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a chaidh a thaisbeanadh.

4. Taisbeanadh – Leasachadh Sgilean na h-Alba: Slighean agus Cothroman Dreuchdail airson Sgilean Gàidhlig    

Bheir Leasachadh Sgilean na h-Alba (SDS) seachad taisbeanadh dhan Chomataidh mu Shlighean agus Chothroman Dreuchdail airson Sgilean Gàidhlig.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.

5. Siuthad! – Tachartas Dreuchdan Gàidhlig 2023

Tha Aithisg Àir. G/18/23 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

i. toirt fa-near do, agus taic a thoirt do, thachartas Siuthad!; agus
ii. aontachadh gun leanar air adhart a’ brosnachadh àrd-sgoiltean sa Ghàidhealtachd a bhios a’ lìbhrigeadh curraicealam Gàidhlig an tachartas a fhrithealadh.

6. Coileanadh mu Choinneimh Plana na Gàidhlig 3 (PnG3)                                                               

Tha Aithisg Àir. G/19/23 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.

7. Fèis BHLAS 2023

Tha Aithisg Àir. G/20/23 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.

8. Cunntas às Ùr air Foghlam Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/21/23 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:- 

i. toirt fa-near agus beachdachadh air a’ chunntas eadar-amail a thaobh Sgrùdadh So-dhèantachd Foghlam Gàidhlig 3–18 Inbhir Nis; agus
ii. toirt fa-near dhan phròiseas cho-chomhairleachaidh agus dhan chunntas às ùr a thaobh solar Foghlam tron Ghàidhlig airson Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Inbhir Pheofharain agus Inbhir Narann.

9. Maoin nam Planaichean Gàidhlig agus Builean PnG

Tha Aithisg Àir. G/22/23 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan aithisg.