Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ togail Cuach na Cloinne airson an dàrna bhliadhna

CnaG

Issued by Cuach na Cloinne

’S iad Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a choisinn tiotal Cuach na Cloinne 2024, a’ toirt a’ chupa air ais a Ghlaschu airson an dàrna bhliadhna. Às dèidh iomadh geama teann eadar na 6 sgiobaidhean mìorbhaileach, rinn Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ gnothach air Sgoil an Rubha, 2-1, sa’ chuairt deireannach ann an Inbhir Nis air Diciadain 29mh den Chèitean.

’S e co-fharpais ball-coise nàiseanta, 5 air gach taobh, a th’ ann an Cuach na Cloinne. Ghabh òigridh bho air feadh na dùthcha ann an C4-7, aig a’ bheil Gàidhlig, pàirt ann. Chaidh 6 farpaisean roinneil a chumail air feadh na dùthcha, tron a’ Ghiblean ’s a’ Chèitean, ann am Port Rìgh, Lionacleit, Steòrnabhagh, Inbhir Nis, Glaschu, agus An Gearasdan, le na 6 sgiobaidhean soirbheachail sna farpaisean roinneil a’ gabhail àite sa chuairt deireannach.

’S e na 6 sgiobaidhean a chluich aig a’ chuairt-deireannach:

  • Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
  • Sgoil an Rubha
  • Sgoil Bhaile a’ Mhanaich
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
  • Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Chaidh Cupa Cuach na Cloinne a thoirt do Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu le Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh Chomunn na Gàidhlig (CnaG).

Chaidh duais Sàr Cluicheadair na Gàidhlig gu Ben MacDhòmhnaill bho Sgoil Bhaile a’ Mhanaich. ’S ann airson an neach, ann am beachd na rèitirean, a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig aig an ìre as àirde tron fharpais a tha an duais seo.

Thuirt Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh ChnaG, a tha a’ ruith a’ cho-fharpais:

“Tha e air leth mhisneachail a bhith a’ faicinn uimhir de dhaoine òga bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt san fharpais. Seo am bliadhna as motha san fharpais, le 109 sgioba a’ gabhail pàirt. Thairis air na cuairtean roinneil agus an cuairt deireannach, chunnaic sinn comas air leth aig an òigridh, an dà chuid le sgilean ball-coise agus leis a’ Ghàidhlig. Tha Cuach na Cloinne gu tur mu dheidhinn òigridh a bhith a’ faighinn tòrr spòrs, a’ faighinn cothrom coinneachadh le daoine òga eile bho air feadh Alba, agus an cuid Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile. Tha sinn aig CnaG air leth taingeil do Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar, agus Bòrd na Gàidhlig airson an taic leantainneach do Chuach na Cloinne.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bòrd na Gàidhlig:

“Tha e na thoileachas a bhith a’ leantainn a’ cho-fharpais seo gach bliadhna agus na dealbhan agus na bhideothan a thathas a’ togail aig na farpaisean roinneil. Tha e math a bhith faicinn daoine òga bho air feadh Alba a’ tighinn còmhla, a’ coinneachadh ri caraidean ùra, agus a’ bruidhinn Gàidhlig am measg a chèile, uile le ìre fallain de cho-fharpais! Bu mhath leam meal a naidheachd a chur air sgioba Cuach na Cloinne, a tha a’ toirt an cothrom seo gu bith sna coimhearsnachdan againn gach bliadhna. Meal a naidheachd air a h-uile duine a ghabh pàirt am-bliadhna cuideachd, agus iomradh sònraichte air Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a ghlèidh an cupa – nach iad a bha àraidh air!”

Thuirt an Dtr Dòmhnall Weir, Oifigear Taic Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar:

“Tha Comhairle nan Eilean Siar air leth thoilichte gun do chuir iad taic ri farpais Cuach na Cloinne 2024. Tha an fharpais seo air a bhith glè chudromach thairis air iomadh bliadhna ann a bhith a’ brosnachadh òigridh na h-Alba Gàidhlig a chleachdadh ann na suidheachadh nàdarra, làitheil, taobh a-muigh na sgoile, fhad ’s a tha iad a’ dèanamh rudeigin a chòrdas riutha gu mòr. ’S math a’ rinn na sgiobaidhean agus cluicheadairean gu lèir!”

