Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, Moladh air Deagh Bhàrd

Read this in English

Tha Àrainn Shuaineirt ann an Sròn an t-Sìthein a’ cumail co-labhairt shònraichte an ath Dhisathairne (12 Sultain) gus beatha agus obair an t-sàr-bhàird Mhùideartaich Alasdair mac Mhaighstir Alasdair a chomharrachadh.

’S ann mu bheatha is eachdraidh an t-sàr-bhàird 18mh linn seo à Mùideart, a tha dh’fhaoidte a’ toirt bàrr air gach bàrd Gàidhlig a bha riamh ann, co-dhiù a thaobh iol-chomasachd, a tha a’ cho-labhairt seo.  Bidh sgoilearan, sgrìobhadairean, bàird agus luchd-ciùil air leth a’ tighinn còmhla airson co-labhairt agus dinnear àraid ro chonsairt “Clann Raghnaill” BLAS Disathairne agus cuairt-mhara air Loch Seile, “Ag ath-lorg cheumannan Alasdair”, Didòmhnaich.

Bheir a’ cho-labhairt seachad cothrom air leth gus litreachas Gàidhlig a chluinntinn agus bidh eòlaichean eachdraidh nan Seumasach a’ toirt seallaidhean ùra air a’ chom-pàirt a bha aig Alasdair ann an Ar-a-mach nan Seumasach bho shealladh gluasad an t-Soillseachaidh.  Am measg an luchd-labhairt bidh an t-Ollamh Murray Pittock, a tha an-dràsta a’ toirt a-mach an dàrna deasachadh den leabhar chudromach aige “the Myth of the Jacobite Clans”; Raghnall MacIlleDhuibh bho Oilthigh Dhùn Èidinn is a tha ainmeil airson a chuid eòlais air Alasdair; agus an luchd-eachdraidh John Watts aig a bheil eòlas farsaing air eachdraidh creideimh na sgìre agus Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a dh’innseas mu dhreuchd Alasdair taobh a-staigh a’ chinnidh.  Bidh am bàrd agus an cleasaiche Gàidhlig Aonghas Pàdraig Caimbeul sa chathair.

Le bhith a’ toirt cothrom do na h-uile, bho luchd-ùidh gu eòlaichean, gus an cuid eòlais mun sgìre is mun cho-theacsa san deach bàrdachd Alasdair a dhèanamh a dhoimhneachadh, agus le bhith a’ toirt cothrom a’ bhàrdachd fhaicinn an dà chuid sa Ghàidhlig agus mar eadar-theangachadh, comharraichidh a’ cho-labhairt cho fìor chudromach ’s a bha bàrdachd ann an cultar dùthchasach na Gàidhealtachd, agus cho fada ’s a tha sinn an comain Alasdair san t-seagh sin. 

Tha e gu h-àraid cudromach gu bheilear a’ cumail na co-labhairt ann an Sròn an t-Sìthein seach gun do dh’fhàs am bàrd ainmeil airson grunn aoirean drabasta a rinn e mar fhreagairt do na h-atharrachaidhean sòisealta a thàinig don sgìre nuair a thòisich mèinnearachd.  Tha Ealan nan Eilean a’ brosnachadh an tachartais seo ann an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd, agus thèid leabhar de na pàipearan co-labhairt  is de stuthan eadar-mhìneachaidh eile fhoillseachadh mar dhìleab.

Bidh consairt feasgair ann mar phàirt de Fhèis BLAS, a’ comharrachadh Clann Raghnaill, is bidh na pìobairean ainmeil à Gleann Ùige Ailean (Neach-aithris, neach-rannsachaidh & a’ phìob), Iain (a’ phìob & an fhìdeag) agus an Dr Aonghas Dòmhnallach (a’ phìob) ann, le taic bho Ingrid NicEanraig (clàrsach & seinn) agus Mairead Ford (seinn), agus Cuairt Chèilidh Fhèisean Loch Abair.

Gus an deireadh-sheachdain a thoirt gu crìch, bidh Cuairt Dhòmhnaich air an MV Sìleas air Loch Seile, “Ag ath-lorg cheumannan Alasdair”, a bheir com-pàirtichean gu Dail Eildhe, far an do rugadh Alasdair, agus far a bheil na craobhan daraich a chuir e fhathast nan seasamh, agus gu Eilean Naomh Fhinnein, far a bheil a shinnsearan air an tiodhlagadh.

Tha tiocaidean airson nan tachartasan uile rim faotainn air-loidhne aig thebooth.co.uk, agus gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho làrach-lìn Àrainn Shuaineirt aig www.sunartcentre.org (fòn: 01397 709228) no bho làrach-lìn BLAS aig blas-festival.co.uk.

-crìoch-

Nota do luchd-deasachaidh:

’S e sgiath choimhearsnachd Àrd-sgoil Àird nam Murchan ann an Sròn an t-Sìthein a tha ann an Àrainn Shuaineirt.  Tha an t-ionad air a stiùireadh le Comhairle na Gàidhealtachd ann an com-pàirteachas le Comataidh Stiùiridh ionadail Àrainn Shuaineirt.

Cuir fòn gu Eòghann MacIlleMhìcheil air 01397 709228 airson tuilleadh fiosrachaidh no ma tha thu airson tadhal air an ionad.

 

7 Sep 2009