Sgoiltean Gàidhlig a’ deasbad anns a’ Phàrlamaid

Tha na 4 sgioban a fhuair troimhe chun an dà chuairt mu dheireadh de Dheasbad Nàiseanta BT Alba a’ cur nan sgilean deasbaid aca mu choinneimh an t-sluaigh ann an Ionad Co-labhairt Comhairle Baile Dhùn Èideann air Diciadain an 28mh den mhìos seo. B' iad Sgoil MhicNeacail, Sgoil Lìonacleit, Àrd Sgoil Phortrìgh agus Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis na ceithir sgioban soirbheachail.

Cuiridh na britheamhan an dà sgioba as fheàrr air adhart chun na cuairt deireannaich a tha a' gabhail àite am bliadhna a-rithist ann am Pàrlamaid na h-Alba air Diardaoin an 29mh latha den mhìos.  Thèid an Deasbad seo a chraoladh beò air Radio nan Gàidheal aig 7.00 feasgar.

Tha BT Alba a-rithist nam prìomh mhaoineadairean air Deasbad na bliadhna-sa le taic £15,000. Thuirt Brendan Dick, Manaidsear Nàiseanta Alba " Tha comas conaltraidh na phrìomh sgile ann am beatha an duine agus sin an t-adhbhar a tha BT air taic a chur ri iomairt luach £10m, thairis air 3 bliadhna, airson cothrom a thoirt do dh’òigridh ann am Breatainn na sgilean agus comasan aca a leasachadh airson an dòigh conaltraidh aca thoirt air adhart.  Tha ìre nan deasbadan anns an fharpais seo air dearbhadh gu bheil adhartas mòr air a thighinn air comas labhairt agus èisteachd nan Gaidheal òga agus tha fìor chuairt dheireannach gu bhith againn ann am Pàrlamaid na h-Alba an ath sheachdain"

Thuirt Dòmhnall Martainn Cathraiche Chomataidh Stiùiridh an Deasbaid: "Tha ìre nan deasbadan air a bhìdh sònraichte math am bliadhna agus thug na sgioban dùbhlain fìor dhuilich dha na britheamhan.  Ma tha na chunnaic sinn na chomharra bu choir gum bidh dà dheagh oidhche againn ann an Dùn Èideann.  Mar is àbhaist bidh Togalach na Pàrlamaid na bhrosnachadh mòr dhan dà sgioba a gheibh àite anns a’ chuairt dheireannach"

-Crìoch-

20 Nov 2007