Comhairle A’ Toirt Taic Do Chòisir Gàidhlig Inbhir Nis

Tha Maoin Coitcheann Math Inbhir Nis agus Comhairle na Gàidhealtachd a’ cuideachadh Còisir Gàidhlig Inbhir Nis gus a dhol gu Fèis nan Dathan Ceilteach ann an Ceap Bhreatainn eadar 9 – 16 An Dàmhair. ’S iad a’ chiad chòisir Gàidhlig à Alba a fhuair cuireadh.

Chuir an Còisir an turas air dòigh còmhla ri Zoom Airlines agus chaill iad an cuid airgid is an tiocaidean nuair a chaidh an companaidh sin fodha. Ach an dèidh mòran follaiseachd is togail-airgid, dhaingnich an còisir gun do cheannaich iad tiocaidean ùra agus gum bi iad a’ dol a Chanada. 

An-dè, dh’aontaich buill Maoin Coitcheann Math Inbhir Nis £4,000 a thoirt dhaibh gus an cuideachadh a’ ceannach thiocaidean eile airson a dhol a Cheap Bhreatainn. Bidh maoineachadh de £1,550 bho Chomhairle na Gàidhealtachd a’ toirt dhaibh bus eadar Inbhir Nis agus port-adhair Ghlaschu agus a’ tilleadh taobh Mòd na h-Eaglaise Brice.

Thuirt Iar-phròbhaist Comataidh Cathair Inbhir Nis, an Comhairliche Ailig Greumach: “Cho math ri bhith seinn, tha an còisir nan deagh riochdairean airson na Gàidhealtachd is nan Eilean. Bha Comataidh na Cathrach glè thoilichte taic a thoirt dhaibh bho Mhaoin Coitcheann Math Inbhir Nis airson iad a dhol a Chanada.” 

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha sinn toilichte taic a thoirt dhan chòisir airson a dhol a Cheap Bhreatainn. Tha Aonta Tuigse eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Roinn Alba Nuaidh gus cuairtean cànain is cultair a chur air dòigh agus tha Còisir Gàidhlig Inbhir Nis a’ riochdachadh na h-iomairt seo. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ guidhe gach soirbheachaidh dhan Chòisir ann an Ceap Bhreainn agus aig a’ Mhòd Nàiseanta san Eaglais Bhric.”  

Chuidich Barchester Healthcare, aig a bheil Taigh Cùraim Highview ann an Inbhir Nis a’ ceannach thiocaidean ùra agus togaidh an còisir airgead airson sin a phàigheadh air ais.

Thuirt Fiona NicCoinnich, bh- Chaidreachas Màiri Mhòr, a tha I fhèin sa chòisir agus a tha a’ co-òrdanachadh na h-iomairt: “ Nuair a cheannaich sinn na tiocaidean an toiseach, chosg iad £7,211 ach tha na tiocaidean ùra gu math nas daoire. Tha iad eadar £18 agus £20,000. Le bhith a’ bruidhinn ri mòran dhaoine agus gnìomhachasan ionadail is nàiseanta, thog sinn faisg air £13,000 mar-thà.

“Tha an còisir taingeil airson coibhneas nan daoine a chuidich iad agus cha mhòr gun urrainn dhuinn a chreidsinn na fhuair sinn de thaic. Chan e a-mhàin gun d’ fhuair sinn taic-airgid ach chaidh àitichean a thabhann dhuinn gus cùisean a chur air dòigh airson airgead a thogail, ceasaichean Drambuie, bratach àlainn bho chompanaidh ann an Glaschu a chleachdas an còisir nuair a bhios iad a’ seinn, companaidhean a chùm crannchur dhuinn, còmhlain a thabhainn cluich air ar son, agus na Peatbog Faeries, còmhlan às an Eilean Sgitheanach, faisg air 100 CD aig consairt Blas ann an Eden Court deireadh na seachdain.

“Chùm sinn trì consairtean ann an Inbhir Nis Disathairne – fear ann an Taigh a’ Bhaile, le cead bho Chomhairle na Gàidhealtachd mar phàirt de sgeama nan Dorsan Fosgailte, agus fear eile ann an Ceàrn na Seabhaig agus fear taobh a-muigh Eden Court – agus chòrd an t-seinn gu mòr ri daoine.

“Cumaidh sinn oirnn a’ togail airgid gus gum pàigh sinn na tiocaidean air ais agus tha  cèilidh gu bhith againn air an t- 27mh dhen t-Sultain ann an Spàtha Srath Pheofhair a thabhainn an t-àite dhuinn. Thabhainn dà chòmhlan ‘Meantime’ agus ‘Cnoc Ciùil Ceilidh Band’ cluich dhuinn an asgaidh. Tha an còisir toilichte gun urrainn dhuinn a dhol air ais gu bhith ag ullachadh agus a’ planadh an turais seach a bhith le uallach mu airgead.” 

Bheir bus na Comhairle an còisir air ais a dh’Inbhir Nis taobh a’ Mhòid Nàiseanta san Eaglais Bhric. Thuirt Ceann-suidhe a’ chòisir, agus Stiùiriche Taigh Cùraim Highview, Ola Nicrath: “Tha na seachdainean seo air a bhith doirbh  agus tha sinn a’ faireachdainn gur e dhol chun a’ Mhòid san Eaglais Bhric an dòigh as fheàrr air crìoch a chur air an turas. Ged a bhios sinn sgìth an dèidh a bhith ann an Ceap Bhreatainn, ’s iongantach gum bi e càil nas miosa na sgìths àbhaisteach a’ Mhòid!” 

Thuirt Seònaid NicGhriogair, oide Gàidhlig a’ chòisir: “Tha taic na Comhairle san dòigh seo a’ daingneachadh a dealais dhan Ghàidhlig is dhan dualchas agus cuidichidh an turas a Cheap Bhreatainn na ceanglaichean a th’ ann mar-thà ri prìomh bhaile na Gàidhealtachd.”

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu: Fiona NicCoinnich fòn: (01349) 868256 post-d: Fiona.mackenzie@highland.gov.uk no theirig gu làrach-lìn Còisir Gàidhlig Inbhir Nis aig: www.invernessgaelicchoir.org

-crìoch-

19 Nov 2008