Urram Do Ghaisgeach Gàidhlig Inbhir Pheofharain

Read this in English

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ dol a bhuileachadh Saorsa Rois is Chrombaidh air fear à Inbhir Pheofharain a chuir seachad a’ mhòr-chuid dhe bheatha an lùib ceòl is còisirean Gàidhlig.  

Tha spèis aig daoine air feadh na Gàidhealtachd do Mhgr James Hamilton (Hamish) Menzies airson na rinn e às leth Còisir Gàidhlig Inbhir Pheofharain airson faisg air 35 bliadhna. Nuair a leig e dheth a dhreuchd, b’ e an stiùiriche a b’ fhaide a bh’ air ceann còisir Gàidhlig ann an Alba.  

Rugadh Mgr Menzies ann an Cataibh agus thogadh e ann am Brùra. Ghabh e ann am Feachd an Adhair nuair a bha e 17. Nuair e thill e dhachaigh, thòisich e a’ cluich an òrgain agus a’ stiùireadh a’ chòisir ann an Eaglais Chlìn. Bha e cuideachd a’ stiùireadh a’ chòisir Ghàidhlig sa bhaile.

Nuair a phòs e ann an 1969, ghluais e dh’Inbhir Pheofharain. Thòisich e a’ seinn sa chòisir an sin. 

Ann an 1973 ghabh e dreuchd an stiùiriche agus shoirbhich gu mòr leis a’ chòisir. Chaidh iad air adhart gu bhith a’ gabhail pàirt ann am prìomh fharpais nan còisirean ann an 1977 agus bhuannaich iad Sgiath MhicShimidh is Thullaich Bhàrdain a’ chiad turas a dh’fheuch iad. Bhuannaich an còisir iomadh duais fo stiùireadh. Ann an  2003 aig a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta san Òban, bhuannaich an còisir a h-uile farpais san robh iad agus fhuair iad an comharra a b’ àirde airson ceòl.

Thuirt an Comhairliche Margaret Paterson, Roinn Inbhir Pheofharain is Shìophoirt gur ann ainneamh a bha an t-urram seo ga chur air duine ach gun robh Mgr Menzies fìor airidh air. Thuirt i: “Tha mi uabhasach toilichte airson Hamish. Chuir e gu mòr ri coimhearsnachd Inbhir Pheofharain, agus gu h-àraidh ri Còisir Gàidhlig Inbhir Pheofharain nuair a bha e ga stiùireadh. Tha e dha-rìribh airidh air  an urram seo.”

Bheirear seachad an duais ann an Inbhir Pheofharain dìreach ron Mhòd Nàiseanta a chumar san Eaglais Bhric san Dàmhair. 
 
                                                              CRÌOCH

Not do Luchd-deasachaidh:

Fo Earrann 13 de Achd an Riaghaltais Ionadail (Alba) 1994, faodaidh ùghdarras ionadail saorsa a bhuileachadh air daoine san sgìre aca a thug seachad sàr sheirbheis.  

 

19 May 2008