Thuirt Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairliche Calum Rothach:

“Tha mi cho toilichte taic a chumail ro Cuach na Cloinne leis gu bheil an tachartas a’ cruthachadh suidheachadh sònraichte do dh’òigridh Gàidhlig a chleachdadh ann an dòigh spòrsail, agus gu bheil an cothrom aca coinneachadh ri òigridh eile bho air feadh na dùthcha. Tha mi airson mealaibh ur naidheachd a thoirt do gach sgioba a’ ghabh pàirt an-diugh. Tha sibh uile nur buanaichean!”

Tha Comunn na Gàidhlig a-nis ag obair air Cuach nan Àrd-sgoiltean a bhios a’ tachairt an ath-Dhiciadain 5mh den t-Ògmhios.

Tha Cuach na Cloinne 2024 air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, agus Comhairle na Gàidhealtachd, agus air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu win Cuach na Cloinne for the second year in a row

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu were victorious in winning Cuach na Cloinne 2024, taking the trophy home to Glasgow for the second year in a row. After many tense matches between the 6 talented teams, in both football and Gaelic, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu beat Sgoil an Rubha, 2-1, in the National Final in Inverness on Wednesday 29th May.

Cuach na Cloinne is a national 5-a-side football competition aimed at young people in Gaelic Medium Education, in primary 4-7 all over the country. The 6 regional competitions were held, during April and May, in Portree, Lionacleit, Stornoway, Inverness, Glasgow, and Fort William, with the successful team from each regional competition earning their place in the national final.

The 6 teams that participated in the final are:

  • Bun-sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh
  • Sgoil an Rubha
  • Balivanich Primary School
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
  • Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

The Cuach na Cloinne trophy was awarded by Marina Murray, Development Director at Comunn na Gàidhlig (CnaG).

The Sàr Cluicheadair na Gàidhlig award went to Ben MacDonald from Balivanich Primary School. This award is given to the player that was outstanding in his use of Gaelic during the competition and chosen by the referees.

Marina Murray, Development Director at CnaG, who runs the competition, said:

“It has been encouraging to see a large number of young people from across Scotland taking part in this competition. This year’s competition has seen the largest number of teams competing, with 109 teams taking part. During the regional competitions and the final, we saw how capable young people are, both with their football skills and with their Gaelic language skills. Cuach na Cloinne is primarily about young people having fun, meeting other young people from across Scotland, and using their Gaelic outside of school in more relaxed surroundings. We at CnaG are grateful to The Highland Council, Comhairle nan Eilean Siar, and Bòrd na Gàidhlig for their continued support of Cuach na Cloinne.”

Ealasaid MacDonald, Bòrd na Gàidhlig Ceannard (CEO), said:

“It is great to follow this competition every year and to see all the wonderful pictures and videos that are taken at the heats. It is great to see young people from across Scotland come together, make new friends and speak Gaelic, all with a healthy level of competition! I’d like to congratulate the Cuach na Cloinne team, who provide this opportunity across communities every year. Well done to everyone who has taken part this year, and a special mention to the worthy winners Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.”

Dr Donald Weir, Gaelic Support Officer for Comhairle nan Eilean Siar, said:

“Comhairle nan Eilean Siar are delighted to have supported Cuach na Cloinne 2024. This competition has been essential over the years in encouraging young people to use Gaelic in a natural situation outside of the classroom, while also taking part in an activity that they enjoy. Congratulations to all teams and every player that took part!”

Chairman of The Highland Council’s Gaelic Committee, Councillor Calum Munro, said:

“I’m delighted to be supporting Cuach na Cloinne as the event creates a special and memorable occasion which allows all the young people to use Gaelic within a sporting and fun environment, and it also allows young people to meet peers from other schools across Scotland. I wish to take this opportunity to congratulate each team that took part today. You are all winners!”

Comunn na Gàidhlig are now preparing for Cuach nan Àrd-sgoiltean, which is set to take place next Wednesday 5th June.

Cuach na Cloinne 2024 is funded by Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, and The Highland Council, and organized by Comunn na Gàidhlig.

29 May 2024