Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Wednesday, 4 September 2024

Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain, 
4 Sultain 2024
aig 10.30m

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.   

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo. 

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Ceannard Laghail agus Riaghlachais 

Gnothach

1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill fiosrachadh a thoirt seachad mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm fhreagarrach. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Cumhachdan Fosaidh

Thathar ag iarraidh air Buill toirt fa-near nach robh feum air na cumhachdan fosaidh a chaidh a bhuileachadh aig a’ choinneimh air 27 Ògmhios 2024 a thaobh cleachdadh airson Comataidh na Gàidhlig. 

4. Naidheachdan Matha

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a chaidh a thaisbeanadh.

5. Fèis Rois – Taisbeanadh    

Bheir Fiona Dalgetty, Àrd-Oifigear Fèis Rois, seachad taisbeanadh.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.

6. Adhartas mu choinneimh Plana na Gàidhlig 4

Tha Aithisg Àir. G/10/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

i. beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg; agus
ii. toirt fa-near gur e aithisg eadar-ghluasaid eadar am Plana Gàidhlig làithreach agus am Plana Gàidhlig ùraichte a bhios san ath aithisg PRMS.

7. Cunntas às Ùr mu Fhoghlam Gàidhlig                                   

Tha Aithisg Àir. G/11/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

i. toirt fa-near do na raointean leasachaidh is adhartais ann am Prìomhachas Ro-innleachdail 4.1 dhen Phlana Ghàidhlig; agus
ii. beachdachadh air na gnìomhan is toirt fa-near do na gnìomhan gus taic a chur ri Ionnsachadh Proifeiseanta nan Tidsearan Gàidhlig a tha a’ cur taic ris na Riatanasan Ro-innleachdail airson Foghlam Gàidhlig.

8. Cunntas às Ùr mun Phoileasaidh Dà-chànanach

Tha Aithisg Àir. G/12/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh is toirt fa-near dhan obair a rinneadh a thaobh a bhith ag ùrachadh poileasaidh dà-chànanach na Comhairle agus toirt fa-near dha na h-ath cheumannan a thathar a’ moladh mus tèid a sgaoileadh às ùr.

9. Co-labhairt na Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/13/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

i. beachdachadh agus toirt fa-near do dh’adhbhar Co-labhairt na Gàidhlig; agus
ii. beachdachadh air buaidh Co-labhairt na Gàidhlig air Cuspair Gnìomhachais agus an Eaconamaidh ann am Plana na Gàidhlig.