Cuach na Cloinne 2025

Cuach na Cloinne poster
Image of Cuach na Cloinne poster

Issued by Comunn na Gàidhlig

Tha Cuach na Cloinne 2025 an impis tòiseachadh – am prìomh fharpais spòrs eadar bun-sgoiltean tro mheadhan na Gàidhlig bho air feadh Alba, le 101 sgioba air clàradh am-bliadhna!

Thèid a’ cho-fharpais a-ruith eadar Dimàirt 22mh den Ghiblean agus Diardaoin 8mh den Chèitean leis na farpaisean roinneal a’ gabhail àite, agus thèid a’ chuairt-deireannach a chluich air Diciadain 4mh den t-Ògmhios aig Pàirce Chanal, Inbhir Nis. Bidh sgoiltean bho air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt.

’S e co-fharpais ball-coise nàiseanta, 5 air gach taobh, a th’ ann an Cuach na Cloinne a thòisich ann an 2006 is a tha air fàs gach bliadhna. Bidh òigridh bho air feadh na dùthcha ann an C4-7 aig a’ bheil Gàidhlig a’ gabhail pàirt ann. Thèid farpaisean roinneil a chumail ann an:

  • Dimàirt 22 Giblean 2025 - Pàirce Uile Aimsir, Steòrnabhagh
  • Diciadain 23 Giblean 2025 - Sgoil Lionacleit, Beinn nam Faoghla
  • Diardaoin 24 Giblean 2025 - Àrd-sgoil Loch Abar, An Gearasdan
  • Diciadain 30 Giblean 2025 - Àrd-sgoil Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
  • Dimàirt 6 Cèitean 2025 - Pàirce Chanal, Inbhir Nis
  • Diciadain 7 Cèitean 2025 - Goals, Glaschu an Iar, Rathad Mòr an Iar, Glaschu

Ann an 2024 b’ e Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a thog an Cupan – an dàrna turas ann an sreath - an dùil am faigh iad air a thogail airson an treasamh turas am bliadhna seo?!

Tha Comunn na Gàidhlig uabhasach toilichte gun urrainn dhuinn an fharpais a lìbhrigeadh am bliadhna seo a-rithist, tha Cuach na Cloinne air cliù a chosnadh dha fhèin agus tha e a-nis gu mòr stèidhte ann am mìosachan nan sgoiltean, leis a’ chlann gu mòr a’ coimhead air adhart ris.

Thuirt Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh ChnaG:

“Tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ri farpais air leth soirbheachail air a’ bhliadhna-sa le faisg air 680 duine cloinne a’ gabhail pàirt ann a-rithist. Tha e na adhbhar misneachd dhuinn gu bheil uidhir de sgoiltean agus òigridh a’ gabhail pàirt anns an tachartas.

Tha e cho cudromach gu bheil clann a tha a’ dol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ faighinn cothroman a bhith a’ cleachdadh an cànan taobh a-muigh an t-seòmar-sgoile agus a bhith a’ coinneachadh ri clann bho cheàrnaidhean eile aig a bheil a’ Ghàidhlig.

Tha mi airson taing a thoirt do na buidhnean a tha a’ cur taic ri Cuach na Cloinne, ’s iad sin; Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar, agus a’ guidhe gach beannachd air na sgiobannan gu lèir a’ bhios a’ sabaid son tiotal Cuach na Cloinne 2025!”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig:

“’S e tachartas air leth brosnachail a th’ ann an Cuach na Cloinne, le Gàidhlig agus spòrs an toirt còmhla. Gur math a thèid leis a h-uile sgoil is sgoilear a tha an sàs ann.”

Thuirt Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairliche Calum Rothach:

“Tha mi air mo dhòigh glan gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd a’ cumail taic ri Cuach na Cloinne, tha e sgoinneil gu bheil sgoiltean Gàidhlig bho air feadh na dùthcha a’ gabhail pàirt gu dlùth sa cho-fharpais.

Tha e gu math cudromach gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd ann an com-pàirteachais le Comunn na Gàidhlig agus Urrasan Ionadail eile a’ toirt cothroman do dh’òigridh Gàidhealach an cànan a chleachdadh tro spòrs, leis gun toir iad adhartas air na sgilean cànain aca agus an slàinte. Tha seo gu mòr ceangailte ri amasan Comhairle na Gàidhealtachd a’ thaobh am Plana Gàidhlig. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas ri gach sgioba.”

