Toradh òir do sheinneadairean aig Fàilte-Dhachaigh Ghàidhealach a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail

Issued by An Comunn Gàidhealach

Press images of events will be available here throughout the week

B’ e toradh òir a bh’ ann do sheinn Ghàidhlig nam ban agus nam fear a-raoir aig farpais chliùiteach Bonn Òir an t-Seann Nòis agus fàilte air a’ tilleadh chun a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail ann an Inbhir Nis. 

Thàinig Calum MacColla à An Gearasdan am bàrr ann am farpais nam fear, an dèidh faighinn tron chuairt dearbhaidh sa mhadainn gu bhith air a bhuileachadh leis a’ bhonn mhiannaichte ann an Cùirt Eden a-raoir.

Thàinig farpaisich nam ban bho cho fada air falbh ri Glaschu agus na Hearadh gus a bhith nam pàirt den tachartas am-bliadhna, ach b’ e Emma NicLeòid à Sgalpaigh a dhrùidh air na britheamhan le gnìomhadh air leth a choisinn na comharran a b’ àirde am measg nam farpaiseach.  

Thill còisirean bho air feadh Alba gu àrd-ùrlar a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail uair eile chun na fàilte a bu bhlàithe anns a’ chiad chuirm-chiùil chòisirean am-bliadhna. Bha còisirean nan Loch, Luirg, Comhghall, Inbhir Nis, Inbhir Narann, Muile agus còisir an Eilein Dhuibh a’ gnìomhadh air àrd-ùrlar ’s a’ toirt fìor thlachd don luchd-èisteachd ann am prìomh bhaile-mòr na Gàidhealtachd.

An-diugh, chithear còisirean Lodainn, An t-Òban, Obar Dheathain, Inbhir Pheofharain, Còisir Ìleach Ghlaschu, An Leargaidh Ghallta agus Baile Ghobhainn a’ comharrachadh an tillidh gu seinn air àrd-ùrlar aig a’ Mhòd do luchd-èisteachd a tha an làthair gu corporra, agus do luchd-èisteachd mun cuairt an t-saoghail tro shruthadh air-loidhne agus luchd-amhairc aig an taigh air BBC Alba.

Bidh farpaisean seinn càraid is ceathrar inbheach a’ tilleadh an-diugh cuideachd, a’ gabhail àite aig 12f agus 1f  fa leth.

Ann an àiteachan eile, tha am prògram a’ gabhail a-steach cuirm-chnuic teaghlaich ann an Coille Obar Itheachain agus ceòl beò bhon ionad a-muigh aig Cùirt Eden, fhad ’s a bhios luchd-èisteachd air-loidhne a’ faighinn tlachd à còmhradh ann am Beurla bho Ruairidh MacIlleathain agus e a’ coimhead ri ainmean àiteachan a tha gar ceangal ri uisge, ann agus mun cuairt prìomh bhaile na Gàidhealtachd.

Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Tha Mòd Rìoghail Nàiseanta na bliadhna seo air a bhith na fhàilte-dhachaigh ann an iomadh dòigh. Tha sinn air tilleadh gu prìomh bhaile na Gàidhealtachd, a’ tarraing choimhearsnachdan còmhla uair eile bho fhad is leud na h-Alba. Tha sinn cuideachd a’ faicinn thachartasan a’ tilleadh do bheil spèis mhòr aig mòran daoine, a’ gabhail a-steach Bonn Òir an t-Seann Nòis, seinn beò bho chuid de chòisirean, agus ar farpaisean inbheach càraid is ceathrar.  ’S math a rinn buannaichean ùra Bonn Òir an t-Seann Nòis, ’s iad a tha airidh air an duais. Tha sinn a-nis a’ coimhead air adhart ris na làithean mu dheireadh de cheòl is cultar a tha air a bhith thar bàrr.”

Thuirt an Comhairliche Calum Rothach, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Mealadh naidheachd air buannaichean Bonn Òir an t-Seann Nòis airson nan duaisean Mòid cliùiteach is miannaichte air an robh deagh airidh aca, a chosnadh. Bha mi air leth toilichte a chluinntinn mun taic Ghàidhealaich a bha follaiseach do chuirmean-ciùil nan còisirean bho chòisir Inbhir Nis agus còisir an Eilein Dhuibh, agus tha mi a’ coimhead air adhart ri coileanadh an latha an-diugh bho chòisir Inbhir Pheofharain. Gun tèid gu math leis na còisirean uile. Cuideachd, air an iomall tha e math taic fhaicinn bho Choille Obar Itheachain airson an tachartas cuirm-chnuic a chaidh a chumail gu h-ionadail dhaibh.”

Thuirt Shona NicIllinnein, Ceannard, Bòrd na Gaidhlig: “Tha sinn a’ cur mealadh naidheachd air A’ Chomunn Ghàidhealach agus com-pàirtichean a’ Mhòid uile, ann an Inbhir Nis agus air-loidhne, mar thoradh air tilleadh bhlàth is dhi-beathte air a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail.  ’S e àite-coinneachaidh sònraichte don Mhòd a th’ ann an Inbhir Nis an-còmhnaidh agus tha e a’ taisbeanadh mar a tha cànan is cultar na Gàidhlig a’ cur ri faireachdainn dachaigheil, agus ris an eaconamaidh cuideachd.”

