Comhairle a’ cur innleachdan Cuimris is Eabhrais gu feum sa Ghàidhlig
Tha dòigh ùr air ionnsachadh cànain, stèidhte air innleachdan gus Cuimris is Eabhrais a theagasg, a-nis ga cleachdadh sa Ghàidhealtachd gus Gàidhlig a theagasg.
Air a chur air dòigh le Seirbheis Ionnsachadh Coimhearsnachd is Chur-seachadan Chomhairle na Gàidhealtachd, tha na trì cùrsaichean ùra Gàidhlig a’ cleachdadh modh-teagaisg Ùlpan agus tha iad a-nis air tòiseachadh ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. Tha 40 inbheach a’ frithealadh nan clasaichean.
Thuirt Co-òrdanaiche a’ Chùrsa, Mairead Mulholland a tha na h-Oifigear Leasachaidh aig Seirbheis Ionnsachadh Coimhearsnachd is Chur-seachadan Chomhairle na Gàidhealtachd: “Chòrd na chunnaic mi de Ùlpan rium agus tha mi a’ faireachdainn gu bheil cùrsa againn mu dheireadh a leigeas le luchd-ionnsachaidh fàs fileanta sa Ghàidhlig.Tha an cuideam air èisteachd is labhairt – bidh leughadh is sgrìobhadh ann fhathast. Bheir Ùlpan gu cinnteach brosnachadh do dh’ionnsachadh na Gàidhlig.”
Tha Ùlpan a’ faighinn taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Ged a chaidh pìleatan a dhèanamh ann an corra àite air feadh Alba, thathar dhen bheachd gur e na clasaichean Gàidhlig ann an Inbhir Nis a’ chiad fheadhainn ann an Alba le taoitearan a chaidh ionnsachadh gu sònraichte san dòigh seo.
Thuirt Rosemary Ward, Manaidsear Foghlaim Bhòrd na Gàidhlig:"Tha am Bòrd toilichte a bhith a’ toirt taic do dh’ Ùlpan oir chaidh a dhearbhadh mar dhòigh a tha soirbheachail air a’ Ghàidhlig a theagasg agus ionnsachadh. Tha an structair a tha air Ùlpan a’ toirt seachad na taice a tha dhìth air luchd-ionnsachaidh gus fàs fileanta.
"Tha e cudromach gum bi sinn a’ toirt gach taic is cuideachadh do luchd-ionnsachaidh agus gum faigh iad cothrom na sgilean aca fheuchainn a-mach. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachadh dhan h-uile duine a tha a’ tòiseachadh air a’ chùrsa seo.”
Tha na clasaichean ann an Inbhir Nis a’ leantainn air seachdain trèanadh thaoitearan san Iuchar am-bliadhna. Chaidh an cùrsa a chur air dòigh le Cli agus fhuair taoitearan san sgìre cothrom air trèanadh ann an modh-teagaisg Ùlpan. Tha triùir dhe na taoitearan a fhuair trèanadh a’ ruith chlasaichean ann am Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.
Thuirt Stiùiriche Chli, DI Mac an t-Saoir: “Shoirbhich leis a’ chùrsa seo sa Chuimrigh agus ann an iomadh dùthaich eile. Chan eil teagamh agam nach obraich e air sgàth ’s an structair a th’ air ionnsachadh na Gàidhlig agus bu chòir gum biodh barrachd fhileantach ann sna bliadhnaichean ri teachd. Bidh e cuideachd na chuideachadh do Thaoitearan Gàidhlig oir tha Ùlpan a’ toirt dhaibh stuthan a chleachdas iad.”
Tha Brian o’hEadhra a’ cumail clas tron latha do luchd-tòiseachaidh agus tha Nina NicLeòid agus Della NicAoidh a’ cumail clas air an oidhche do luchd-tòiseachaidh. Tha Brian agus Eilidh NicIlleSheathanaich a’ cumail clas do dhaoine aig meadhan ìre.
Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha na cùrsaichean ùra Gàidhlig seo le modh-teagaisg Ùlpan a’ sealltainn cho dealasach ’s a tha a’ Chomhairle co-cheangailte ris an obair a gheall sinn a dhèanamh còmhla ri Bòrd na Gàidhlig agus com-pàirtichean eile gus taic a chur ri leasachadh na Gàidhlig agus a dualchas. Bidh na cùrsaichean seo a’ ciallachadh gum bi cothroman is roghainnean aig duine sam bith air a’ Ghàidhealtachd air a’ Ghàidhlig ionnsachadh, ma tha iad ag iarraidh, agus bidh iad a’ dol le iomadh prògram eile a tha a’ dol mar thà.”
-crìoch-
Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu: Mairead Mulholland, Oifigear Coimhearsnachd na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd. Fòn: (01463) 238685.
Airson tuilleadh fiosrachaidh air Cli theirig chun na làraich-lìn aca aig: http://www.cli.org.uk/