Seiminear-lìn aig FC Sonas

Bha Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd fìor thoilichte taic a thoirt do sheiminear-lìn le FC Sonas, a chaidh a chumail air-loidhne air Dihaoine 11 Màrt 2022.

Chaidh fàilte a chur air an t-Seiminear-lìn mar dhòigh gus brosnachadh a thoirt dhan choimhearsnachd pàirt a ghabhail ann an FC Sonas agus cuideachd mar iomairt innleachdach a bheireadh a’ Ghàidhlig gu luchd-èisteachd is luchd-amhairc nas fharsainge.

Thug FC Sonas, a tha air inbhe carthannais fhaotainn o chionn ghoirid, cuireadh do bhuill na coimhearsnachd pàirt a ghabhail san t-seiminear-lìn a bha a’ gabhail a-steach sgoilearan àrd-sgoile, tidsearan, coidsichean ball-coise, pàrantan, buidhnean Gàidhlig is buidhnean spòrs. 

Thuirt Calum Fearghasdan, co-stèidheadair FC Sonais: “Bha an tachartas seo mu bhith a’ fosgladh còmhradh ion-ghabhaltach timcheall air FC Sonas agus bha e sgoinneil a bhith a’ faicinn measgachadh math de dhaoine an làthair. Fhuair sinn molaidhean is fios air ais fìor mhath agus cuidichidh seo sinn gus feumalachdan na coimhearsnachd a nochdadh is sinn a’ cur na bun-stèidh againn air dòigh airson an ama ri teachd!”

Tha FC Sonas a’ creidsinn gu làidir gu bheil coimhearsnachd aig cridhe ball-coise agus mhìnich iad am plana ro-innleachdail aca a tha ag innse mar a dh’fhaodas daoine pàirt a ghabhail ann am ball-coise agus FC Sonas. Chuir seo an cèill mar a tha iad an dùil ball-coise a chleachdadh mar dhòigh gus tuilleadh chothroman a chruthachadh dhan choimhearsnachd Ghàidhlig.

Bhathar a’ taisbeanadh bhidiothan coidsidh ùr sa Ghàidhlig (Ball-coise Bòrd-sgòraidh) agus bha ùine ann cuideachd airson còmhradh buidhne.

Bha Matt Fegan bho HFX Wanderers FC ann an Alba Nuadh ann air aoigheachd agus chòrd seo glan ris na bha an làthair. Bhruidhinn Matt mu bhith a’ togail sgioba ball-coise le taic coimhearsnachd agus bha cuireadh aig com-pàirtichean ceistean fhaighneachd dha.

Thug Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd seachad an t-ùrlar air-loidhne airson aoigheachd a thoirt dhan t-seiminear-lìn a bharrachd air a bhith a’ toirt seachad taic ionmhasail. Chaidh taic ionmhasail fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig cuideachd.

Faodar Seiminear-lìn FC Sonas a choimhead air-loidhne tro Sheachdain na Gàidhlig gu 27 Màrt 2022.

 

FC Sonas webinar

The Highland Council’s Gaelic Team were delighted to lend support to the FC Sonas webinar held online on Friday 11 March 2022.

The webinar is welcomed as an opportunity to encourage the community to become involved in FC Sonas, but also as an innovative venture in increasing exposure of the Gaelic language to a wider audience.

FC Sonas, who have recently received charitable status, invited community members to take part in the webinar including secondary school pupils, teachers, football coaches, parents, Gaelic groups and sporting organisations.

Calum Ferguson, co-founder of FC Sonas said: “This event was all about opening up an inclusive conversation around FC Sonas and it was great to see a variety of people in attendance. We received some fantastic suggestions and feedback that will help us reflect the needs of our community as we look to set our foundations for the future!”

FC Sonas hold fast to the belief that community is the heart of football and outlined their strategic plan in how people can become involved with football and FC Sonas. This revealed how they plan to use football as a means to create further opportunities for the Gaelic speaking community.

The webinar showcased new Gaelic coaching videos (Scoreboard Soccer) and included time for group discussion.

One of the highlights of the webinar was guest speaker Matt Fegan from HFX Wanderers FC, Nova Scotia. Matt spoke about his experiences in how to build a football team with community support and participants were invited to take part in a question-and-answer session with him.

The Highland Council Gaelic team provided the online platform to host this webinar in addition to providing financial support. Financial support was also received from Bòrd na Gàidhlig.

The FC Sonas Webinar is available to watch online during Seachdain Na Gàidhlig this week until 27 March 2022.

25 Mar 2022