£1.5 Millean Not airson Sgoiltean Gàidhlig sa Ghàidhealtachd

Read this in English

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air fàilte a chur air riarachadh de £1.5 millean bho Riaghaltas na h-Alba gus leigeil le obair deasachaidh tòiseachadh air Sgoiltean Gàidhlig ùra a thathar a’ moladh sa Ghearastan agus ann am Port Rìgh.

Dh’ainmich Mìcheal Russell, Ministear na Gàidhlig, an t-seilbh seo fhad’s a bha e a’ tadhal air Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, a dh’fhosgail san Lùnastal 2007.  Bidh a’ Chomhairle a dh’aithghearr a’ comharrachadh làraich fhreagarrach airson sgoiltean Gàidhlig iomlan a stèidheachadh ann am Port Rìgh agus sa Ghearastan agus leigidh am maoineachadh seo leis a’ Chomhairle adhartas air na pròiseactan seo a thoirt air adhart nas luaithe.
 
Thuirt Mìcheal Russell: “Nas tràithe air a’ mhìos seo, chuir Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Foghlam Beatha agus mi fhèin romhainn gun deidheamaid an gnìomh gu luath is gu riatanach gus ginealach ùr de luchd-labhairt Gàidhlig a chruthachadh.  Feumar oidhirpean is dealas bho gach taobh amas as ùr, is mar sin chuirinn fàilte air an dealas a tha Comhairle na Gàidhealtachd air a dhèanamh gus an t-solar foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig aice a mheudachadh.
 
“Gus ginealach ùr de luchd-labhairt a chruthachadh, tha e riatanach dha-rìribh gun cuir sinn airgead an seilbh ann an solar foghlaim Gàidhlig.  Tha comhairlean air feadh na h-Alba air àrdachadh fìor mhòr fhaicinn ann an iarrtas airson àiteachan tro mheadhan na Gàidhlig is mar sin tha riarachaidhean an làtha an-diugh deatamach airson an cuideachadh gus an t-iarrtas sin a choinneachadh.  Tha sinn a’ dèanamh cinnteach gun urrainn do phàrantan is do chloinn leantainn air adhart gus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thaghadh leis an fhios gum bi àite ri fhaotainn.”

Mhol am Ministear soirbheas Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, far a bheil 29 sgoilear – àireamh cho àrd ’s a bha ann fhathast – air tighinn gu Prìomh 1 airson an t-seisein ùr, a’ toirt clàr na sgoile gu 126.  Thathar an dùil gum bi mun aon àireamh a’ tighinn ann an 2010, agus bheir sin clàr na sgoile suas faisg air a bhith làn.

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig na Comhairle: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ cur fàilte air dealas Riaghaltas na h-Alba do bhith a’ cruthachadh ginealach ùr de luchd-labhairt Gàidhlig.  Tha sinn fìor thoilichte am maoineachadh a bharrachd fhaighinn, agus bheir seo cothrom dhuinn ullachadh gus togalaichean ùra airson dà bhun-sgoil ùr Ghàidhlig a thoirt air adhart nas luaithe, agus thathar a’ dèanamh fiughair ris an seo sa Ghearastan agus san Eilean Sgìtheanach.”

Thuirt Ceannard Rianachd na Comhairle, an Comhairliche Mìcheal Foxley:  “Tha mi fìor thoilichte leis an taic chudromach seo bho Riaghaltas na h-Alba.  Mar Chomhairliche Ionadail tha mi gu mòr airson a dhol air adhart gu Bun-sgoil Ghàidhlig a sheasas leatha fhèin, airson sgìre a’ Ghearastain, is bidh sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ gleidheadh maoineachadh a bharrachd san àm ri teachd.” 
 
-ends-
 

25 Aug 2009