A’ Chomhairle a’ toirt taic do dhàrna Seachdain na Gàidhlig

Bidh Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt taic do dhàrna Seachdain na Gàidhlig, a bhios a’ comharrachadh Gàidhlig na h-Alba air feadh an t-saoghail.

Bidh cuspair na bliadhna seo de bhith ‘A’ Tighinn Còmhla’ a’ ceangal dhaoine gus a bhith a’ cur air adhart, a’ cleachdadh is ag ionnsachadh na Gàidhlig tro lìonra co-òrdanaichte de thachartasan a bhios a’ gabhail àite air feadh Alba agus gu h-eadar-nàiseanta, bho 20 – 26 Gearran 2023.

Tha an iomairt a’ faighinn maoineachadh is taic bho Bhòrd na Gàidhlig agus tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur air adhart prògram de chleasan is thachartasan a bhios Sgioba na Gàidhlig a’ lìbhrigeadh ann an com-pàirteachas le sgoiltean, buidhnean coimhearsnachd agus buidhnean-gnìomha eile.

Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig, an Comhairliche Calum Rothach: “Tha an ùidh mhòr a tha aig luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh an t-saoghail ann an Seachdain na Gàidhlig a’ toirt spionnadh math dhan chànan agus tha mi air mo dhòigh glan gu bheil an tachartas a’ dol air adhart ann an 2023 airson an dàrna uair.

“Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur ri prògram Seachdain na Gàidhlig tro ghnìomhan misneachail do sgoiltean is inbhich agus thathar ag amas air a bhith a’ brosnachadh luchd-labhairt is luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gu bhith a’ cleachdadh a’ chànain aca.”

Bidh Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur suas teachdaireachdan air na meadhanan sòisealta (sean-fhacal agus ainm-àite an latha) agus bithear cuideachd a’ co-roinn ghoireasan foghlaim le sgoiltean is pàrantan Gàidhlig tro Sheachdain na Gàidhlig.

Bidh Seachdain na Gàidhlig 2023 a’ cus suas stuth air-loidhne gach latha thar nam meadhanan sòisealta, a’ dèanamh cinnteach nach eil cruinn-eòlas na bhacadh sam bith a thaobh com-pàirteachas. Bheir am measgachadh seo de thachartasan pearsanta agus air-loidhne àrd-ùrlar do luchd-labhairt na Gàidhlig airson ceangal a thogail an dà chuid le coimhearsnachdan corporra is bhiortail air feadh an t-saoghail – a’ toirt brosnachadh do dhaoine fa leth, do ghnothachasan is do buidhnean coimhearsnachd a dhol an sàs ann. Cuideachd, bidh Seachdain na Gàidhlig a’ brosnachadh dhaoine gus ceangal a thogail air-loidhne tro bhith a’ co-roinn theachdaireachdan, ìomhaighean is bhidiothan, a’ cleachdadh an taga hais #SeachdainNaGàidhlig.

Thathar cuideachd ag amas gu sònraichte air foghlam tro Sheachdain na Gàidhlig 2023. Gus tidsearan is daoine òga a chuideachadh gus ceangal a thogail leis an iomairt, chaidh pasgain foghlaim a chruthachadh do sgoiltean, ann an com-pàirteachas leis an fhoillsichear fhoghlaim Twinkl. Am measg nan cleasan is nan goireasan tha planadairean clasa, stuth teagaisg is cleasan a tha ag amas an dà chuid air ìrean bun-sgoile is àrd-sgoile, an dà chuid do sgoiltean le Foghlam tron Ghàidhlig agus le Foghlam tron Bheurla – a’ dèanamh cinnteach gun urrainn do chloinn is do thidsearan uile com-pàirt a ghabhail, co-dhiù a tha iad fileanta no dìreach a’ tòiseachadh air ionnsachadh.

Airson fiosrachadh mu thachartasan is mu dhòighean gus pàirt a ghabhail ann an Seachdain na Gàidhlig, tadhail air: www.seachdainnagaidhlig.scot

Airson goireasan foghlaim, tadhail air: www.twinkl.co.uk/resources/curriculum-for-excellence/scotland-partnerships-scotland-cfe/seachdain-na-gaidhlig-world-gaelic-week-scotland-partnerships-scotland-cfe

Lean air na meadhanan sòisealta: twitter.com/sngaidhlig  / instagram.com/sngaidhlig/ / facebook.com/sngaidhlig

Lorg Tagaichean hais: #SeachdainNaGàidhlig #Gàidhlig #Gaelic #cleachdi

Council supports second Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week)

The Highland Council will support the second Seachdain na Gàidhlig (World Gaelic Week), which aims to celebrate Scottish Gaelic across the globe.

This year’s theme of ‘Coming Together’ Seachdain na Gàidhlig will connect people to promote, use and learn Gaelic; through a coordinated network of activities taking place across Scotland and internationally, from 20 – 26 February 2023.

The initiative is funded and supported by Bord Na Gàidhlig and The Highland Council is promoting a programme of activities and events that will be delivered by the Council’s Gaelic Team in partnership with schools, community groups and other agencies.

Gaelic Committee Chair Cllr Calum Munro said: “The huge interest in Seachdain na Gàidhlig from Gaelic speakers across the world is a welcome boost to the language and I am delighted that February 2023 see this event run for a second year.

“Highland Council is contributing to the Seachdain na Gàidhlig programme through promotional, schools and adult activities aimed at encouraging Gaelic speakers and learners to use their language.”

Highland Council will be posting social media messages (proverb and place of the day) and sharing educational resources with Gaelic schools and parents throughout Seachdain na Gàidhlig.

Seachdain na Gàidhlig 2023 will be producing daily, online content across social media, ensuring that geography is no barrier to participation. This mixture of in-person and online events will provide a world class platform for Gaelic speakers to connect with both physical and virtual communities worldwide; encouraging individuals, businesses, and wider community groups to get involved. Additionally, Seachdain na Gàidhlig is encouraging people to connect online by sharing posts, images and videos using the hashtag #SeachdainNaGàidhlig.

Education is also being specifically targeted through Seachdain na Gàidhlig 2023. To help teachers and young people engage with the initiative, comprehensive education packs have been created for schools, in partnership with educational publishing house, Twinkl. The activities and resources include class planners, suggested content and activities aimed at both primary and secondary levels for both Gaelic and English medium schools – ensuring that all children and teachers can get involved, whether they are fluent or just starting their journey with the language.

For all events and ways to get involved in Seachdain na Gàidhlig 2023, visit: www.seachdainnagaidhlig.scot

For education resources visit: www.twinkl.co.uk/resources/curriculum-for-excellence/scotland-partnerships-scotland-cfe/seachdain-na-gaidhlig-world-gaelic-week-scotland-partnerships-scotland-cfe

Follow on social media: twitter.com/sngaidhlig  / instagram.com/sngaidhlig/ / facebook.com/sngaidhlig

Search Hashtags: #SeachdainNaGàidhlig  #Gàidhlig  #Gaelic  #cleachdi

13 Feb 2023