Thuirt an Dtr Dòmhnall Weir, Oifigear Taic Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar (CnES):

“Bha Comhairle nan Eilean Siar air leth deònach taic a chur ri farpais Cuach na Cloinne 2025. Tha an fharpais seo air a bhith ruith airson iomadh bliadhna, agus tha i air a bhith glè shoirbheachail ann a bhith a’ brosnachadh sgoilearan ann an Alba Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh nàdarra, taobh a-muigh na sgoile, fhad ’s a tha iad a’ dèanamh rudeigin spòrsail a chòrdas riutha gu mòr. ’S math a rinn na sgiobaidhean agus cluicheadairean gu lèir ann an 2025!”

Tha Cuach na Cloinne 2025 air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle na Gàidhealtachd, agus air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Cuach na Cloinne poster

Image of Cuach na Cloinne poster

Cuach na Cloinne 2025

Cuach na Cloinne 2025 is about to kick off – the biggest sports competition for Gaelic Medium Primary Schools across Scotland, with 101 teams registered!

The competition will be held between Tuesday 22nd April and Thursday 8th May where the regional competitions will take place, with the final taking place on Wednesday 4th June at Canal Park, Inverness. The winners from each region will play for the cup in the National final.

Cuach na Cloinne is a national 5-a-side football competition aimed at young people throughout the country in Gaelic medium education, P4-7. The competition which started in 2006 has grown each year since. The regional competitions will take place in:

  • Tuesday 22 April 2025 - All Weather Pitch, Smith Ave, Stornoway               
  • Wednesday 23 April 2025 - Sgoil Lionacleit, Benbecula
  • Thursday 24 April 2025 - Lochaber High School, Fort William
  • Wednesday 30 April 2025 - Portree High School, Skye
  • Tuesday 6 May 2025 - Canal Park, Inverness
  • Wednesday 7 May 2025 - Goals, Glasgow West, Great Western Road, Glasgow

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu lifted the Cup in 2024, making it 2 wins in a row - can they make it 3 in a row or will someone beat them to it in 2025!?

Comunn na Gàidhlig are delighted to be running the competition again this year, with Cuach na Cloinne earning a space in school calendars, and young people looking forward to it every year.

Marina Murray, Development Director at CnaG, said:

“We’re excited and looking forward to be running the successful competition this year again, with nearly 680 young people taking part. It’s very encouraging that such a large number of schools and young people continue to take part in this event.

It’s so important that young people going through Gaelic Medium Education are given the opportunity to use their Gaelic outside of the classroom, and to interact with other young Gaels from across the country.

I would like to thank the organisations which fund and allow us to continue to run Cuach na Cloinne, they are; Bòrd na Gàidhlig, The Highland Council, and Comhairle nan Eilean Siar. I also want to wish every single team good luck as they fight for the Cuach na Cloinne 2024 title!”

Ealasaid MacDonald, Ceannard (CEO), Bòrd na Gàidhlig, said:

“Cuach na Cloinne is such a positive event, bringing Gaelic and sport together. Good luck to every school and every pupil taking part.”

Chairman of Highland Council’s Gaelic Committee, Councillor Calum Munro, said:

“I am delighted that the Highland Council has been able to support Cuach na Cloinne, it is excellent to see such commitment and participation in the event from Gaelic Medium Primary Schools through-out the country.

It is very important that the Highland Council in partnership with Comunn na Gàidhlig and other Local Authorities provide opportunities for young Gaelic speakers to use the language within sports activities as this will enhance their language acquisition skills in-conjunction with their health and well-being. This is very relevant to the Highland Council Gaelic Language Plan and I wish all teams every success.”

Dr Donald Weir, Gaelic Support Officer for Comhairle nan Eilean Siar (CnES) said:

“Comhairle nan Eilean siar are delighted to be funding Cuach na Cloinne 2025. The competition has been running for many years, and it has been very successful in encouraging young people in Scotland to use Gaelic in a natural setting, outside of school, whilst taking part in something fun that they enjoy. Well done to all teams and players in the 2025 competition!”

Cuach na Cloinne 2025 is funded by Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar and The Highland Council, and organised by Comunn na Gàidhlig.

 

17 Apr 2025