Fàilte Ghàidhealach air Neach-ceàird à Ceap Bhreatainn

Read this in English

Tha Beth Legg, neach-ceàird às a’ Ghàidhealtachd, a thagh sgoilearan à Acadamaidh Dalbrae ann am Mabou ann an Alba Nuadh, a-nis ann an Ceap Bhreatainn. Aig an aon àm bidh Kelly Krawchuck à Sydney, ann an Ceap Bhreatainn, a’ tighinn dhan Ghàidhealtachd Dihaoine, 9 An Cèitean an dèidh cuireadh bho sgoilearan ann an Àrd-sgoil Àrd na Murchainn. Bidh Kelly ri iomadh ceàird, a bharrachd air a bhith na h-oileanach ann an Gàidhlig, beul-aithris agus bith-eòlas.. Bidh i ann an Loch Abar gu deireadh an Òg-mhios.  

Le taic, comhairle is cuideachadh bho Oifigich na Comhairle agus Co-òrdanaiche a’ Chòmhnaidh Ceàirde, tha coimhearsnachd Àrd na Murchainn agus sgoiltean na sgìre a’ cur Fàilte air dòigh air sgàth Kelly a bhith a’ tighinn dhan sgìre. Cuirear Fàilte oirre ann an Àrainn Shuaineirt agus ’s e Comhairliche na Sgìre, Michael Foxley am  Fear an Taighe a bhios ann.  Am measg na bhios a’ dol air adhart, bidh luchd-ciùil òg às an sgìre a’ cluich, bidh taisbeanadh de dh’ ealan chloinne ann, biadh is deoch às an sgìre agus taisbeanadh a rinn Kelly mu deidhinn fhèin agus an obair-cheàird aice. 

Chaidh am pròiseact seo, a mhaireas dà mhìos, a chur air dòigh le Comhairle na Gàidhealtachd agus Roinn Alba Nuaidh, mar phàirt dhen Aonta Thuigse. Tha e a’ togail air a’ phrògram a bh’ ann roimhe airson Iomlaid Ceàird sa Ghàidhealtachd a chaidh air adhart ann an ochd sgìrean sa Ghàidhealtachd eadar    2004 is 2007.

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh na Gàidhlig air a’ Chomhairle: “Tha mi toilichte gun urrainn dhuinn, tron Aonta Thuigse eadar a’ Chomhairle agus Roinn Alba Nuaidh, am prògram seo a chur air dòigh agus gu bheil e a’ còmhdach uiread dhe na rudan a tha fo dhleastanas na Comhairle, mar a’ Ghàidhlig, ceàird/ealain agus taisbeanaidhean. Tha am pròiseact seo na dheagh eisimpleir air mar a tha na nithean sin a’ tighinn còmhla a chum buannachd òigridh ann an Àrd na Murchainn sa Ghàidhealtachd agus ann an Dalbrae ann an Ceap Bhreatainn. Tha mi a’ guidhe soirbheachas dhaibh le chèile agus dhan h-uile duine a tha a’ gabhail pàirt sa Phrògram Iomlaid.” 

Bidh cothrom aig an dithis neach-ceàird air an obair aca a leasachadh san àrainn ùir aca agus bidh an obair seo a’ dol air chuairt anns an dà dhùthaich. Tha a’ Ghàidhlig bunaiteach sa phròiseact, agus bheirear brosnachadh dhan luchd-ceàird na sgilean cànain aca a leasachadh le bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig nuair as urrainn dhaibh. Bidh sgoilearan san dà dhùthaich a’ measadh agus a’ cumail sùil air cùisean san dà dhùthaich agus nì iad conaltradh ri chèile air an eadar-lìon. 

Thuirt Kelly Krawchuck: “Tha mi fortanach gun d’fhuair mi an cothrom tighinn dhan Ghàidhealtachd, agus gum bi mi ag obarachadh còmhla ri sgoilearan is muinntir an àite gus piseach a thoirt air na sgilean agam ann am breabadaireachd, fighe, fuaigheal, dath agus meadhanan ùra mar dealbhadh didsiotach is dealbhadh-lìn còmhla ris an ùidh a th’ agam sa Ghàidhlig agus a dualchas.”  

CRÌOCH

8 May 2008