Duais £750 airson taic a chumail ri foghlam no tionnsgainneachd

An image of Donald John Mackay
An image of Donald John Mackay

Duais £750 airson taic a chumail ri foghlam no tionnsgainneachd

Tha cothrom ann tagradh a dhèanamh airson duais £750 bho Urras a tha ag amas air a h-uile meur is taobh de chultar na Gàidhlig a bhrosnachadh, cho math ri foghlam ann an Gàidhlig, agus tron Ghàidhlig.

Tha Urras Foghlam Dhòmhnaill Iain MhicAidh a’ tabhann duais bhliadhnail mar chuimhneachan air an obair ionmholta a rinneadh le Dòmhnall Iain às leth na Gàidhlig agus leasachaidhean gnìomhachais air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.  Thèid an duais a lìbhrigeadh le Fèisean nan Gàidheal às leth an urrais agus chaidh cothrom 2024 fhoillseachadh le 1mh Samhain na cheann-latha airson thagraidhean.

Thuirt Donna Shiosalach bho Urras Dhòmhnaill Iain: “Thathar a’ brosnachadh bheachdan cruthachail air mar a ghabhadh tagradh a dhèanamh a fhreagras air aonan, no barrachd, de dh’amasan farsaing an urrais a chaidh a stèidheachadh mar chuimhneachan air m’ athair.  Dh’fhaodar tagradh a dhèanamh airson leudachadh a thoirt air obair a tha a’ dol air adhart mar-thà, ma dh’fhaoidte co-cheangailte ri cùrsa no obair-sgoile, no dh’fhaodar obair gu tur ùr a mholadh.  Tha am foirm-tagraidh cho sìmplidh ‘s a ghabhas, le dìreach beagan cheistean ri fhreagairt, agus bhitheamaid an dòchas gun cuidicheadh an duais le ionnsachadh no tionnsgainneachd an tagraiche soirbheachail.”

Thathar a’ sireadh thagraidhean bho sgoilearan fa leth an ceann shuas na h-àrd sgoile – S5 no S6 – cho math ri oileanaich an Alba ann am foghlam, pàirt-ùine no làn-ùine, aig ìre adhartach no àrd, no a tha ag obair a dh’ionnsaigh ceum dotaireachd.  Ged thèid an duais gu neach air leth, faodar daoine eile a bhith an lùib a’ phròiseict no an rannsachaidh.  Thèid measadh a dhèanamh le panail a' gabhail a-staigh riochdaire bho theaghlach Dhòmhnaill Iain, co-dhiù aon urrasair, riochdaire bho Fhèisean nan Gàidheal agus suas ri dithis eile le cuireadh bhon urras.

Thèid am pròiseact soirbheachail fhoillseachadh air làrach-lìn Fhèisean nan Gàidheal le lethbhreac de dh’obair sam bith air a cruthachadh leis an duais a chumail leis a’ bhuidhinn cho math ri ann an leabharlann an t-Sabhail Mhòir airson obair-rannsachaidh.  Dh’fhaodadh na h-urrasairean beachdachadh air tuilleadh leasachaidh air obair a thèid a cruthachadh.  Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh, stiùireadh agus foirm-iarrtais aig www.feisean.org/udim/.

£750 award to support Gaelic education or entrepreneurship

An award of £750 is being made available by a Trust which aims to promote all aspects of Gaelic culture as well as education in and through the Gaelic language.

Urras Foghlam Dhòmhnaill Iain MhicAidh - The Donald John MacKay Educational Trust - offers an award to mark the outstanding contribution Donald John made to Gaelic and industrial development throughout the Highlands and Islands. The award is administered by Fèisean nan Gàidheal on behalf of the trust and the 2024 call for proposals is now open with a closing date of 1 November.

Donna Chisholm of Urras Dhòmhnaill Iain said: “We would encourage senior phase school pupils or students to think creatively about proposals to deliver one or more of the broad aims of the trust, which encompass a range of topics in which my father, Donald John MacKay, was interested or had an involvement.  Proposals could augment work already being undertaken, perhaps as part of a course or school studies, or aim to deliver something completely new.  The application process is as straightforward as possible, with just a few questions to answer, and we hope the award will support the successful applicant’s studies or entrepreneurship.”

The competition is open to individual pupils in senior phase secondary education - S5 or S6 - and individual students in Scotland, in full-time or part-time study, at further or higher education level or working towards a doctorate.  Although the award will be made to an individual, recipients may involve others in any project or research.  Proposals will be assessed by a panel including a representative of the MacKay family, at least one trustee, a representative of Fèisean nan Gàidheal and up to two other individuals invited by the trust.

The successful proposal will be published on Fèisean nan Gàidheal’s website with a copy of any work undertaken retained by the organisation, as well as in the library at Sabhal Mòr Ostaig, for archival and research purposes.  Where possible, the trustees may support further development of successful work delivered with the award.  Further information, guidelines and an application form are available at www.feisean.org/djmt/.

23 Sep 2024