A’ comharrachadh Màiri Mhòr nan Òran

‘Moch’s mi’g Èirigh …’ A celebration of Màiri Mhòr nan Òran

Tha fèis a mhaireas trì latha gu bhith san Eilean Sgitheanach. Bidh seo a’ comharrachadh beatha, obair is òrain Màiri Nic a’ Phearsain, no "Màiri Mhòr nan Òran" bana-bhàrd cho ainmeil ’s a bh’ air a’ Ghàidhealtachd.

Bha Màiri Mhòr leth-cheud mus do thòisich i a’ dèanamh òrain. Bha i na bantraich le còignear chloinne agus fada on Eilean Sgitheanach far an do rugadh i. B’ e casaid shuarach airson goid, agus binn prìosain fad dà fhichead latha ’s a dhà, a dhùisg spiorad na bàrdachd innte. B’ ann air sgàth na nàire is na feirg a dh’fhairich a rinn i a’ chiad òran "Luchd na Beurla"
Fad nan sia bliadhna fichead de a beatha an dèidh sin, rìnn Màiri Mhòr iomadh òran air iomadh cuspair, cuid a bha cudromach agus cuid nach robh, a bha a’ toirt buaidh air a cuideachd. Rinn i òrain eilthireachd, òrain a’ moladh bòidhchead an Eilein, òrain air toileachas na h-òige, òrain èibhinn, òrain dhan iomain, òrain dhòchasach mun àm ri teachd dha na Gàidheil agus, gu h-àraidh, òrain air borbachd nam Fuadaichean.

Thill Màiri Mhòr dhan Eilean Sgitheanach sna 1880an, mar Bhàrd Strì an Fhearainn. Bha na h-òrain aice a’ tarraing sluagh mòr gus na croitearan a bhrosnachadh seasamh an aghaidh dol-às nan uachdaran. 

Tòisichidh cùisean Diardaoin 20 Sultain ann an Àros am Port Rìgh le dealbh-chluich dà-chànanach a sgrìobh am Buidheann Taigh-cluiche, Uiseag, mu bheatha Màiri Mhòr nan Òran. A’ gabhail pàirt bidh na cluicheadairean bho Ionad Stòrasan Thigh na Drochaid le taic bho chluicheadairean is luchd-ciùil na sgìre còmhla ris a’ Pharagon Ensemble.  Bidh e a’ tòiseachadh aig 7.30f, agus bidh Cèilidh ann às a dhèidh.

Dihaoine 21 Sultain, bheir an t-Oll. Dòmhnall Meek seachad òraid mu a beatha is mu a h-obair. Bidh Fiona NicCoinnich, Òraidiche Màiri Mhòr aig Comhairle na Gàidhealtachd a’ seinn cuid de na h-òrain aice. Nochdar cuideachd dealbh de Mhàiri Mhòr, le  Fred Schley às an Òlaind, a chaidh a choimiseanadh o chionn ghoirid.  Tòisichidh an oidhche ann an Àros aig 7.30f agus bidh e an asgaidh.
Disathairne 22 Sultain bidh cothrom air cuairt an asgaidh còmhla ri neach-raoin Chomhairle na Gàidhealtachd. Bidh a’ chuairt a’ tadhal air àitean a bha measail aig Màiri Mhòr mar a dachaigh ann an Sgèabost. Nochdar clàr-cuimhneachaidh ann an Taigh-òsta Rosedale. Bidh bus beag a’ fàgail Pàirc nan Càraichean aig Àrdsgoil Phort Rìgh aig 10m agus gheibhear grèim beag lòin. Tha àite air a’ chuairt an asgaidh ach bu chòir a ghleidheadh ro làimh le fònadh Iain Phillips air 01471 822905. 

Thig an comharrachadh gu crìch aig consairt oidhche Shathairne ann an Talla Cruinneachaidh an Eilein Sgitheanaich ann am Port Rìgh. An làthair bidh  Artair MacArmaig, Màiri Anna NicUalraig, Magaidh Dhòmhnallach, Anna Mhàrtainn, Seumas Ros, Irvin Duguid, Fiona NicCoinnich, Ronan Màrtainn, Còisir Gàidhlig an t-Srath, oileanaich à Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd agus Steve Gwyn Davies.  Tha ticeadan ann an Ionad Frithealaidh Phort Rìgh. 

Chaidh an comharrachadh seo a chur air dòigh le Comhairle na Gàidhealtachd le taic bho Iomairt an Eilein is Rois an Iar, Bòrd na Gàidhlig agus Dualchas.
Thuirt Cathraiche Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Hamish Friseal:“Tha ‘Moch ’s mi ’g Èirigh …’ a’ comharrachadh beatha is obair cuideigin a chuir gu mòr ri dualchas na Gàidhealtachd, gu h-àraidh san Eilean Sgitheanach. Tha e na eisimpleir air modh-obrach math a bheir còmhla daoine de gach aois is comas, an cànan, an dualchas is an àrainneachd. Tha àite sònraichte aca uile ann a bhith a’ cur na Gàidhlig aig cridhe chùisean sa choimhearsnachd. Tha dreachd Plana Gàidhlig na Comhairle ag amass, agus a’ stèidheachadh thargaidean, gus seo a choileanadh.  Tha sinn airson cothroman air a’ Ghàidhlig a chleachdadh sa choimhearsanachd a chur am meud agus sin a dhèanamh ann an dòigh phractaigich.”

CRÌOCH

12 Sep 2007