A’ Trèanadh Oidean Gàidhlig

An t-seachdain seo, tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a’ cumail trèanadh bogaidh sònraichte do dh’oidean Gàidhlig ann am Port Rìgh, le 12 air a’ chiad chùrsa.

Chuir Shona Paterson, Oifigear Coimhearsnachd is Leasachaidh (Gàidhlig) san Eilean Sgitheanach is Loch Aillse an cùrsa Ùlpan air dòigh ann an Tigh na Sgire.  Thuirt i: “Tha Ùlpan na dhòigh luath is èifeachdach air cànan ionnsachadh. Tha e air obrachadh uabhasach math ann an Israel, far an do thòisich e, agus sa Chuimrigh.”

“Seach gu bheil Ùlpan na dhòigh teagaisg ùr, feumaidh oidean trèanadh is teisteanas fhaighinn. Tha Clì Gàidhlig ag obair còmhla ri Deiseal Earranta gus seo a dhèanamh. Chaidh an companaidh Deiseal a stèidheachadh le Dàibhidh Grannd agus Guto Rhys, a tha le chèile nan oidean is nan eòlaichean cànain, gus an siostam Cuimreach a dhèanamh freagarrach air a’ Ghàidhlig.” 

Tha a’ chiad chùrsa a’ toirt eòlas dha na h-oidean air modh-teagaisg Ùlpan, na prìomh sgilean agus an cùmhnant a th’ aca còmhla ri Deiseal Earranta.

Thar sia latha bidh na h-oidean a’ dol eadar a bhith a’ teagasg oileanaich agus a’ gabhail pàirt ann an ceàrdlainn far am bi iad ag ionnsachadh mu ghràmar bunaiteach, dualchainntean na Gàidhlig, teagasg fuaimneachaidh agus riaghladh bhuidhnean. Tha cothrom ann cuideachd measadh a dhèanamh air oidean eile a tha a’ trèanadh.

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha e na amas aig Dreachd Plana Gàidhlig na Comhairle cothroman a thoirt do luchd-obrach agus do bhuill na Comhairle a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus ’s e Ùlpan aon dòigh air seo a dhèanamh.

“Tha Ùlpan math do dhaoine a tha airson a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig le misneachd, leithid feadhainn a tha a’ cur feum air Gàidhlig nan obair, pàrantan aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, feadhainn a tha air gluasad gu coimhearsnachd Ghàidhlig agus luchd-fastaidh a tha airson trèanadh a dhèanamh taobh a-staigh a’ chompanaidh. Bu chòir ionnsachadh a bhith spòrsail agus tha mi dhen bheachd gu bheil Ùlpan spòrsail agus buannachdail dhan luchd-ionnsachaidh agus dhan luchd-teagaisg oir tha daoine a’ dèanamh adhartas agus a’ fàs misneachdail seachdain an dèidh seachdain.” 

Thuirt Daibhidh Grant, Stiùiriche Deiseal Earranta, luchd-leasachaidh Ùlpan: “Tha an cùrsa seo air leth math do dhaoine a tha dìreach a’ tòiseachadh ag ionnsachadh ach tha e feumail cuideachd do dhaoine le deagh sgilean leughaidh is sgrìobhaidh sa Ghàidhlig ach nach eil a’ tuigsinn no a’ bruidhinn. Tha e a’ tarraing a h-uile càil ri chèile.” 

CRÌOCH
Airson tuilleadh fiosrachaidh;

Cuir fios gu Shona Paterson – Oifigear Coimhearsnachd is Leasachaidh (Gàidhlig) 01478 614058 Shona.Paterson@highland.gov.uk


29 Apr 2008