A’ gluasad Plana na Gàidhlig air Adhart

Read this in English

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air Manaidsear Leasachaidh ùr airson na Gàidhlig fhastadh gus a bhith air ceann adhartachadh na Gàidhlig agus a dualchais.  Is esan Dòmhnall MacNèill, a tha fileanta sa Ghàidhlig agus aig a bheil eòlas farsaing san roinn phoblaich agus sna meadhanan. Thogadh e ann an teaghlach Gàidhlig ann an Inbhir Nis agus bha e ann am Bun-sgoil a’ Chrùin agus ann an Acadamaidh Allt na Muilne mus deach e a dh’Oilthigh Ghlaschu.  

Thug e deich bliadhna ag obair sna meadhanan craolaidh (1988-1998) – ann an rèidio agus telebhisean  – agus bha a’ mhòr-chuid dhen obair aige sa Ghàidhlig. Bha seo a’ gabhail a-steach obair aig BBC Radio nan Gàidheal (Inbhir Nis), Telebhisean Grampian (Obar Dheathain & Inbhir Nis) agus Telebhisean na h-Alba (Glaschu).
 
On uair sin, fhuair Dòmhnall eòlas air obair leasachaidh san roinn phoblaich aig Iomairt na Gàidhealtachd is nan eilean. Bha e an toiseach ag obair ann an dàimh phoblach is na meadhanan ach, mu dheireadh, bha e an urra ri tasgadh ann an lìonra còmhdhail na sgìre. 
 
Thuirt Dòmhnall: “Tha mi a’ coimhead air adhart gu mòr ri bhith a’ dol an sàs san obair seo. Chan eil teagamh nach eil a’ Ghàidhlig bunaiteach dhan Ghàidhealtachd agus gur e sin a tha ga dèanamh cho sònraichte. Tha i na pàirt bhunaitich de dhualchas na sgìre ach tha i cuideachd a’ cur gu mòr ri eaconamaidh is beatha na sgìre san  21d  linn.  Tha an comas aig Plana Cànain na Comhairle air inbhe a’ chànain a chur am meud sna trì no ceithir bhliadhnaichen a tha romhainn.”
 
Tha Planaichean Leasachaidh na Gàidhlig ag èirigh bho Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus bha Comhairle na Gàidhealtachd air fear de na ciad bhuidhnean poblach  le dleastanas plana a dhealbhadh. Thathar an dòchas gun tèid seo a dhaingneachadh gu foirmeil a dh’aithghearr agus gun tòisich obair leasachaidh an uair sin.  Tha am Plana farsaing na amasan agus tha e san amharc gun tèid cleachdadh na Gàidhlig a dhaingneachadh agus a leasachadh thar gach seirbheis sa Chomhairle, eadar foghlam is soidhnichean rathaid, agus a’ brosnachadh  a bhith ga cleachdadh san dachaigh agus sa choimhearsnachd gus gum bi i a’ cur barrachd ri cùisean cultarail agus ri na h-ealain.

Chuir an Comhairliche Neo-eisimeileach, Hamish Friseal fàilte air an dreuchd.
Thuirt e: “Tha eachdraidh is eòlas aig Mgr MacNèill an dà chuid sna meadhanan agus san roinn phoblaich agus, mar sin, bidh e math airson am plana a chur air adhart às leth na Comhairle. Gheibh e làn taic o Chomataidh na Gàidhlig agus o oifigearan na Comhairle gu bhith a’ cur plana cothromach an gnìomh. Le bhith a’ cur Mhgr MacNèill an dreuchd, tha e a’ sealltainn dealas na Comhairle a thaobh taic is brosnachadh do chànan is do dhualchas na Gàidhealtachd, gu h-àraidh a thaobh foghlaim, ar
n-òigridh agus ar coimhearsnachdan.” 

-crìoch-

12 May 2008