Fìdhlearan Cheap Bhreatainn Ann An Taigh A’ Bhaile

 
Read this in English

Bha Taigh a’ Bhaile ann an Inbhir Nis làn le ceòl fìdhle nuair a nochd 91 neach-ciùil à Ceap Bhreatainn ann an Alba Nuadh air an àrd ùrlar an lùib follaiseachd co-cheangailte ri Meòrachan Aonta (MoU) eadar a’ Ghàidhealtachd a gus roinn Cheap Bhreatainn  ann an Canada.
 
Chuir an Comhairliche Bob Wynd fàilte orra dhan Ghàidhealtachd agus an uair sin rinn Cathraiche Comataidh Ghàidhlig na Comhairle taisbeanadh goirid mun MoU.  Chuir a’ Chomhairle agus Riaghladh Roinneil Alba Nuaidh an ainm ris an aonta ann an 2002. ’S e aonta a th’ ann a tha a’ togail air na ceanglaichean cànain, dàimh is dualchais a tha eadar an dà sgìre.  
 
Thuirt Burton Mac an t-Saoir, às leth luchd-ciùil Cheap Bhreatainn, gun robh am buidheann toilichte a bhith a’ tadhal air a’ Ghàidhealtachd. Thug e taing do Cho-òrdanaiche a’ Chiùil Thraidiseanta aig a’ Chomhairle, Margo Nic Illinnein  agus Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Mòrag Anna NicLeòid, airson an fhàilte chridheil a chur air dòigh às leth Buill Cathair-bhaile Inbhir Nis. 
 
Chuala na bha an làthair an uair sin luchd-ciùil òg às a’ Ghàidhealtachd, a bhios a’ cluich fad an t-samhraidh fon ainm na Caledonian Canal Ceilidh Trailers, còmhla ri feadhainn bho chlasaichean a’ chiùil thraidiseanta. An dèidh sin, chaidh  91 fìdhlear à Ceap Bhreatainn air an àrd ùrlar agus lìon iad an t-àite le ceòl beòthail. 

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal: “Tha sinn toilichte fàilte a chur air luchd-ciùil tàlantach mar seo dhan Ghàidhealtachd agus seo a=2 0chleachdadh gu bhith a’ brosnachadh MoU a’ toirt iomradh air na ceanglaichean a tha eadar an dà sgìre gus taic a chur ris a’ Ghàidhlig agus a dualchas air dà thaobh a’ chuain. Tha sinn ag aithneachadh gu bheil ceangal gun shamhail eadar na sgìrean Gàidhlig ann an Alba is ann an Alba Nuadh air sgàth  cànain, dualchais, theaghlaichean is eilthireachd. Tha ceanglaichean ùra gan stèidheachadh co-cheangailte ri dualchas, turasachd is cùisean eaconamach.
 
Tha Kelly Krawchuck à Ceap Bhreatainn, a tha an seo an-diugh, na h-eisimpleir dhen chaidreachas seo agus tha i air a bhith ag obair ann an sgoiltean Loch Abar a’ ceangal nan sgilean ceàird aice ris a’ Ghàidhlig agus ag innse dhan òigridh mun dòigh-beatha ann an Ceap Bhreatainn. Fhuair an òigridh buannachd mhòr on eòlas agus on fhiosrachadh aice.” 
 
Fhuair na fìdhlearan cuireadh port a chluich a-nochd còmhla ri Fìdhlearan Inbhir Nis ann an Talla Eaglais Bhruaich na h-Aibhne aig 8 uairean. Bidh iad a’ gabhail cuairt timcheall na sgìre mus tog iad orra a dh’Uibhist gu Cèolas.”
 
A’ CHRÌOCH
 
 

21 Jul 2008