Agendas, reports and minutes
Comataidh na Gàidhlig
Date: Wednesday, 26 February 2025
Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich
Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain,
26 Gearran 2025 aig 2f.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Stiùbhart Friseal
Àrd-Oifigear – Riaghlachas Laghail agus Corporra
Gnothach
1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill fiosrachadh a thoirt seachad mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm fhreagarrach. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Naidheachdan Matha
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a chaidh a thaisbeanadh.
4. Cunntas às Ùr mu Bhlas 2024
Tha Aithisg Àir. G/1/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine agus bidh taisbeanadh ann bho Bhlas.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan aithisg agus dhan eàrr-ràdh a tha na cois.
5. Cunntas às Ùr mu Fhoghlam Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/2/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. toirt fa-near dhan aithisg;
ii. fàilte a chur air an leudachadh leantainneach ann am Foghlam tron Ghàidhlig agus Foghlam Gàidhlig air a’ Ghàidhealtachd; agus
iii. aithne a thoirt dhan cheannardas a tha Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis air a shealltainn gus ùidh is com-pàirteachas sa Ghàidhlig fhàs air feadh na sgoile.
6. Maoineachadh Ro-innleachdail Plana na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/3/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. beachdachadh is aontachadh air mar a tha maoineachadh air a riarachadh airson buidhnean Gàidhlig;
ii. toirt fa-near gun toir atharrachaidhean a thaobh mar a tha am maoineachadh air a riarachadh buaidh dhìreach air buidhnean eile. Tha na riarachaidhean seo air an liostadh ann an 5.2; agus
iii. toirt fa-near gu bheil na buidhnean a tha air an liostadh còmhla ri buidhnean Gàidhlig eile a’ faighinn taic tro mhaoineachadh com-pàirteach air stèidh bhliadhnail, ach gu bheil am maoineachadh seo ag atharrachadh bho bhliadhna gu bliadhna a rèir nan targaidean sa Phlana Ghàidhlig (PG).
7. Adhartas mu choinneimh Plana Gàidhlig 2024–29
Tha Aithisg Àir. G/4/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg; agus
ii. toirt fa-near dhan adhartas a thathar air a dhèanamh le amasan seirbheis corporra a’ Phlana Ghàidhlig, mar a thathar a’ mìneachadh ann an earrainn 6.
8. Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd – Prìomhachasan Ro-innleachdail Plana na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/5/25 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.
- Read the Minutes Minutes, 132.06 KB
- Nì 4 - Fèis Bhlas 2024 Report, 306.93 KB
- Nì 5- Cunntas às Ùr mu Fhoghlam Gàidhlig Report, 258.52 KB
- Nì 6 - Maoineachadh Reachdail Plana na Gàidhlig Report, 250.34 KB
- Nì 7 - Adhartas mu choinneimh Plana Gàidhlig 2024-29 Report, 1.9 MB
- Nì 8 - Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd - Prìomhachasan Ro-innleachdail Plana na Gàidhlig Report, 129.65 KB