AM MÒD NÀISEANTA RÌOGHAIL- AIR LOIDHNE 2020 - The Royal National Mòd Online - October 2020

Issued by An Comunn Gàidhealach

Tha e na thlachd don Chomunn Gàidhealach foillseachadh gun tèid dreach air loidhne den Mhòd Nàiseanta Rìoghail a chumail nas fhaide air adhart dhan bhliadhna. Mar a bu dual don Mhòd a h-uile bliadhna, ‘s ann anns an Dàmhair a bhios an tachartas; a’ comharrachadh agus a’ taisbeanadh cànan agus cultar na Gàidhlig.

Bha dùil ri Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis, ach, mar thoireadh air a’ Choròna-bhìoras, b’ fheudar a chur dheth chun an ath-bhliadhna.

Tha fàilte gu chur air clann agus inbhich pàirt a ghabhail anns an tachartas. Eadar roinnean seinn, bàrdachd, ionnstramaidean agus dannsa Albannach, faodar clàraidhean a chur dhan Chomunn tron eadar-lìon. Bithear gan taisbeanadh tro mheadhanan sòisealta a’ Chomuinn. Gheibhear an liosta slàn de roinnean agus tuilleadh fiosrachaidh mu dheidhinn a’ Mhòid air loidhne tro bhith a’ tadhal air https://www.ancomunn.co.uk/air-loidhne/. ‘S e 31mh Iuchair an ceann là mu dheireadh airson clàraidhean a chur a-steach.

A thuilleadh air Mòd air loidhne na bliadhna-sa, tha tachartasan air loidhne cuideachd anns an amharc aig a cheart àm. Bithear a’ sgaoileadh tuilleadh fiosrachaidh mun seo anns na seachdainnean a tha romhainn.

Thuirt Oifigear a’ Mhòid, Marina NicAoidh “Tha sinn gu mòr an dòchas gun gabh clann agus inbhich brath air a’ chothrom a tha seo, gun uallach a bhith air beulaibh luchd-amharc neo britheamhan. Chan ann a’ feuchainn ri Mòd Nàiseanta Rìoghail àbhaisteach a tharraing còmhla a tha sinn idir. ‘S e tha fainear dhuinn ach cothrom a thoirt do dhaoine ar cànan ‘s ar ceòl a thaisbeanadh ann an dòigh mi-fhoirmeil, spòrsail.”

Thuirt Seumas Greumach, Àrd Oifigear a’ Chomuinn, ‘Bha e na bhriseadh dùil air leth dhuinn gum b’ fheudar Mòd Nàiseanta na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis a chur dheth, ‘s ri linn sin, nach fhaigh coimhearsnachd na Gàidhlig an cothrom tighinn còmhla mar is àbhaist.  Tha sinn air bhioran, ge-tà, tachartas air loidhne a chur air dòigh, feuch ceangalaichean agus conaltradh a chumail ri coimhearsnachd a’ Mhòid. Tha suidheachadh den t-seòrsa seo air cothrom a thoirt dhuinn dòighean eile a lorg airson a’ Ghàidhlig agus ceòl a thaisbeanadh agus a chomharrachadh.’ 

Daibhidh Boag, Stiùiriche Planadh Cànain is Leasachaidhean Coimhearsnachd - “Tha Bòrd na Gàidhlig agus tha sinn cinnteach daoine air feadh an t-saoghail a’ cur fàilte bhlàth air an naidheachd seo.  Tha e nas cudromaiche an-dràsta na bha e riamh gum bi coimhearsnachd na Gàidhlig a’ tighinn còmhla gus cleachdadh na Gàidhlig a chur air adhart agus gus ar cultar agus ar cànan luachmhor a chomharrachadh.  Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas gu An Comunn Gàidhealach agus a h-uile duine a bhios a’ gabhail pàirt anns a’ Mhòd air loidhne anns an Dàmhair.”

Tha An Comunn Gàidhealach toilichte a bhith ag obair ann an co-bhann le Caledonian Mac a’ Bhriuthainn a-rithist ‘s iad nan prìomh bhuidheann maoineachaidh airson an tachartais sònraichte seo. Thuirt Diane Burke, Stiùiriche Coimeirsealta Caledonian Mhic a’ Bhriuthainn, “Tha sinn air a bhith ag obair ann an com-pàirteach leis a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail fad iomadh bliadhna, agus ‘s e tlachd a th’ ann a bhith a’ cumail taic ri coimhearsnachd agus cultar na Gàidhlig. Tha sinn gu mòr an dòchas gun glac an tachartas sònraichte seo aire dhaoine air feadh an t-saoghail.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaotainn air Mòd Nàiseanta Rìoghail air loidhne 2020, neo airson stiùireadh sam bith fhaighinn air mar a bu chòir clàraidhean a chur thugainn tadhaibh air www.ancomunn.co.uk cuiribh fios gu info@ancomunn.co.uk, neo fòn 01463 709705.

CRIOCH.

An Comunn Gàidhealach are delighted to announce that they will be holding an online version of Am Mòd Nàiseanta Rìoghail later this year. In keeping with the tradition, the event will take place during October and allow our Gaelic community to celebrate and showcase our language and music. Like many other events and festivals, this year’s Royal National Mòd, due to take place in Inverness in October, fell victim to the on-going Coronavirus pandemic.

Junior and senior participants will be able to record performances in their respective categories and upload and submit their performances online with performances being showcased via The Royal National Mòd’s social media channels in October. The full list of disciplines including singing, bàrdachd, instrumental and highland dancing categories can be found at https://www.ancomunn.co.uk/air-loidhne/ as well as further information on the Virtual Mòd. Performances must be sumbitted by 31st July, information.

In addition to the performances of participants taking part in the Mòd, a programme of exciting online events is planned to run alongside the online celebration. Further details on a programme of events will be released in due course.

Marina MacKay, Mòd Officer, said, “We hope that participants will take full advantage of the opportunity to record and submit their performances to us, without the pressure of performing in front of a live audience or adjudicators. The event isn’t comparable to a typical Royal National Mòd event, but, instead, it is hoped that people can embrace, enjoy and celebrate our music in a less formal setting.”

James Graham, Chief Executive, said, “Like everyone else in the Mòd community, we were saddened that we are unable to come together in person this year in Inverness for the Royal National Mòd. However, we are excited to engage with our Gaelic community, albeit online, and celebrate our language and culture in this way. The current situation in which we find ourselves presents opportunities to be creative and engage with others using a different approach.

Bòrd na Gàidhlig Director of Language Planning and Community Developments, David Boag said “Bòrd na Gàidhlig and, no doubt, people around the world, will welcome the news regarding the online Mòd. It’s more important than ever just now that the Gaelic community comes together to promote the use of Gaelic and celebrate our valued language and culture. We wish An Comunn Gàidhealach and everyone who takes part in the Virtual Mòd in October every success.”

The Provost of Inverness, Councillor  Helen Carmichael said: “I wish the 2020 virtual Mod every success and the City of Inverness looks forward to welcoming participants in person in 2021."

An Comunn Gàidhealach are delighted to be continuing their association with Caledonian MacBrayne and to have their support as a main sponsor for this unique event. Caledonian MacBrayne’s Commercial Director, Diane Burke, said “we have been involved with the Royal National Mod for many years, it is a fantastic way to show support for the Gaelic community and culture.  We hope that the format in 2020 will bring the event to a large global audience”

To find out more information on The Royal National Mòd Online 2020 event or for any guidance required in submitting performances, visit www. ancomunn.co.uk or contact info@ancomunn.co.uk, tel. 01463 709705.

 

12 Jun 2020