Leasachadh Ceàird - Gàidhealtachd Alba is Alba Nuadh

Bidh neach-ceàird às a’ Ghàidhealtachd a’ pacaigeadh agus a’ togail oirre a Cheap Bhreatainn a dhèanamh obair  neach-ceàird  air taobh thall a’ chuain airson greis agus bidh cuideigin às an sin a’ gabhail na h-obrach aicese an seo. 

Thagh sgoilearan às Acadamaidh Dalbrae ann an Alba Nuadh Beth Legg à Gallaibh, sàr neach-seudraidh ann an Alba an-diugh, airson a dhol a dh’obair còmhla riutha. Aig an aon àm dh’iarr sgoilearan à Àrdsgoil Àrd nam Murchan air Kelly Krawchuck,  a tha ri iomadh ceàird agus na h-oileanach ann an Gàidhlig, beul-aithris is bith-eòlas ann an Ceap Bhreatainn, tighinn còmhla riutha sa Chèitean agus san Ògmhios.

Chaidh am pròiseact, a mhaireas dà mhìos, a chur air dòigh le Comhairle na Gàidhealtachd agus Roinn Alba Nuaidh mar phàirt dhen Mheòrachan Tuigse. Tha e a’ leantainn on phrògram shoirbheachail ‘Iomlaid Ceàirde na Gàidhealtachd’ a bha a’ ruith ann an ochd sgìrean sa Ghàidhealtachd eadar 2004 agus 2007.

Bidh cothrom aig an dithis an obair aca a leasachadh san àite-obrach ùr agus bidh cuairt leis an obair seo san dà dhùthaich. Tha a’ Ghàidhlig mar phàirt dhen phrògram agus bidh an luchd-ceàird air am brosnachadh gu bhith a’ leudachadh nan sgilean cànain aca le bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig cho tric ’s a ghabhas. Bidh sgoilearan san dà dhùthaich a’ measadh na h-iomlaid agus bidh iad a’ conaltradh air an eadar-lìon. 

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig na Comhairle: “Tha mi uabhasach toilichte gun urrainn dhuinn iomlaid mar seo a dhèanamh tron Mheòrachan Tuigse eadar a’ Chomhairle agus Roinn Alba Nuaidh, gu h-àraidh seach gu bheil uiread de rudan ann a tha mar uallach air a’ Chomhairle leithid na Gàidhlig, ceàird/ealain agus taisbeanaidhean. Tha am pròiseact seo na dheagh eisimpleir air na rudan sin a’ tighinn còmhla a chum maith òigridh ann an Àrd nam Murchan agus an Dalbrae an Ceap Bhreatainn. Tha mi a’ guidhe gach soirbheachaidh dhan dithis sa Phrògram Iomlaid.” 

Thuirt Co-òrdanaiche Pròiseact na Gàidhealtachd, Pamela Conacher: “An t-seachdain seo chaidh thàinig dà bhuidheann òigridh ann an Acadamaidh Dalbrae agus Àrdsgoil Àrd nam Murchan còmhla tro cheangal bhidio gus luchd-ceàird a thaghadh airson na h-iomlaid a mhaireas 60 latha. Tro chòmhradh agus le bhith a’ gabhail pàirt san agallamh, thagh iad an neach-ealain aodaich, Kelly Krawchuk, airson tighinn dhan Ghàidhealtachd agus an neach-seudraidh, Beth Legg, airson a dhol a dh’Alba Nuadh.  

“Tha cothrom aig an òigridh a bhith an sàs sa phròiseact o thùs gu èis. Chòrd an agallamh riutha agus tha fadachd orra a-nis gus an tòisich an iomlaid nuair a bhios iad a’ cuideachadh le ruith a’ phrògram.”    
Thuirt Beth Legg: “’S e fìor chothrom a tha seo dhomh airson obair ùr a leasachadh agus airson smuaintean is stuthan fheuchainn a-mach ann an sgoil. Tha mi an dòchas gum faigh mi air beachdachadh air sgeòil bhon dualchas Ghàidhlig san dà dhùthaich agus air dualchas ceàird ann an Alba Nuadh agus sa Ghàidhealtachd. Ach a bharrachd air an sin, bheir e cothrom dhomh a bhith ann an coimhearsnachd le ceangal làidir ris an àite san do dh’fhàs mi suas agus tha mi a’ coimhead air adhart ris gu mòr.” 
 
Thuirt Eric Favaro, Co-òrdanaiche a’ Phròiseict ann an Ceap Bhreatainn, “Tha na sgoilearan ann an Acadamaidh Dalbrae, a tha a’ riaghladh a’ phròiseict, air mòran ionnsachadh tro bhith a’ planadh airson Iomlaid Còmhnaidh nan Ceàrd. Tha iad ag ionnsachadh sgilean cudromach a bheir barrachd tuigse dhaibh air obair ann an gnìomhachasan dualchais. Bidh e na bhuannachd dha na h-oileanaich gu lèir Beth Legg a bhith an seo, agus cuiridh luchd-ealain is luchd-ceàird sa choimhearsnachd fàilte oirre a thaobh còmhradh air smuaintean is beachdan.”

Tha Kelly Krawchuck a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair ann an Loch Abar. Bha ùidh aice ann an obair-làimhe bho bha i òg agus tha Kelly air na sgilean aice  a leasachadh ann am fighe beairt is làimhe, fuaigheal, dath, togail dhealbhan didsiotach agus dealbhan làraich-lìn a bharrachd air ùidh ann an saidheans bith-eòlais, dualchas na Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd. 

Thuirt i: “Tha seo na dheagh àm airson a bhith an sàs ann am prògram mar seo. Tha rannsachadh ceàirde a’ toirt cothrom do dh’ oileanaich ionnsachadh mun dualchas ann an dòigh ùir. Le bhith a’ tighinn còmhla, comharraichidh sinn an dualchas a bhuineas dhuinn uile agus obraichidh sinn a dh’ionnsaigh seasmhachd a thaobh dualchas na Gàidhlig, ceàird agus ar coimhearsnachdan fhèin.” 

CRÌOCH

 

17 Mar 2008