Àrdsgoil Gheàrrloch a Buannachadh Deasbad BT Alba 2011

Read this in English

Ghabh a’ chuairt dheireannach de Dheasbad BT Alba 2011 àite ann am Pàrlamaid na h-Alba  a nochd fhèin eadar sgiobaidhean bho Àrdsgoil Gheàrrloch agus Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn.

Anns a’ chuairt dheireannach, anns an robh ceathrar nighean, ‘b iad Ceitidh Alice agus Anna Hulme, peathraichean à Geàrrloch, a bhuannaich aig a cheann thall.  Cha robh a’ chùis idir furasta do na britheamhan, Ruairidh Iain MacLeòid, Jo NicDhòmhnaill agus Raonaid Nic a’ Phearsain.  Chaidh moladh a thoirt do chailleagan Allt a’ Mhuilinn, Caitlin Nic a’ Ghobhainn agus Emily NicFhionghain airson an sàr ìre de dheasbad.

 ‘B e Anna Hulme  a ghlèidh duais Neach-labhairt as Fheàrr ann an Deasbad 2011 agus bha Alasdair MacLeòid bhon BhBC an làthair airson an duais a thoirt seachad.  Bha na britheamhan air an beò ghlacadh leis Anna bho fhìor thoiseach am farpais agus a thuilleadh air a bhith a’ toiert seachad argamaid a bha air a dheagh rannsachadh cha robh na h-òraidean aig Anna air an sgrìobhadh sìos.  Dùbhlan do dh’inbheach sam bith, bha òraidean Anna proifeasanta, air an deagh lìbhrigeadh agus làn stoidhle.

-crioch-

14 Dec 2011