Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Wednesday, 29 May 2024

Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain, 29 Cèitean 2024 aig 10.30m

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.   

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo. 

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Ceannard Laghail agus Riaghlachais 

Gnothach

1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill fiosrachadh a thoirt seachad mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm fhreagarrach. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a chaidh a thaisbeanadh.

4. Cultarlann – Taisbeanadh

Bheir Mgr Murchadh Caimbeul seachad taisbeanadh dhan Chomataidh mun Chultarlann.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.

5. Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig agus Plana na Gàidhlig – Aithisg agus Taisbeanadh

Tha Aithisg Àir. G/05/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Bheir Annique Armstrong agus Lynn Hamilton bho VisitScotland seachad taisbeanadh dhan Chomataidh mu Ro-innleachd Turasachd na Gàidhlig airson Alba. 

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg agus dhan taisbeanadh.

6. Coileanadh mu choinneimh Plana na Gàidhlig 3

Tha Aithisg Àir. G/06/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

i. beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg; agus

ii. toirt fa-near gur e aithisg eadar-ghluasaid a bhios san ath aithisg PRMS eadar am PG làithreach agus am PG ùraichte.

7. Plana na Gàidhlig agus Maoineachadh Ro-innleachdail

Tha Aithisg Àir. G/07/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan aithisg.

8. Tagh Ceannardas – Prògram Ceannardais Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/08/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.

9. Cunntas às Ùr mu Fhoghlam Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/09/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

a) toirt fa-near do na raointean leasachaidh is adhartais ann am foghlam Gàidhlig agus fastadh thidsearan airson foghlam Gàidhlig; agus 
b) beachdachadh agus toirt fa-near air na trì pròiseactan a tha air am mìneachadh ann an iarrtas agus duais Tabhartas Sònraichte na Gàidhlig bho Riaghaltas na h-Alba airson 2024/25 ris am bi an tabhartas a’ cur taic.