Agendas, reports and minutes
Comataidh na Gàidhlig
Date: Wednesday, 20 November 2024
Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich
Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain,
20 Samhain 2024 aig 12.00.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Stiùbhart Friseal
Ceannard Laghail agus Riaghlachais
Gnothach
1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill fiosrachadh a thoirt seachad mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm fhreagarrach. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Naidheachdan Matha
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a chaidh a thaisbeanadh.
4. Cunntas às Ùr mu Fhoghlam Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/14/24 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine, agus bidh taisbeanadh ann leis a’ Bh-uas Sara NicAsgaill, Ceannard, Bun-Sgoil Inbhir Pheofharain.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. Toirt fa-near do shusbaint na h-aithisge;
ii. Toirt fa-near dhan obair leasachaidh leantainneach a thathar a’ dèanamh gu ruige a bhith a’ solarachadh cothrom air foghlam Gàidhlig ann an àrd-sgoiltean tro ionnsachadh didseatach; agus
iii. Toirt fa-near dhan taisbeanadh.
5. Na Trads agus MG Alba – Taisbeanadh
Bheir Mgr Simon Thoumire, Stiùiriche Cruthachail airson Hands Up for Trad, seachad taisbeanadh le taic bho Steve Walsh, Àrd-Oifigear, High Life na Gàidhealtachd.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.
6. Adhartas mu choinneimh Plana na Gàidhlig 4
Tha Aithisg Àir. G/15/24 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. Beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg; agus
ii. Toirt fa-near dhan adhartas a thathar air a dhèanamh a thaobh amasan seirbheis corporra Plana na Gàidhlig, mar a thathar a’ mìneachadh ann an earrainn 6.
7. Co-labhairt na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/16/24 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. Beachdachadh air foir-shealladh Co-labhairt na Gàidhlig; agus
ii. Beachdachadh air mar a dh’fhaodadh na h-aithisgean rannsachaidh buaidh a thoirt air meud-comais Co-labhairt na Gàidhlig agus na ceanglaichean gu cuspair Gnìomhachais agus an Eaconamaidh ann am Plana na Gàidhlig.
8. Maoin nam Planaichean Gàidhlig – Bòrd na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/17/24 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. Toirt fa-near dhan aithisg; agus
ii. Toirt fa-near agus beachdachadh air taic Thràth-bhliadhnaichean Gàidhlig (0-3) airson na Gàidhealtachd.
- Nì 4 - Cunntas às Ùr mu Fhoghlam Gàidhlig Report, 133.72 KB
- Nì 6 - Adhartas mu Choinneimh Plana na Gàidhlig 2024-29 Report, 44.62 KB
- Nì 7 - Cunntas às Ùr mu Cho-labhairt na Gàidhlig Report, 38.75 KB
- Nì 8 - Maoineachadh MPG Report, 43.44 KB