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ faotainn taic bho EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Events Scotland, Riaghaltas na h-Alba, HIE, Caledonian MacBrayne agus SQA.

Bidh àireamh de cheumannan sàbhailteachd COVID nan àite airson Mòd na bliadhna seo ann an co-rèir ri stiùiridhean an riaghaltais, gus luchd-èisteachd agus farpaisich a chumail sàbhailte, a’ gabhail a-steach glanadh mionaideach agus sgrùdaidhean sàbhailteachd leantainneach COVID, tomhaisean slàinteachais cùramach, cleachdadh còmhdach aodainn agus sgrùdaidhean trac is lorg.

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a’ ruith gu 16 Dàmhair 2021.  Thoiribh sùil air a’ phrògram slàn agus ceannaichibh tiogaidean a-nis aig https://www.ancomunn.co.uk/

 

Golden result for singers at Royal National Mòd’s Highland homecoming

Press images of events will be available here throughout the week

It was a golden result for men’s and women’s Gaelic singing last night as the prestigious Traditional Gold Medal made its welcome return to the Royal National Mòd in Inverness.

Calum MacColl of Fort William came out on top in the men’s competition, after making it through the qualifying round in the morning to be awarded the coveted gong at Eden Court Theatre last night.

The ladies competitors came from as far afield as Glasgow and Harris to be part of the event this year but it was Emma MacLeod of Scalpay who impressed with a show-stopping performance that scored highest of her competitors.

Calum said: “It was a great moment winning the Traditional Gold Medal and it meant a lot to me. Performing tonight made me think of my Dad who would have been here. This is for you, Charlie. My Dad’s style was a style I have and will always love - that style that’s all about bringing everyone together in a great traditional, lively ceilidh style  - that’s what it’s all about for me. It’s a very proud moment and I am sure my Dad is looking on from above.”

Emma said: “It means an awful lot to have won the Traditional Gold Medal. This is my third time trying for it so I wanted to make sure I was prepared this year. I actually really enjoyed performing, it was a lot more comfortable and my previous experiences did me justice. I’m just absolutely delighted, especially when so many members of my family came to support me. It was definitely worth the wait. I come from a very small island so it’s so important to me to keep our traditions alive. All three songs I sang are all from Scalpay so it’s great to sing songs that represent the island, it’s something that’s very close to my heart.”

Choirs from around Scotland also graced the Royal National Mòd stage once again to the warmest of welcomes in the first of this year’s choir showcase concerts. Lochs, Lairg, Cowal, Inverness, Mull, Nairn and the Black Isle choirs performed to delighted audiences in the capital of the Highlands.

Today will see Lothian, Oban, Aberdeen, Dingwall, Glasgow Islay, Largs and Govan choirs celebrate a return to singing at the Mòd for audiences in-person, to audiences around the world via an online livestream and viewers at home on BBC Alba.

Adult duet and quartet singing competitions also return today, taking place at 12pm and 1pm respectively.

Elsewhere, the programme includes a family picnic at Abriachan Forest and live music from Eden Court’s outdoor venue, while online audiences can enjoy a talk in English from Ruairidh Maclean as he looks at place names in and around the Highland capital which connect us to water.

James Graham, Chief Executive Officer of An Comunn Gàidhealach, said: “This year’s Royal National Mòd has been a homecoming on many levels. We’ve returned to the capital of the Highlands, bringing Gaelic communities together from the length and breadth of Scotland once again. We are also seeing the return of events that many people hold very dear including the Traditional Gold Medal, live singing from some fantastic choirs, and our adult duet and quartet competitions. A big well done to our new Traditional Gold Medal winners, their success is richly deserved. We now look forward to our final days of fantastic music and culture.”

Chair of The Highland Council’s Gaelic Committee, Cllr Calum Munro said: “Congratulations to the Traditional Gold Medal winners for their well-deserved achievements of these most prestigious and coveted Mòd awards. I was delighted to hear the Highland support for the choir showcase concerts from Inverness and Black Isle choirs and look forward to today’s entry from Dingwall choir. Good luck to all the choirs. Also on the fringe events its great to see support from Abriachan Forest for the family picnic event held locally.”

Shona MacLennan, Ceannard, Bòrd na Gaidhlig quote: “We congratulate An Comunn Gàidhealach and all the Mòd participants, in Inverness or online, for what has been a very welcome return of the Royal National Mòd.  Inverness is always a tremendous venue for the event and it demonstrates how Gaelic language and culture contributes to a sense of place, and to the economy.”

The Royal National Mòd is supported by EventScotland, Bòrd na Gàidhlig, The Highland Council, Events Scotland, The Scottish Government, HIE, Caledonian MacBrayne and SQA.

A number of COVID safety measures are in place for this year’s Mòd in line with government guidelines to keep audiences and performers safe, including extensive cleaning and ongoing COVID safety checks, enhanced hygiene measures, use of face masks and track and trace check-ins.

The Royal National Mòd will run until 16th October 2021.  View the full programme and purchase tickets now at https://www.ancomunn.co.uk/

15 Oct 2021