A’ Chomhairle ag iarraidh air daoine òga le Gàidhlig cur a-steach airson obair ann an Conaltradh Corporra

Dèan tagradh ro 8 Lùnastal 2022
Dèan tagradh ro 8 Lùnastal 2022

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ sireadh ceumnaiche le Gàidhlig airson Sgioba a’ Chonaltraidh Chorporra agus Sgioba na Gàidhlig a chuideachadh a’ togail ìomhaigh na Gàidhlig air-loidhne.

Thathar a’ toirt cuireadh dhaibhsan a tha fo aois 25 le teisteanas aig ìre HND no nas àirde – agus a tha fileanta ann an Gàidhlig labhairteach is sgrìobhte – cur a-steach airson dreuchd Ceumnaiche Inntearnach – Oifigear Conaltradh Corporra agus Com-pàirteachaidh.

Bidh an tagraiche soirbheachail a’ fuireach ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd rè ùine na h-obrach agus dh’fhaodadh iad obrachadh bho oifis le Comhairle na Gàidhealtachd no bhon taigh, a rèir an suidheachadh pearsanta fhèin.

Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, an Comhairliche Calum Rothach: “’S e cothrom air leth a tha seo do neach òg le ùidh ann an dreuchd ann an conaltradh didseatach. Gheibh iad trèanadh an lùib na h-obrach agus taic bho na h-oifigearan conaltraidh agus Gàidhlig againn agus bidh cothrom aca diofar a dhèanamh a thaobh mar a bhios a’ Chomhairle a’ togail ceangal leis a’ choimhearsnachd Ghàidhlig.

“Fiù ’s ged a bhiodh sibh a’ smaoineachadh air cur a-steach airson na h-obrach is sibh mì-chinnteach – chanainn ri luchd-labhairt òga na Gàidhlig tagradh a chur a-steach agus gun an cothrom sgoinneil seo a chall. Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air an tagraiche shoirbheachail agus obrachadh còmhla riutha.”

Thuirt Ceannard na Comhairle agus Iar-Chathraiche Comataidh na Gàidhlig, an Comhairliche Raymond Bremner: “A phàrantan, a shean-phàrantan, a theaghlaichean is a charaidean – nach sgaoil sibh an naidheachd is nach toir sibh an cothrom sgoinneil seo gu aire cheumnaichean òga sam bith air a bheil sibh eòlach agus a dh’fhaodadh a bhith a’ sireadh obair air an t-samhradh seo.

“Tha a’ Chomhairle air a bhith fìor shoirbheachail roimhe le prògram nan Ceumnaichean Inntearnach agus tha ceumnaichean san sgioba chonaltraidh air a dhol air adhart gu obraichean maireannach. Tha mi cuideachd gur brosnachadh tagraidhean a chur a-steach gun dàil agus gun an cothrom air leth seo a chall.”

Thathar a’ sireadh iarrtasan air-loidhne aig: https://bit.ly/3bjHoKb gun a bhith nas anmoiche na Diluain 8 Lùnastal 2022.

Council calls on young Gaelic-speakers to apply for comms job

The Highland Council is seeking a Gaelic-speaking graduate to assist the organisation’s Corporate Communications and Gaelic Teams in raising the Council’s online Gaelic profile.

People under the age of 25 with a qualification at HND level or above - and who are proficient in spoken and written Gaelic - are being invited to apply for a Graduate Intern - Corporate Communications and Engagement Officer post.

The successful applicant will be resident in the Highland Council area for the duration of their employment and could work from a Highland Council office or their home depending on personal circumstances.

Gaelic Committee Chair Cllr Calum Munro said: “This is a fantastic opportunity for a young person interested in a career in digital communications. They will receive on-the-job training and support from our communications and Gaelic officers and will have a real chance to make a difference to how the Council’s engages with the Gaelic community.

“Even if you are thinking about applying and are unsure – I urge any young Gaelic speakers to put an application in and don’t miss this great opportunity. I look forward to welcoming and working with the successful applicant.”

Leader of the Council and Vice Chair of the Gaelic Committee Cllr Raymond Bremner added: “Parents, grandparents, families and friends – please spread the word and bring this real opportunity to any young graduates’ attention that you know are job seeking this summer.

“The Council has a strong track record of success with graduates in its communications team going on to secure permanent employment. I also echo the call to get applications in now and not to miss this fantastic opportunity.”

Applications are invited online at this link by Monday 8 August 2022.

1 Aug 2022