Leabhar nan Gàidheal Òga A’ dol air Bhog
Madainn an-diugh (Dihaoine 6 An t-Ògmhios), ann an Taigh a’ Bhaile an Inbhir Nis, chaidh leabhar ùr a chur air bhog le obair a rinn sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Chaidh na dealbhan san leabhar a dhèanamh le sgoilearan air feadh na Gàidhealtachd. A’ gabhail pàirt air an latha bha sgoilearan bun-sgoile agus àrd-sgoile às a’ Ghearasdan, Malaig, Ath Tharracaill, Ulapul, Baile Ùr an t-Slèibh, Inbhir Nis agus Inbhir Pheofharain.
Leugh feadhainn dhe na h-ùghdaran òga pàirt dhen obair aca agus bha an obair ealain aig feadhainn eile a’ nochdadh ann an taisbeanadh.
Seo a’ chiad leabhar a chaidh fhoillseachadh sa Ghàidhlig le òigridh às a’ Ghàidhealtachd. Tha e mar thoradh air pròiseact a chaidh a chur air dòigh le Comhairle nan Leabhraichean, Oifigear Leasachaidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd agus Co-òrdanaiche Cultarail Sgoiltean an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse. Fhuair am pròiseact maoineachadh bho Chomhairle na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig, Leader+ agus GASD.
Bhe e cudromach dhan phròiseact gun robh co-obrachadh eadar ùghdaran Gàidhlig agus an òigridh. Thadhail na h-ùghdaran air sgoiltean na Gàidhealtachd agus rinn iad ceàrdlainn còmhla ri na sgoilearan gus am brosnachadh. Bha na h-ùghdaran Aonghas Pàdraig Caimbeul, Mòrag Stiùbhart, Iain Fionnlagh MacLeòid, Lisa Storey, Catriona Lexy Chaimbeul agus Rody Gorman ag obair ann am bun-sgoiltean agus àrd-sgoiltean le sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig eadar Ath Tharracaill is Alanais, agus Inbhir Pheofharain is Dùn Bheagain.
Chaidh mòran a sgrìobhadh agus chaidh a’ chuid a b’ fheàrr a thaghadh agus a dheasachadh airson an leabhair le Co-òrdanaiche a’ Phròiseict. Bha seo cudromach gu bhith a’ sealltainn mar a tha àite aig a h-uile duine ann a bhith a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig agus a dualchas.
Thauirt John Storey bho Chomhairle nan Leabhraichean: "Tha taic bho na h-ùghdarrasan ionadail agus barrachd maoineachaidh riatanach ach an tèid againn air ùghdaran Gàidhlig a bhrosnachadh airson an àm ri teachd.
Feumaidh sinn a-nis modh-obrach a stèidheachadh gus nach e rud a bhios ann an Leabhar nan Gàidheal Òga nach nochd ach aon turas airson gum faigh sgrìobhaichean Gàidhlig cothrom air a bhith a’ dèanamh ceangal ri òigridh sna sgoiltean agus sgrìobhadh ùr a bhrosnachadh.
’S dòcha gun toir soirbheachadh Leabhar nan Gàidheal Òga, agus an t-iarrtas mòr a th’ ann airson ùghdaran Gàidhlig sna sgoiltean, brosnachadh dha na h-ùghdarrasan ionadail, Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Leabhraichean gu bhith a’ dèanamh barrachd. Feumaidh litreachas Gàidhlig a bhith aig cridhe oideachadh ar n-òigridh.”
Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha Leabhar nan Gàidheal Òga na dheagh eisimpleir air mar a ghabhas obair sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a bhith air fhoillseachadh ann an cruth tarraingeach. Chan e a-mhàin gu bheil an sgrìobhadh ann an leabhar dathach ach tha e cuideachd ri fhaotainn air CD. Bidh e mar sin feumail do luchd-teagaisg airson a chleachdadh le teicneòlas mar bùird-dealain.
“Tha leasachadh dhen t-seòrsa seo mar phàirt de dh’amasan Plana na Gàidhlig a dhaingnich Bòrd na Gàidhlig o chionn ghoirid. Tha mi toilichte gu bheil an òigridh ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ faighinn cothrom pàirt a ghabhail ann am pròiseact mar seo agus gu bheil an obair ealain a’ dol cho math leis an sgrìobhadh. Tha e follaiseach gun robh òigridh aig cridhe an leabhair seo.”
Thuirt Aonghas Pàdraig Caimbeul, ùghdar aig a bheil clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig: “B’ e pròiseact taitneach a bha an seo, ag obrachadh còmhla ri Gàidheil òga le tàlant agus miann airson sgrìobhadh. Saoilidh mise gum bu chòir an aon inbhe a bhith aig litreachas ann an sgoiltean na Gàidhealtachd ’s a tha aig ceòl. Cho fada ’s as aithne dhomh, tha oide-ciùil a’ tadhal nan sgoiltean gach seachdain agus, ma tha sinn dha-rìribh airson sgrìobhadh Gàidhlig a bhrosnachadh, bu chòir dhuinn an aon chuideam a chur air sgrìobhaichean proifeiseanta a bhith a’ tadhal. Tha mi deimhinn gun cuireadh an òigridh luach air agus gum faigheadh iad buannachd mhòr bho thaic is oideachadh litearra dhen t-seòrsa sin. Cha dèan math dhuinn leantainn oirnn a’ coimhead air ar cànan agus litreachas mar rudan nach eil cho math ri ceòl is cultar.”
Tha iarraidh mhòr ann airson àite nas motha a bhith aig litreachas Gàidhlig ann am foghlam Gàidhlig, a rèir sgrùdadh a rinneadh mar phàirt dhen phròiseact. Rinn Johan Byrne, Co-òrdanaiche Pròiseact Leabhar nan Gàidheal Òga rannsachadh air sgoiltean. Thuirt a h-uile gin a fhreagair fios gum bu mhath leotha barrachd co-obrachaidh le ùghdaran Gàidhlig agus barrachd phròiseactan mar seo a leasachadh a bhiodh a’ gabhail a-steach ùghdaran a’ tadhal air sgoiltean. Bu mhath le 50% dhe na sgoiltean san rannsachadh ùghdar Gàidhlig tadhal orra uair gach teirm agus thuirt 20% gum biodh dà thadhal sa bhliadhna feumail. Bha 20 % de sgoiltean ag iarraidh bloc de thadhail ùghdaran ann an aon teirm agus thuirt 10% gum biodh tadhal uair sa bhliadhna feumail.
Bidh Leabhar nan Gàidheal Òga a-nis ri fhaotainn an sgoiltean is leabharlainn air feadh na Gàidhealtachd agus bho Chomhairle nan Leabhraichean.