FÈIS BLAS A’ CUR PRÒGRAM 2008 AIR BHOG

Read this in English

FÈIS BLAS A’ CUR PRÒGRAM 2008 AIR BHOG

Tha an fhèis le Gàidhlig is ceòl traidiseanta as luaithe a tha a’ fàs ann am Breatainn a’ sgaoileadh a sgiathan mar phàirt de 2008. Tha Fèis Blas air innse gum bi iad a’ cur 45 nì air chois air feadh na Gàidhealtachd, nam measg ‘an taisbeanadh as àirde’ san ionad ‘as lugha’ – itealan Cessna a’ sgèith aig 3000 troigh thairis air an sgìre.

Bidh luchd-ciùil às an dùthaich seo fhèin agus à dùthchannan eile aig Fèis Blas eadar an 5mh– 13mh dhen t-Sultain. Bidh aon duine a’ dèanamh taisbeanadh annasach ann an Cessna bho Sgoil Sgèith na Gàidhealtachd agus pìleat. Tha an fhèis a’ cumail farpais airson neach a sgèitheas thairis air a’ Ghàidhealtachd fhad
’s a mhealas e beagan de dh’eachdraidh ciùil na sgìre on fhìdhlear ainmeil, Bruce MacGregor. Bidh e fiù ’s a’ cluich port no dhà às a’ Ghàidhealtachd san taisbeanadh seo. 
 
Tha iomadh nì cudromach eile a’ nochdadh ann am prògram 2008 a tha a’ toirt taic do dhealas na fèis a thaobh na Gàidhlig agus na ceanglaichean ri Ceap Bhreatainn. Nam measg tha consairt le na Chieftains, a tha barraichte mar luchd-ciùil ann an Èirinn. A’ stiùireadh a’ chòmhlain, a choisinn sia duaisean Grammy, bidh am prìomh fhear-ciùil, Paddy Moloney. Bidh iomadh aoigh còmhla riutha air an àrd-ùrlar, nam measg na bràithrean à Canada, Jon and Nathan Pilatzke, a nì dannsa is
lùth-chleasan.

Cuideachd aig Blas, bidh Phil Cunningham, aig a bheil cliù airson dòigh nuadhasach air cluich a’ bhogsa, agus Aly Bain, aig a bheil ainm mar shàr fhìdhlear traidiseanta. Bidh JP Cormier à Ceap Bhreatainn, a tha ainmeil airson a bhith a’ cluich iomadh inneal agus airson sgrìobhadh is cluiche ciùil, a’ nochdadh cuideachd. A’ cumail taic ris air a’ phiàna, bidh a bhean, Hilda Chiasson-Cormier.

A bharrachd orrasan, bidh am prìomh chòmhlan Èireannach-Ameireaganach Cherish the Ladies agus, à Alba, The Peatbog Faeries, Julie Fowlis, Alyth agus Shooglenifty.

Thuirt Stiùiriche na Fèis, Donna NicRath: “Tha Blas na bliadhna seo blasta dha-rìribh. Seo an ceathramh bliadhna againn agus bidh am prògram a’ còmhdach ceòl, Gàidhlig, biadh agus ceàrdlainn a bheir neart do dhualchas na sgìre.

“Tha Blas a’ comharrachadh na Gàidhealtachd agus a’ toirt cothrom dha na coimhearsnachdan ceòl beò a mhealtainn. Tha e a’ toirt cothrom do luchd-ciùil òg, a’ mhòr-chuid a tha air tighinn bho na Fèisean, ionnsachadh bho shàr chluicheadairean traidiseanta. Tha farpais gun shamhail againn gus an fhèis a chur gu dol. Bidh sinn a’ toirt seachad 45 pàidhir thiocaidean, pàidhir airson gach taisbeanaidh a tha a’ dol agus, air a’ cheann thall, buannaichidh cuideigin an turas air Cessna. Tha sinn airson gun seall sinn cho eadar-dhealaichte agus cho fìor ’s a tha dualchas na Gàidhealtachd. Tha sinn a’ dèanamh sin leis a’ phrògram seo agus le na farpaisean.”  

Chuir Linda Fabiani, Ministear an Dualchais, fàilte air prògram Blas 2008 agus thuirt i: “Tha an Riaghaltas seo a’ toirt taic do dhualchas làidir is misneachail na h-Alba – agus tha a’ Ghàidhlig agus a dualchas aig teis meadhan sin. Tha fèis Blas a’ togail air soirbheachadh nam Fèisean, agus bheir i spionnadh do cheòl traidiseanta is dhan Ghàidhlig air feadh na h-Alba, agus air feadh an t-saoghail. Tha mi a’ cur fàilte air prògram Blas 2008 a bhios na mheadhan air ar dualchas a chumail mar phàirt chudromach de dhòigh-beatha na Gàidhealtachd.” 

Chaidh Blas a dhealbh le Comhairle na Gàidhealtachd ann an co-bhonn ri Fèisean nan Gàidheal agus am Promoters Arts Network. Thuirt Sandy Park, Neach-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd: “Ann am beagan bhliadhnaichean, tha Blas air tighinn gu bhith na phrìomh fhèis sa Ghàidhealtachd a tha a’ cur chùisean air dòigh le freumhaichean sa Ghàidhealtachd. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur luach mòr air na tha Blas a’ cur ri fèin-aithne na sgìre a thaobh buaidh shòisealta is eaconamach, na tha iad a’ dèanamh dhan òigridh agus mar a tha iad a’ neartachadh agus a’ sgaoileadh na Gàidhlig. Tha sinn a’ cumail taic ri Blas gus leantainn orra a’ comharrachadh na Gàidhealtachd.”

Tha am prìomh mhaoineachadh airson na fèis bho EventScotland. Thuirt Paul Bush, an t-Àrd Oifigear: “Tha am Prògram Sgìreil na chothrom math airson rudan mar Blas gus an amas airson fàs a choileanadh. Bha iomadh tagradh againn airson maoineachadh agus bha e gu math doirbh taghadh a dhèanamh. Tha sinn toilichte le mar a tha iarrtas san raon seo air a bhith a’ cumail a’ fàs sna bliadhnaichean mu dheireadh agus tha sinn toilichte gun urrainn dhuinn taic a thoirt dhan fhèis Blas am bliadhna.”
 

30 May 2008