A’ Chiadh Aonad Gàidhlig an Gallaibh

Read this in English

Tha a’ chiad Aonad Gàidhlig gu bhith a’ fosgladh ann an Gallaibh san Lùnastal. Bidh e ann am Bun-sgoil na Peighinn ann an Inbhir Theòrsa, far a bheil àite gu leòr dhan aonad ùr. 

Tha Comhairle na Gàidhealtachd an-dràsta a’ sireadh neach-teagaisg dhan aonad agus tha dòchas gun cuirear cuideigin an dreuchd an ath mhìos. 

Thèid sgoilearan air adhart gu Bun-sgoil na Peighinn an dèidh dhaibh a bhith san sgoil-àraich ann am Bun-sgoil Mount Pleasant, ann an Inbhir Theòrsa. Bidh an sgoil-àraich fhathast an sin.

Bha an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, sa chathair aig coinneamh ann am Bun-sgoil na Peighinn oidhche Chiadain. Bha pàrantan agus luchd-obrach Cròileagan Inbhir Theòrsa an làthair agus, cuideachd, an Comhairliche Bill Fernie, Cathraiche Comataidh Foghlaim, Cultar is Spòrs na Comhairle, Hugh Fraser, Stiùiriche Foghlaim, Cultar is Spòrs agus Graham Nichols, Stiùiriche Sgìreil Foghlaim, Cultar is Spòrs . 

Thuirt e: “Chaidh a’ choinneamh a chumail gus bruidhinn air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig an dèidh iarrtasan bho phàrantan. Bha naoinear phàrantan ag iarraidh seo agus chaidh rannsachadh a dhèanamh gus àite a lorg ann am bun-sgoil ann an Inbhir Theòrsa anns am biodh àite gu leòr san àm ri teachd cuideachd. Chaidh innse dha na pàrantan gu bheil a’ Chomhairle air an cùl agus gu bheil àite ann am Bun-sgoil na Peighinn. 

“Tha mi toilichte mun seo agus tha mi dhen bheachd gur e ceum mòr a tha seo agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ tilleadh ann an 2010 gus clan fhaicinn a’ gabhail pàirt sa Mhòd Rìoghail Nàiseanta.”

-Crìoch-

12 May 2008