Co-chomhairleachadh air foghlam bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach is Loch Abar

Read this in English

Co-chomhairleachadh air foghlam bun-sgoile tro Mheadhan na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach is Loch Abar 

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air tòiseachadh air co-chomhairleachadh air molaidhean airson dà sgoil Ghàidhlig fa-leth a stèidheachadh, tè ann am Port Rìgh agus tè anns a’ Ghearasdan ann an Loch Abar. 

Gheibhear lethbhreac de na pàipearan co-chomhairleachaidh bho John Ritchie, Oifigear Sgìreil Foghlaim, Cultair agus Spòrs agus Oifigear Spòrs aig Port Rìgh 01478 613697 no sa Ghearasdan 01397 707350. Bu chòir daoine fa-leth a tha airson beachdan sgrìobhte a chur a-steach sin a dhèanamh ro Dhihaoine 10 Dàmhair 2008.

Chaidh litrichean cuideachd gu pàrantan ann an sgìre nan sgoiltean a thathar a’ moladh agus tha am pàipear co-chomhairleachaidh a bhuineas ris an sgìre aca nan cois.

Tha a’ Chomhairle cuideachd a’ cur choinneamhan poblach air dòigh ri riochdairean bho Ùghdarras an Fhoghlaim. Tha pàrantan chloinne, agus feadhainn sa choimhearsnachd air am faodadh na molaidhean bualadh san àm ri teachd, air an cuireadh gu na coinneamhan sin ann am Àrd-sgoil Phort Rìgh , Diciadain 24 Sultain agus ann am Bun-sgoil Chaitligich a’ Ghearasdain, Diardaoin 25 Sultain. Tòisichidh na dhà aig 7f.

                                                           -crìoch-

9 Sep 2008